bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Numbers 2
Numbers 2
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 3 →
1
Agus labhair an Tighearna ri Maois, agus ri Aaron, ag ràdh,
2
Suidhichidh gach duine de chloinn Israeil làimh ra bhrataich fhèin, maille ri suaicheantas taigh an athraichean: fad as mun cuairt air pàillean a’ choitheanail suidhichidh iad.
3
Agus air taobh na h‑àird an ear, leth ri èirigh na grèine, suidhichidh luchd-brataich camp Iùdah, a rèir an armailtean: agus bidh Nahson mac Aminadaib na cheannard air cloinn Iùdah.
4
Agus b’iad a armailt-san, eadhon iadsan a chaidh àireamh dhiubh, trì-fichead agus ceithir-mìle-deug agus sia ceud.
5
Agus am fagas dha suidhichidh treubh Isachair: agus bidh Nataneel mac Shuair na cheannard air cloinn Isachair.
6
Agus b’iad a armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhith, leth-cheud agus ceithir mìle agus ceithir cheud.
7
An sin treubh Shebuluin: agus bidh Eliab mac Heloin na cheannard air cloinn Shebuluin.
8
Agus b’iad a armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhith, leth-cheud agus seachd mìle agus ceithir cheud.
9
Na h‑uile a chaidh àireamh ann an camp Iùdah, b’iad ceud mìle agus ceithir-fichead mìle agus sia mìle agus ceithir cheud, a rèir an armailtean: thèid iad seo a‑mach air thùs.
10
Air taobh na h‑àird a deas bidh bratach camp Reubein, a rèir an armailtean: agus na cheannard air cloinn Reubein bidh Elisur mac Shedeuir.
11
Agus b’iad a armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhith, dà‑fhichead agus sia mìle agus còig ceud.
12
Agus làimh ris suidhichidh treubh Shimeoin; agus bidh Selumiel mac Shurisadai na cheannard air cloinn Shimeoin.
13
Agus b’iad a armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhith, leth-cheud agus naoi mìle agus trì cheud.
14
An sin treubh Ghad: agus na cheannard air mic Ghad, bidh Eliasaph mac Reueil.
15
Agus b’iad a armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, dà‑fhichead agus còig mìle agus sia ceud agus lethcheud.
16
Na h‑uile a chaidh àireamh ann an camp Reubein, b’iad ceud mìle, agus lethcheud agus aon mhìle, agus ceithir cheud agus lethcheud, a rèir an armailtean: agus thèid iadsan a‑mach anns an dara òrdagh.
17
An sin thèid pàillean a’ choitheanail air aghaidh, maille ri camp nan Lèbhitheach am meadhon a’ champa: mar a champaicheas iad, mar sin thèid iad air an aghaidh, gach duine na àite fhèin, làimh rim brataichean.
18
Air taobh na h‑àird an iar bidh bratach camp Ephraim, a rèir an armailtean: agus bidh Elisama mac Amihuid na cheannard air mic Ephraim.
19
Agus b’iad a armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, dà‑fhichead mìle agus còig ceud.
20
Agus làimh ris-san bidh treubh Mhanaseh: agus bidh Gameliel mac Phedahsuir na cheannard air cloinn Mhanaseh.
21
Agus b’iad a armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, dà‑mhìle-dheug ar fhichead agus dà cheud.
22
An sin treubh Bheniàmin: agus bidh Abidan mac Ghideoni na cheannard air mic Bheniàmin.
23
Agus b’iad a armailt-san agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, còig-mìle-deug ar fhichead agus ceithir cheud.
24
B’iadsan uile a dh’àirmheadh de champ Ephraim, ceud mìle, agus ochd mìle agus ceud, a rèir an armailtean: agus thèid iadsan air an aghaidh anns an treas òrdagh.
25
Bidh bratach camp Dhan air taobh na h‑àird a tuath a rèir an armailtean: agus bidh Ahieser mac Amisadai na cheannard air cloinn Dhan.
26
Agus b’iad a armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, trì-fichead agus dà mhìle agus seachd ceud.
27
Agus làimh ris campaichidh treubh Aseir; agus bidh Pagiel mac Ocrain na cheannard air cloinn Aseir.
28
Agus b’iad a armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, dà‑fhichead agus aon mhìle agus còig ceud.
29
An sin treubh Naphtali: agus bidh Ahira mac Enain na cheannard air cloinn Naphtali.
30
Agus b’iad a armailt-san, agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, leth-cheud agus trì mìle agus ceithir cheud.
31
B’iadsan uile a chaidh àireamh ann an camp Dhan, ceud mìle agus leth-cheud agus seachd mìle agus sia ceud: imichidh iadsan fa dheireadh lem brataichean.
32
Is iad sin iadsan a dh’àirmheadh de chloinn Israeil, a rèir taighean an athraichean: b’iadsan uile a chaidh àireamh de na campannan, a rèir an armailtean, sia ceud mìle agus trì mìle agus còig ceud agus lethcheud.
33
Ach cha d’àirmheadh na Lèbhithich am measg chloinn Israeil, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
34
Agus rinn clann Israeil a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois: mar sin champaich iad làimh rim brataichean, agus mar sin chaidh iad air an aghaidh, gach aon a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36