bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Numbers 13
Numbers 13
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 14 →
1
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
2
Cuir daoine uat, a‑chum is gun rannsaich iad tìr Chanàain, a bheir mise do chloinn Israeil; as gach uile threubh den athraichean cuiridh sibh duine, gach aon dhiubh na cheannard nam measg.
3
Agus chuir Maois iad o fhàsach Phàrain, a rèir àithne an Tighearna: bu cheannardan na daoine sin uile air cloinn Israeil.
4
Agus is iad seo an ainmean: De threubh Reubein, Samua mac Shacuir.
5
De threubh Shimeoin, Saphat mac Hori.
6
De threubh Iùdah, Càleb mac Iephuneh.
7
De threubh Isachair, Igal mac Iòseiph.
8
De threubh Ephraim, Hosèa mac Nuin.
9
De threubh Bheniàmin, Palti mac Raphu.
10
De threubh Shebuluin, Gadiel mac Shodi.
11
De threubh Iòseiph, eadhon de threubh Mhanaseh, Gadi mac Shusi.
12
De threubh Dhan, Amiel mac Ghemali.
13
De threubh Aseir, Setur mac Mhichaeil.
14
De threubh Naphtali, Nahbi mac Uopsi.
15
De threubh Ghad, Geuel mac Mhachi.
16
Is iad sin ainmean nan daoine a chuir Maois a ghabhail beachd air an fhearann. Agus thug Maois Iehosua mar ainm air Hosèa, mac Nuin.
17
Agus chuir Maois iad a ghabhail beachd air talamh Chanàain, agus thubhairt e riu, Rachaibh suas anns an t‑slighe seo mu dheas, agus gabhaibh suas a‑chum na beinne;
18
Agus faicibh am fearann, ciod e, agus an sluagh a tha nan còmhnaidh ann, a bheil iad làidir no anfhann, tearc no lìonmhor;
19
Agus ciod e am fearann anns a bheil iad a chòmhnaidh, a bheil e math no olc; agus ciod iad na bailtean anns a bheil iad nan còmhnaidh, an ann am bùthan, no ann an daingnichean làidir;
20
Agus ciod e an talamh, a bheil e reamhar no bochd, a bheil coille ann no nach eil. Agus biodh agaibh deagh mhisneach, agus thugaibh leibh de thoradh an fhearainn. (A‑nis b’e an t‑àm àm nan ciad dhearcan-fìona abaich.)
21
Mar sin chaidh iad suas, agus rannsaich iad am fearann o fhàsach Shin gu Rehob, mar a thèid daoine gu Hamat.
22
Agus chaidh iad suas mu dheas, agus thàinig iad gu Hebron, far an robh Ahiman, Sesai, agus Talmai, mic Anaic. (A‑nis thogadh Hebron seachd bliadhna ro Shòan anns an Eiphit.)
23
Agus thàinig iad gu sruth Escoil, agus gheàrr iad sìos as a sin geug le aon bhagaid fhìondhearc, agus ghiùlain iad i eadar dithis air luirg: agus thug iad leo de na pomgranatan, agus de na fìgean.
24
Thugadh sruth Escoil mar ainm air an àite sin, airson a’ bhagaid fhìon-dhearcan a gheàrr clann Israeil sìos as a sin.
25
Agus thill iad o rannsachadh an fhearainn an dèidh dà‑fhichead là.
26
Agus dh’imich iad, agus thàinig iad gu Maois, agus gu Aaron, agus gu co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, gu fàsach Phàrain, gu Cadeis; agus thug iad leo fios dan ionnsaigh, agus a dh’ionnsaigh a’ cho-chruinneachaidh uile, agus dh’fheuch iad dhaibh toradh na tìre.
27
Agus dh’innis iad dha, agus thubhairt iad, Thàinig sinne a dh’ionnsaigh an fhearainn gus an do chuir thu sinn, agus gu deimhinn tha e a’ sruthadh le bainne agus le mil; agus is e seo a thoradh.
28
Gidheadh, tha an sluagh làidir a tha nan còmhnaidh anns an fhearann, agus tha na bailtean air an cuartachadh le ballachan, agus ro‑mhòr: agus os bàrr, chunnaic sinn clann Anaic an sin.
29
Tha na h‑Amalecich nan còmhnaidh ann am fearann na h‑àird a deas; agus tha na Hitich, agus na h‑Iebusaich, agus na h‑Amoraich, nan còmhnaidh anns na beanntan; agus tha na Canàanaich nan còmhnaidh làimh ris an fhairge, agus ri taobh Iòrdain.
30
Agus chiùinich Càleb an sluagh an làthair Mhaois, agus thubhairt e, Rachamaid suas a dh’aon fheachd, agus sealbhaicheamaid e; oir is urrainn sinn gu cinnteach a cheannsachadh.
31
Ach thubhairt na daoine a chaidh suas maille ris, Chan urrainn sinn dol suas an aghaidh an t‑sluaigh; oir is treasa iad na sinne.
32
Agus thug iad droch sgeul air an fhearann a rannsaich iad gu cloinn Israeil, ag ràdh, Am fearann tron deachaidh sinne ga rannsachadh, is fearann e a tha ag ithe suas a luchd-àiteachaidh, agus an sluagh uile a chunnaic sinn ann, is daoine iad de mheudachd mhòir.
33
Agus chunnaic sinn na famhairean an sin, mic Anaic, a thàinig o na famhairean; agus bha sinne nar sealladh fhèin mar fhionnain-fheòir, agus bha sinn mar sin nan sealladh-san.
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 14 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36