bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Job 24
Job 24
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 23
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 25 →
1
Carson, o nach d’fhalaicheadh aimsirean on Uile-chumhachdach, nach faic iadsan don aithne e a làithean?
2
Atharraichidh iad na comharraidhean-talmhainn; bheir iad treudan leo le fòirneart, agus biadhaidh iad iad.
3
Iomainidh iad air falbh asal nan dìlleachdan; mar gheall glacaidh iad damh na bantraich.
4
Tionndaidhidh iad na feumaich as an t‑slighe: le chèile falaichidh bochdan na talmhainn iad fhèin.
5
Feuch, mar asalan fiadhaich anns an fhàsach thèid iad a‑mach a‑chum an obrach, ag èirigh gu moch a‑chum creiche: bheir am fàsach biadh dhaibh dan òigridh.
6
Anns an fhearann buainidh iad arbhar; agus cruinnichidh iad fìon-fhogharadh an aingidh.
7
Bheir iad air an lomnochd laighe gun aodach, agus gun chòmhdachadh anns an fhuachd.
8
Le frasan nam beann bidh iad fliuch, agus a dhìth fasgaidh gabhaidh iad nan glacan a’ charraig.
9
Spìonaidh iad an dìlleachdan on chìch, agus on bhochd gabhaidh iad geall.
10
Bheir iad air imeachd lomnochd, gun aodach; agus o na h‑acraich bheir iad leo an sguab.
11
An taobh a‑staigh dem ballachan fàisgidh iad ola; bruthaidh iad am fìon-amair, agus fuilingidh iad tart.
12
As a’ bhaile tha daoine ag osnaich, agus èighidh anam nan daoine leònte; gidheadh cha chuir Dia amaideachd as an leth.
13
Tha iad dhiubhsan a dh’èireas suas an aghaidh an t‑solais; chan aithne dhaibh a shlighean, agus cha ghluais iad na cheuman.
14
Leis an t‑solas èiridh am mortair, agus marbhaidh e am bochd agus am feumach; agus anns an oidhche bidh e mar ghadaiche.
15
Mar an ceudna feithidh sùil an adhaltranaich ris an dùbhra, ag ràdh, Chan fhaic sùil mi; agus cuiridh e falach air a aghaidh.
16
Cladhaichidh iad anns an dorchadas tro thaighean a chomharraich iad dhaibh fhèin anns an là; chan aithne dhaibh an solas:
17
Oir tha a’ mhadainn dhaibhsan mar sgàil a’ bhàis: ma dh’aithnicheas neach iad, bidh iad ann an uamhasan sgàil a’ bhàis.
18
Luath tha e mar na h‑uisgeachan; mallaichear an cuibhreann air an talamh: chan fhaic e slighe nam fìonlios.
19
Bheir tiormachd agus teas leo uisgeachan an t‑sneachda; an uaigh iadsan a pheacaich.
20
Dìochuimhnichidh a’ bhrù e; biadhaidh a’ chnuimh gu milis air; nas mò cha chuimhnichear e; agus brisear aingidheachd mar chrann.
21
Bidh e olc ris a’ mhnaoi neo-thorraich, nach beir clann; agus don bhantraich cha dèan e math.
22
Agus tàirngidh e na daoine treuna le a neart: èiridh e suas, agus chan eil neach air bith cinnteach de a bheatha.
23
Bheir e dha a bhith ann an tèarainteachd, agus as a sin earbaidh e; ach tha a shùilean air an slighean.
24
Ardaichear iad rè tamaill, ach cha bhi iad ann; ìslichear iad, agus mar na h‑uile bheirear air falbh iad, agus mar cheann dèise gearrar as iad.
25
Agus mura eil e mar sin a‑nis, cò a nì breugaire dhìom, agus a bheir gu neoni mo chainnt?
← Chapter 23
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 25 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42