bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Job 34
Job 34
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 33
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 35 →
1
A thuilleadh air seo fhreagair Elihu, agus thubhairt e,
2
Cluinnibh mo bhriathran, a dhaoine glice, agus èisdibh rium, sibhse aig a bheil eòlas:
3
Oir dearbhaidh a’ chluas briathran, agus blaisidh am beul biadh.
4
Roghnaicheamaid dhuinn fhèin breitheanas: biodh fhios againn eadarainn fhèin ciod an nì a tha math.
5
Oir thubhairt Iob, Tha mi ionraic; agus thug Dia air falbh mo bhreitheanas.
6
Ann am bhreitheanas tha mi air mo mhealladh: tha mo lot do‑leighis, as eugmhais easaontais.
7
Cò an duine a tha cosmhail ri Iob, a dh’òlas suas magadh mar uisge?
8
A dh’imicheas ann an cuideachd luchd-dèanamh na h‑euceirt, agus a shiùbhlas le droch dhaoine.
9
Oir thubhairt e, Chan eil tairbhe ann do dhuine tlachd a ghabhail ann an Dia.
10
Uime sin èisdibh rium, sibhse a dhaoine tuigseach: Fada gu robh aingidheachd o Dhia, agus euceart on Uile-chumhachdach.
11
Oir gnìomh duine ìocaidh e dha agus bheir e air gach duine gum faigh e a rèir a shlighe.
12
Seadh, gu cinnteach cha dèan Dia gu h‑aingidh, agus cha chlaon an t‑Uile-chumhachdach breitheanas.
13
Cò a chuir an talamh fo a chùram, agus cò a shuidhich an domhan uile?
14
Ma chuireas e a chridhe air, ma chruinnicheas e da ionnsaigh fhèin a spiorad agus a anail;
15
Bàsaichidh gach uile fheòil le chèile, agus tillidh an duine a‑rìs don duslach.
16
A‑nis ma tha tuigse agad, cluinn seo; èisd ri guth mo bhriathar:
17
An riaghail esan fhèin aig a bheil fuath do cheartas? Agus an dìt thu esan as ro‑cheirte?
18
An abrar ri rìgh, Tha thu aingidh? Ri daoine urramach, Tha sibh ain-diadhaidh?
19
Ris-san nach gabh ri gnùis uachdaran, agus nach meas an saoibhir nas mò na am bochd? Oir is iad uile obraichean a làmh.
20
Gu h‑obann gheibh iad bàs, agus mu mheadhon-oidhche cuirear an sluagh fo bhuaireas, agus siùbhlaidh iad: agus bheirear an cumhachdach air falbh gun làmh.
21
Oir tha a shùilean air slighean duine, agus chì e a cheuman gu lèir.
22
Chan eil dorchadas no sgàil bàis ann, far am falaich luchd-dèanamh na h‑aingidheachd iad fhèin.
23
Oir cha leig e tuilleadh is a chòir air duine, a‑chum gun rachadh e ann am breitheanas ri Dia.
24
Brisidh e sìos daoine cumhachdach gun àireamh, agus cuiridh e suas daoine eile nan àite.
25
Uime sin is aithne dha an gnìomharan, agus tilgidh e bun-os‑cionn iad anns an oidhche, agus sgriosar iad.
26
Mar dhroch dhaoine buailidh e iad ann an sealladh soilleir dhaoine eile:
27
A chionn gun do thionndaidh iad air an ais uaithe, agus nach tug iad fa‑near aon air bith de a shlighean.
28
Air chor is gun tug iad air glaodh nam bochd teachd da ionnsaigh, agus gun cuala e glaodh nan truaghan.
29
Nuair a bheir esan fois, cò a nì buaireas? Agus nuair a dh’fhalaicheas e a ghnùis, cò a chì e? Mas ann a‑thaobh cinnich, no a‑thaobh duine a‑mhàin.
30
A‑chum nach rìghich duine a bhios na chealgair, air eagal gum biodh an sluagh air an ribeadh.
31
Gu cinnteach ri Dia tha e iomchaidh ra ràdh, Ghiùlain mi smachdachadh, cha chiontaich mi nas mò.
32
An nì nach lèir dhomh, teagaisg thusa dhomh: ma rinn mi aingidheachd, cha dèan mi sin nas mò.
33
An ann a rèir do thoile-sa a bu chòir an nì a bhith? Dìolaidh e e, ma dhiùltas tusa, oir is tu fhèin a roghnaicheas, agus cha mhise; uime sin an nì as aithne dhut labhair.
34
Innseadh daoine tuigseach dhomh, agus èisdeadh duine glic rium.
35
Labhair Iob gun eòlas, agus bha a bhriathran as eugmhais gliocais.
36
Is e mo mhiann Iob a bhith air a dhearbhadh a‑chum na crìche, airson a fhreagraidhean le daoine aingidh.
37
Oir tha e a’ cur ceannairc ra pheacadh, a’ bualadh a bhas nar measg, agus a’ dèanamh a bhriathran lìonmhor an aghaidh Dhè.
← Chapter 33
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 35 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
Recommended Reading
Commentary
Job Commentaries
→
Devotional
Job Devotional Guide
→
Get This Bible
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba , Study Bible
→