bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Job 12
Job 12
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 13 →
1
Agus fhreagair Iob, agus thubhairt e,
2
Chan eil teagamh nach sibhse an sluagh, agus maille ribhse bàsaichidh gliocas!
3
Ach agamsa tha tuigse, mar a tha agaibhse; chan ìsle mise na sibhse: agus cò aig nach eil fhios air an leithidean sin?
4
Mar neach a tha na bhall-magaidh aig a charaid tha mise, a ghairmeas air Dia, agus freagraidh e e: na bhall-fochaid tha an duine ceart ionraic.
5
Mar lòchran fo thàir ann an smuaintean an tì a tha aig fois, bidh esan a bhios ullamh gu sleamhnachadh le a chois.
6
Sìochail bidh pàilleanan chreachadairean; agus tèarainte bidh iadsan a bhrosnaicheas Dia; don tug Dia nì nan làimh.
7
Ach feòraich a‑nis de na h‑ainmhidhean, agus teagaisgidh iad thu; agus de eunlaith nan speur, agus innsidh iad dhut:
8
No labhair ris an talamh, agus teagaisgidh e thu; agus cuiridh iasg na mara an cèill dhut.
9
Cò aig nach eil fhios a‑thaobh nan nithean seo uile, gur i làmh an Tighearna a rinn seo,
10
Aig a bheil na làimh anam gach nì beò, agus anail gach uile fheòil dhaoine?
11
Nach dearbh a’ chluas briathran? Agus nach blais am beul a bhiadh?
12
Anns na h‑aosda tha gliocas; agus ann am fad làithean tuigse.
13
Maille ris-san tha gliocas agus neart; aigesan tha comhairle agus tuigse.
14
Feuch, brisidh e sìos, agus cha togar suas: druididh e suas duine, agus chan fhosglar.
15
Feuch, cumaidh e na h‑uisgeachan air an ais, agus tiormaichidh iad suas; agus cuiridh e a‑mach iad, agus tilgidh iad bun-os‑cionn an talamh.
16
Aigesan tha neart agus gliocas: is leis-san esan a mheallar, agus esan a mheallas.
17
Cuiridh e air falbh comhairlich creachte, agus de bhritheamhan nì e amadain.
18
Cuibhreach rìghrean sgaoilidh e, agus crioslaichidh e crios air an leasraidh.
19
Cuiridh e air falbh uachdarain creachte, agus tilgidh e sìos na cumhachdaich.
20
Atharraichidh e cainnt nam fìrinneach, agus bheir e air falbh tuigse nan aosmhor.
21
Taomaidh e tàir air àrd-uaislean agus lagaichidh e neart nan daoine treuna.
22
Taisbeanaidh e nithean doimhne à dorchadas, agus bheir e sgàil a’ bhàis gu solas.
23
Meudaichidh e na cinnich, agus sgriosaidh e iad: farsaingichidh e na cinnich, agus cumhangaichidh e iad.
24
Bheir e air falbh cridhe ceannardan sluagh na talmhainn, agus cuiridh e air seachran iad ann am fàsach as eugmhais slighe.
25
Smeuraichidh iad anns an dorchadas, agus iad gun solas; agus bheir e orra tuisleachadh mar dhuine air mhisg.
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 13 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42