bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Job 31
Job 31
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 30
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 32 →
1
Rinn mi coicheangal rim shùilean: carson, matà, a smaoinichinn air maighdinn?
2
Oir ciod e cuibhreann Dhè on ionad shuas, agus oighreachd an Uile-chumhachdaich on àirde?
3
Nach eil sgrios ann don droch dhuine, agus coimhichead do luchd-dèanamh na h‑euceirt?
4
Nach eil e a’ faicinn mo shlighean, agus ag àireamh mo cheuman gu lèir?
5
Ma ghluais mi le dìomhanas, agus ma ghreas mo chas a‑chum ceilge;
6
Cudthromaichear mi ann am meidhean a’ cheartais, a‑chum gum bi fhios aig Dia air m’ionracas.
7
Ma thionndaidh mo cheum as an t‑slighe, agus an dèidh mo shùl gun do ghluais mo chridhe, agus rim làmhan gun do lean smal air bith;
8
Cuiream, agus itheadh neach eile; seadh, biodh mo shliochd air an spìonadh as am freumh.
9
Ma mhealladh mo chridhe le mnaoi, agus aig doras mo choimhearsnaich ma rinn mi feall-fhalach;
10
Meileadh mo bhean do neach eile, agus cromadh daoine eile oirre:
11
Oir is cionta mòr seo, agus is euceart e airson nam britheamh.
12
Oir is teine e a loisgeas a‑chum sgrios, agus a spìonadh as m’fhàs uile.
13
Ma rinn mi tàir air cùis m’òglaich, no mo bhanoglaich, nuair a thagair iad rium;
14
Ciod, matà, a nì mi nuair a dh’èireas Dia? Agus nuair a dh’fhiosraicheas e, ciod a fhreagras mi dha?
15
Nach e an tì a rinn mise anns a’ bhroinn, a rinn esan? Agus nach aon a dhealbh sinn anns a’ bhroinn?
16
Ma chùm mi na bochdan o am miann, agus ma thug mi air sùilean na bantraich fàilneachadh;
17
No ma dh’ith mi mo ghreim am aonar, agus nach d’ith an dìlleachdan dheth;
18
(Oir om òige dh’fhàs e suas maille rium, mar aig a athair: agus o bhroinn mo mhàthar threòraich mi ise;)
19
Ma chunnaic mi neach a’ bàsachadh a dhìth aodaich, agus nach robh còmhdachadh aig a’ bhochd;
20
Mura do bheannaich a leasraidh mi, agus mura do bhlàthaicheadh e le lomradh mo chaorach;
21
Ma thog mi mo làmh an aghaidh an dìlleachdain, nuair a chunnaic mi mo chòmhnadh anns a’ gheata;
22
Tuiteadh mo ghàirdean on t‑slinnean, agus brisear mo ruighe on chnàimh.
23
Oir bha sgrios o Dhia na uamhas dhòmhsa, agus a‑thaobh a àirde-san cha robh e an comas dhomh fulang.
24
Ma chuir mi anns an òr mo dhòchas, agus ma thubhairt mi ris an òr fhìorghlan, Is tu m’earbsa;
25
Ma rinn mi gàirdeachas a chionn gu robh mo bheartas mòr, agus a chionn gun d’fhuair mo làmh mòran;
26
Ma dh’amhairc mi air a’ ghrèin nuair a dhealraich i, no air a’ ghealaich a’ gluasad ann an soillse,
27
Agus gun do mhealladh mo chridhe os ìosal, agus gun do phòg mo bheul mo làmh:
28
Is cionta seo mar an ceudna airson a’ bhritheimh; oir dh’àichinn an Dia a tha shuas.
29
Ma rinn mi gàirdeachas ri sgrios an tì a dh’fhuathaich mi, agus ma thog mi mi fhèin suas a chionn gun tàinig olc air:
30
Oir cha do leig mi lem bheul peacachadh le mallachadh iarraidh air a anam.
31
Mura dubhairt fir mo phàillein, Och nach robh sinn air ar sàsachadh le a fheòil!
32
A‑muigh cha do laigh an coigreach: mo dhoras dh’fhosgail mi don fhear-turais.
33
Ma cheil mi, mar Adhamh, m’easaontais, lem euceart fhalach am uchd:
34
Nuair a bha eagal orm ro mhòr-shluagh, no a chuir tarcais theaghlach uamhas orm, agus a bha mi am thosd, agus nach deachaidh mi a‑mach air doras.
35
Och nach èisdeadh aon rium! Feuch, is e mo mhiann gum freagradh an t‑Uile-chumhachdach mi, agus gun sgrìobhadh m’fhear-casaid leabhar.
36
Gu deimhinn air mo ghualainn ghabhainn e; cheanglainn e mar choron orm.
37
Àireamh mo cheuman chuirinn an cèill dha; mar cheannard rachainn am fagas dha.
38
Ma dh’èigheas m’fhearann am aghaidh, no ma ghearaineas mar an ceudna a chlaisean:
39
Ma dh’ith mi a thoradh gun airgead, no ma thug mi air a luchd-seilbh an anam a chall:
40
An àite cruithneachd fàsadh droighneach, agus an àite eòrna, feanntagach. Chrìochnaicheadh briathran Iob.
← Chapter 30
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 32 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42