bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Numbers 26
Numbers 26
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 25
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 27 →
1
Agus thàrladh an dèidh na plàighe, gun do labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Eleàsar mac Aaroin, an sagart, ag ràdh,
2
Gabhaibh àireamh co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, trìd thaighean an athraichean, iadsan uile as urrainn dol a‑mach gu cogadh ann an Israel.
3
Agus labhair Maois agus Eleàsar an sagart riu ann an còmhnardan Mhòaib, làimh ri Iòrdan am fagas do Iericho, ag ràdh,
4
Gabhaibh àireamh an t‑sluaigh o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois agus do chloinn Israeil, a chaidh a‑mach à tìr na h‑Eiphit.
5
Reuben, am mac a bu shine aig Israel: clann Reubein: Hanoch, o a bheil teaghlach nan Hanochach: o Phalu, teaghlach nam Paluthach:
6
O Hesron, teaghlach nan Hesronach: o Charmi, teaghlach nan Carmach.
7
Is iad sin teaghlaichean nan Reubeneach: agus b’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, dà‑fhichead agus trì mìle agus seachd ceud agus deich-ar‑fhichead.
8
Agus mic Phalu: Eliab.
9
Agus mic Eliaib: Nemuel, agus Datan, agus Abiram. Is iad seo an Datan agus an t‑Abiram a bha ainmeil anns a’ cho-chruinneachadh, a rinn strì an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin ann an cuideachd Chorah, nuair a rinn iad strì an aghaidh an Tighearna:
10
Agus a dh’fhosgail an talamh a bheul, agus a shluig e suas iad maille ri Corah, nuair a bhàsaich a’ chuideachd sin, nuair a loisg an teine suas dà cheud agus lethcheud fear: agus rinneadh iad nan comharradh.
11
Gidheadh, cha do bhàsaich clann Chorah.
12
Mic Shimeoin, a rèir an teaghlaichean: o Nemuel, teaghlach nan Nemueleach: o Iamin, teaghlach nan Iamineach: o Iachin, teaghlach nan Iachineach:
13
O Sherah, teaghlach nan Sarhach: o Shaul, teaghlach nan Saulach.
14
Is iad sin teaghlaichean nan Simeonach, fichead agus dà mhìle agus dà cheud.
15
Clann Ghad, a rèir an teaghlaichean: o Shèphon, teaghlach nan Sèphonach: o Hagi, teaghlach nan Hagitheach: o Shuni, teaghlach nan Sunitheach:
16
O Osni, teaghlach nan Osnitheach: o Eri, teaghlach nan Eritheach:
17
O Arod, teaghlach nan Arodach: o Areli, teaghlach nan Arelitheach:
18
Is iad sin teaghlaichean chloinn Ghad, a rèir na dh’àirmheadh dhiubh, dà‑fhichead mìle agus còig ceud.
19
B’iad mic Iùdah, Er agus Onan: agus fhuair Er agus Onan bàs ann an tìr Chanàain.
20
Agus b’iad mic Iùdah, a rèir an teaghlaichean; o Shelah, teaghlach nan Selanach: o Pharets, teaghlach nam Pharetseach: o Sherah, teaghlach nan Sarhach:
21
Agus b’iad mic Pharets; o Hesron, teaghlach nan Hesronach: o Hamul, teaghlach nan Hamulach.
22
Is iad sin teaghlaichean Iùdah, a rèir na dh’àirmheadh dhiubh, trì-fichead agus sia-mìle-deug agus còig ceud.
23
De mhic Isachair, a rèir an teaghlaichean: o Tholah, teaghlach nan Tolahach: o Phua, teaghlach nam Punach:
24
O Iasub, teaghlach nan Iasubach: o Shimron, teaghlach nam Simronach.
25
Is iad sin teaghlaichean Isachair, a rèir na chaidh àireamh dhiubh, trì-fichead agus ceithir mìle agus trì cheud.
26
De mhic Shebuluin, a rèir an teaghlaichean: o Shered, teaghlach nan Sardach: o Elon, teaghlach nan Elonach: o Iaheel, teaghlach nan Iahleeleach.
27
Is iad sin teaghlaichean nan Sebulunach, a rèir na chaidh àireamh dhiubh, trì-fichead mìle agus còig ceud.
28
B’iad mic Iòseiph, a rèir an teaghlaichean, Manaseh agus Ephraim.
29
De mhic Mhanaseh: o Mhachir, teaghlach nam Machireach; agus ghin Machir Gilead: o Ghilead thàinig teaghlach nan Gileadach.
30
Is iad seo mic Ghilead: o Ieser, teaghlach nan Iesereach: o Helec, teaghlach nan Heleceach:
31
Agus o Asriel, teaghlach nan Asrieleach: agus o Shechem, teaghlach nan Sechemeach:
32
Agus o Shemida, teaghlach nan Semideach: agus o Hepher, teaghlach nan Hephereach.
33
Agus cha robh aig Selophehad, mac Shepheir mic sam bith, ach nigheanan: agus b’iad ainmean nigheanan Shelophehaid, Mahla, agus Nòah, Hoglah, Milcah, agus Tirsah.
34
Is iad sin teaghlaichean Mhanaseh, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, lethcheud agus dà mhìle agus seachd ceud.
