bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Numbers 29
Numbers 29
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 28
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 30 →
1
Agus anns an t‑seachdamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, bidh co‑ghairm naomh agaibh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh: is là sèideadh nan trompaid dhuibh e.
2
Agus bheir sibh seachad mar ìobairt-loisgte, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna, aon tarbh òg, aon reithe, agus seachd uain den chiad bhliadhna gun ghaoid:
3
Agus bidh an tabhartas-bìdh de fhlùr measgte le ola, trì deicheamh earrannan airson tairbh, agus dà dheicheamh earrann airson reithe,
4
Agus aon deicheamh earrann, airson gach uain, air feadh nan seachd uan;
5
Agus aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh, a dhèanamh rèite air ur son:
6
A thuilleadh air ìobairt-loisgte a’ mhìosa, agus a tabhartas-bìdh, agus an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe, a rèir an gnàtha, a‑chum fàile chùbhraidh, ìobairt a bheirear suas le teine don Tighearna.
7
Agus bidh agaibh air an deicheamh là den t‑seachdamh mìos seo co‑ghairm naomh: agus cràdhaidh sibh ur n‑anaman: obair sam bith cha dèan sibh air.
8
Ach bheir sibh seachad a‑chum ìobairt-loisgte don Tighearna de fhàile cùbhraidh, aon tarbh òg, aon reithe, agus seachd uain den chiad bhliadhna; gun ghaoid bidh iad dhuibh.
9
Agus bidh an tabhartas-bìdh de fhlùr measgte le ola, trì deicheamh earrannan airson gach tairbh, agus dà dheicheamh earrann airson gach reithe,
10
Deicheamh earrann air leth airson gach uain, air feadh nan seachd uan;
11
Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air ìobairt-pheacaidh na rèite, agus an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe.
12
Agus air a’ chòigeamh-là‑deug den t‑seachdamh mìos, bidh co‑ghairm naomh agaibh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh; agus gleidhidh sibh fèill don Tighearna seachd làithean.
13
Agus bheir sibh seachad a‑chum ìobairt-loisgte, ìobairt a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna, trì-tairbh-dheug òga, dà reithe, agus ceithir-uain-deug den chiad bhliadhna; gun ghaoid bidh iad.
14
Agus bidh an tabhartas-bìdh de fhlùr measgte le ola, trì deicheamh earrannan airson gach tairbh de na trì-tairbh-dheug, dà dheicheamh earrann airson gach reithe den dà reithe,
15
Agus deicheamh earrann air leth airson gach uain de na ceithir-uain-deug;
16
Agus aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe.
17
Agus air an dara là bheir sibh seachad dà‑tharbh-dheug òg, dà reithe, ceithir-uain-deug den chiad bhliadhna gun ghaoid:
18
Agus bidh an tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe airson nan tarbh, airson nan reitheachan, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha;
19
Agus aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus a tabhartasan-dibhe.
20
Agus air an treas là aon-tarbh-deug, dà reithe, ceithir-uain-deug den chiad bhliadhna gun ghaoid:
21
Agus bidh an tabhartas-bìdh agus an tabhartasan-dibhe, airson nan tarbh, airson nan reitheachan, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha;
22
Agus aon bhoc-goibhre a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe.
23
Agus air a’ cheathramh là deich tairbh, dà reithe, agus ceithir-uain-deug den chiad bhliadhna gun ghaoid:
24
Bidh an tabhartas-bìdh agus an tabhartasan-dibhe, airson nan tarbh, airson nan reitheachan, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha;
25
Agus aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe.
26
Agus air a chòigeamh là naoi tairbh, dà reithe, agus ceithir-uain-deug den chiad bhliadhna gun ghaoid:
27
Agus bidh an tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe, airson nan tarbh, airson nan reitheachan, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha;
28
Agus aon bhoc-goibhre a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe.
29
Agus air an t‑siathamh là ochd tairbh, dà reithe, agus ceithir-uain-deug den chiad bhliadhna gun ghaoid:
30
Agus bidh an tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe, airson nan tarbh, airson nan reitheachan, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha;
31
Agus aon bhoc-goibhre a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe.
32
Agus air an t‑seachdamh là, seachd tairbh, dà reithe, agus ceithir-uain-deug den chiad bhliadhna gun ghaoid:
33
Agus bidh an tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe, airson nan tarbh, airson nan reitheachan, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha;
34
Agus aon bhoc-goibhre a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe.
35
Agus air an ochdamh là bidh àrd-choitheanal agaibh: obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air:
36
Ach bheir sibh seachad a‑chum ìobairt-loisgte ìobairt a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna, aon tarbh, aon reithe, seachd uain den chiad bhliadhna gun ghaoid:
37
Bidh an tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe, airson an tairbh, airson an reithe, agus airson nan uan, a rèir an àireimh, a rèir a’ ghnàtha;
38
Agus aon bhoc-goibhre a‑chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus a tabhartas-dibhe.
39
Na nithean sin nì sibh don Tighearna nur fèillean suidhichte; a thuilleadh air ur bòidean, agus ur tabhartasan saor-thoile, airson ur n‑ìobairtean-loisgte, agus airson ur tabhartas-bìdh, agus airson ur tabhartas-dibhe, agus airson ur tabhartas-sìthe.
40
Agus dh’innis Maois do chloinn Israeil a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
← Chapter 28
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 30 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36