bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Job 4
Job 4
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 5 →
1
An sin fhreagair Eliphas an Temanach, agus thubhairt e,
2
Ma dh’fheuchas sinn ri labhairt riut, an gabh thu gu h‑olc e? Ach cò as urrainn e fhèin a chumail o labhairt?
3
Feuch, theagaisg thusa mòran, agus neartaich thu na làmhan laga.
4
Esan a bha a’ tuiteam chùm do bhriathran suas, agus na glùinean anfhann neartaich thu.
5
Ach a‑nis thàinig e ort, agus ghabh thu gu h‑olc e: bhean e riut, agus tha thu fo amhluadh.
6
Nach e d’eagal diadhaidh d’earbsa, agus ionracas do shlighean do dhòchas?
7
Cuimhnich, guidheam ort, cò e an neochiontach a sgriosadh? No càit an do ghearradh as na h‑ionracain?
8
A rèir mar a chunnaic mise, iadsan a threabhas euceart, agus a chuireas aingidheachd, buainidh iad e.
9
Le sèideadh Dhè sgriosar iad, agus le anail a shròine cuirear as dhaibh.
10
Tha beucaich an leòmhainn, agus guth an leòmhainn ghairg, agus fiaclan nan leòmhann òga, air am briseadh.
11
Tha seann leòmhann a’ bàsachadh a dhìth cobhartaich, agus sgarar o chèile cuileanan an leòmhainn bhoirinn.
12
Ach am ionnsaigh-sa thugadh facal gu h‑uaigneach, agus ghabh mo chluas beagan dheth.
13
Ann an smuaintean o aislingean na h‑oidhche, nuair a thuiteas cadal trom air daoine,
14
Thàinig eagal orm agus crith, a thug air mo chnàmhan gu lèir criothnachadh:
15
Agus ghabh spiorad seachad ro mo ghnùis; sheas falt mo chuirp:
16
Sheas e, ach cha d’aithnich mi a chruth: dealbh fa chomhair mo shùl-tosd, agus chuala mi guth:
17
Am bi duine nas ceirte na Dia? Am bi fear nas glaine na a Chruithear?
18
Feuch, as a sheirbhisich chan earb e; agus as leth a ainglean cuiridh e amaideachd:
19
Nach lugha na sin asdasan, a tha nan còmhnaidh ann an taighean creadha, aig a bheil am bunait anns an duslach, a bhruthar ron leòmann?
20
O mhadainn gu feasgar bruthar iad; gun neach ann ga thoirt fa‑near, thèid as dhaibh gu bràth.
21
Nach siubhail am feabhas air falbh maille riu? Bàsaichidh iad, agus chan ann le gliocas.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42