35
Is iad seo mic Ephraim, a rèir an teaghlaichean: o Shutelah, teaghlach nan Suteleach: o Bhecher, teaghlach nam Bechereach: o Thahan, teaghlach nan Tahanach.
36
Agus is iad seo mic Shutelah: o Eran, teaghlach nan Eranach.
37
Is iad sin teaghlaichean mic Ephraim, a rèir na chaidh àireamh dhiubh, dà‑mhìle-dheug ar fhichead agus còig ceud. Is iad sin mic Iòseiph a rèir an teaghlaichean.
38
Mic Bheniàmin, a rèir an teaghlaichean: o Bhelah, teaghlach nam Belahach: o Asbel, teaghlach nan Asbeleach: o Ahiram, teaghlach nan Ahiramach:
39
O Shupham, teaghlach nan Suphamach: o Hupham, teaghlach nan Huphamach.
40
Agus b’iad mic Bhelah Ard agus Nàaman: o Ard, teaghlach nan Ardach: agus o Nàaman, teaghlach nan Nàamanach.
41
Is iad sin mic Bheniàmin, a rèir an teaghlaichean: agus b’iadsan a chaidh àireamh dhiubh, dà‑fhichead agus còig mìle agus sia ceud.
42
Is iad seo mic Dhan, a rèir an teaghlaichean: o Shuham, teaghlach nan Suhamach. Is iad seo teaghlaichean Dhan, a rèir an teaghlaichean.
43
B’iad teaghlaichean nan Suhamach uile, a rèir na chaidh àireamh dhiubh, trì-fichead agus ceithir mìle agus ceithir cheud.
44
De chloinn Aseir, a rèir an teaghlaichean: o Iimna, teaghlach nan Iimnathach: o Bheriah, teaghlach nam Beritheach.
45
De mhic Bheriah: o Heber, teaghlach nan Hebereach: o Mhalchiel, teaghlach nam Malchieleach.
46
Agus b’e ainm nighean Aseir, Sàrah.
47
Is iad sin teaghlaichean mic Aseir, a rèir na chaidh àireamh dhiubh, leth-cheud agus trì mìle agus ceithir cheud.
48
De mhic Naphtali, a rèir an teaghlaichean: o Iahseel, teaghlach nan Iahseeleach: o Ghuni, teaghlach nan Gunitheach:
49
O Ieser, teaghlach nan Iesereach: o Shillem, teaghlach nan Sillemeach.
50
Is iad sin teaghlaichean Naphtali a rèir an teaghlaichean: agus b’iadsan a dh’àirmheadh dhiubh, dà‑fhichead agus còig mìle agus ceithir cheud.
51
B’iad sin iadsan a dh’àirmheadh de chloinn Israeil, sia ceud mìle agus aon mhìle, seachd ceud agus deich-ar‑fhichead.
52
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
53
Dhaibh sin roinnear am fearann mar oighreachd, a rèir àireamh nan ainm.
54
Do mhòran bheir thu nas mò de oighreachd, agus do bheagan bheir thu nas lugha de oighreachd: bheirear a oighreachd fhèin do gach aon, a rèir an àireimh.
55
Gidheadh, roinnear am fearann le crannchur: a rèir ainmean treubhan an athraichean gheibh iad an oighreachd.
56
A rèir a’ chrannchuir roinnear a shealbh eadar mhòran agus bheagan.
57
Agus is iad seo iadsan a dh’àirmheadh de na Lèbhithich, a rèir an teaghlaichean: o Gherson, teaghlach nan Gersonach: o Chohat, teaghlach nan Cohatach: o Mherari, teaghlach nam Meraritheach.
58
Is iad seo teaghlaichean nan Lèbhitheach: teaghlach nan Libnitheach, teaghlach nan Hebronach, teaghlach nam Mahlahach, teaghlach nam Muisitheach, teaghlach nan Corahach: agus ghin Cohat Amram.
59
Agus b’e ainm bean Amraim Iochebed, nighean Lèbhi, a rug a màthair do Lèbhi anns an Eiphit: agus rug i do Amram, Aaron, agus Maois, agus Miriam am piuthar.
60
Agus do Aaron rugadh Nàdab, agus Abihu, Eleàsar agus Itàmar.
61
Agus fhuair Nàdab agus Abihu bàs, nuair a thug iad suas teine coimheach an làthair an Tighearna.
62
Agus b’iadsan a chaidh àireamh dhuibh, fichead agus trì mìle, fireannaich uile o mhìos a dh’aois agus os a chionn: oir cha d’àirmheadh iad am measg chloinn Israeil, a chionn nach tugadh oighreachd dhaibh am measg chloinn Israeil.
63
Is iad sin iadsan a chaidh àireamh le Maois agus Eleàsar an sagart, a rinn clann Israeil àireamh ann an còmhnardan Mhòaib, làimh ri Iòrdan am fagas do Iericho.
64
Ach nam measg sin cha robh aon duine dhiubhsan a rinn Maois agus Aaron an sagart àireamh, nuair a ghabh iad àireamh chloinn Israeil, ann am fàsach Shinài:
65
Oir thubhairt an Tighearna umpasan, Gheibh iad gu deimhinn bàs anns an fhàsach. Agus cha d’fhàgadh duine dhiubh, saor o Chàleb mac Iephuneh, agus Iosua mac Nuin.
← Chapter 25
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 27 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36