bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Numbers 15
Numbers 15
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 14
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 16 →
1
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
2
Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a thig sibh a‑chum fearann ur n‑àiteachan-còmhnaidh, a tha mise a’ tabhairt dhuibh,
3
Agus a bheir sibh suas tabhartas le teine don Tighearna, tabhartas-loisgte no ìobairt, gu bòid a choileanadh, no mar thabhartas saor-thoile, no nur n‑àrd-fhèillean, a dhèanamh fàile chùbhraidh don Tighearna, den sprèidh no den treud:
4
An sin bheir esan a bheir seachad a thabhartas don Tighearna, seachad tabhartas-bìdh den deicheamh cuid de fhlùr, measgte maille ris a’ cheathramh cuid de hin ola.
5
Agus bheir thu seachad an ceathramh cuid de hin fìona mar thabhartas-dibhe, maille ris an tabhartas-loisgte no an ìobairt, airson aon uain.
6
No airson reithe, bheir thu seachad mar thabhartas-bìdh, dà dheicheamh cuid de fhlùr, measgte leis an treas cuid de hin ola.
7
Agus a‑chum tabhartais-dibhe, bheir thu seachad an treas cuid de hin fìona, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna.
8
Agus nuair a bheir thu seachad tarbh òg mar ìobairt-loisgte, no mar ìobairt gu bòid a choileanadh, no mar ìobairt-shìth don Tighearna,
9
An sin bheirear maille ris an tarbh òg, tabhartas-bìdh de thrì deich codaichean de fhlùr, measgte le leth hin ola.
10
Agus bheir thu seachad a‑chum tabhartais-dibhe leth hin fìona, a‑chum tabhartais a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.
11
Mar seo nìthear airson aon tairbh, no airson aon reithe, no airson uain, no minn.
12
A rèir an àireimh a bheir sibh seachad, mar sin nì sibh do gach aon, a rèir an àireimh.
13
Gach neach a rugadh anns an dùthaich, nì e na nithean sin air a’ mhodh seo, ann an tabhartas a thoirt seachad a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.
14
Agus ma bhios coigreach air chuairt maille ribh, no cò air bith e a bhios nur measg nur ginealaichean, agus gun toir e seachad tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna; mar a nì sibhse, mar sin nì esan.
15
Bidh aon reachd dhuibhse a tha den cho-chruinneachadh, agus mar an ceudna don choigreach a tha air chuairt maille ribh, reachd sìorraidh nur ginealaichean: mar a tha sibhse, mar sin bidh an coigreach an làthair an Tighearna.
16
Aon lagh, agus aon mhodh, bidh agaibhse, agus aig a’ choigreach a tha air chuairt maille ribh.
17
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
18
Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a thèid sibh a‑steach don fhearann da bheil mise gur tabhairt,
19
An sin tàrlaidh, nuair a dh’itheas sibh de aran an fhearainn, gun toir sibh suas tabhartas-togte don Tighearna.
20
Bheir sibh suas breacag den chiad chuid de ur taois, mar thabhartas-togte; mar a thogas sibh tabhartas-togte an ùrlair-bhualaidh, mar sin togaidh sibh i.
21
Den chiad chuid de ur taois bheir sibh don Tighearna tabhartas-togte, nur ginealaichean.
22
Agus ma rinn sibh mearachd, agus nach do ghlèidh sibh na h‑àitheantan sin uile a labhair an Tighearna ri Maois,
23
Eadhon gach nì a dh’àithn an Tighearna dhuibh le làimh Mhaois, on là sin anns an tug an Tighearna àithne do Mhaois, agus o sin suas air feadh ur ginealaichean:
24
An sin tàrlaidh, ma rinneadh nì sam bith ann an aineolas, gun fhios don cho-chruinneachadh, gun toir an co‑chruinneachadh uile seachad aon tarbh òg a‑chum ìobairt-loisgte, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna, maille ra thabhartas-bìdh, agus a thabhartas-dibhe, a rèir a ghnàtha, agus aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh.
25
Agus nì an sagart rèite airson co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, agus maithear dhaibh e, oir is aineolas a tha ann: agus bheir iad leo an tabhartas, ìobairt a bheirear suas le teine don Tighearna, agus an ìobairt-pheacaidh an làthair an Tighearna, airson an aineolais.
26
Agus maithear e do cho-chruinneachadh chloinn Israeil uile, agus don choigreach a tha air chuairt nam measg; do bhrìgh gu robh an sluagh uile ann an aineolas.
27
Agus ma pheacaicheas anam sam bith trìd aineolais, an sin bheir e leis gobhar den chiad bhliadhna a‑chum ìobairt-pheacaidh.
28
Agus nì an sagart rèite airson an anama a pheacaicheas gu h‑aineolach, nuair a pheacaicheas e le aineolas an làthair an Tighearna, a dhèanamh rèite air a shon; agus maithear dha e.
29
Bidh aon lagh agaibh air a shon-san a pheacaicheas trìd aineolais, araon air a shon-san a rugadh am measg chloinn Israeil, agus airson a’ choigrich a tha air chuairt nam measg.
30
Ach an t‑anam a nì a’ bheag gu h‑an‑dàna (co‑dhiù a rugadh e anns an tìr, no is coigreach e) tha esan a’ toirt eas-urraim don Tighearna; agus gearrar an t‑anam sin as o mheasg a shluaigh.
31
Do bhrìgh gun do rinn e tàir air facal an Tighearna, agus gun do bhris e a àithne, gearrar an t‑anam sin as gu tur: bidh a aingidheachd air fhèin.
32
Agus nuair a bha clann Israeil anns an fhàsach, fhuair iad duine a’ tional mhaidean air là na sàbaid.
33
Agus thug iadsan a fhuair e a’ tional mhaidean a dh’ionnsaigh Mhaois e, agus a dh’ionnsaigh Aaroin, agus a dh’ionnsaigh a cho-chruinneachaidh uile.
34
Agus chuir iad an làimh e, a chionn nach d’innseadh ciod a bu chòir a dhèanamh ris.
35
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Cuirear an duine gu cinnteach gu bàs; clachaidh an co‑chruinneachadh uile e le clachan an taobh a‑muigh den champ.
36
Agus thug an co‑chruinneachadh uile a‑mach as a’ champ e, agus chlach iad e le clachan, agus fhuair e bàs: mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
37
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
38
Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, iad a dhèanamh fabhra dhaibh fhèin air iomallan an aodaich air feadh an ginealaichean, agus iad a chur air fabhra nan iomall còrd gorm.
39
Agus bidh e dhuibh mar fhabhra, agus amhaircidh sibh air, a‑chum gun cuimhnich sibh uile àitheantan an Tighearna, agus gun dèan sibh iad; agus nach iarr sibh an dèidh ur cridhe agus ur sùl fhèin, nithean as àbhaist dhuibh dol nan dèidh le ana-miann:
40
A‑chum is gun cuimhnich, agus gun dèan sibh m’àitheantan uile, agus gum bi sibh naomh dur Dia.
41
Is mise an Tighearna ur Dia, a thug a‑mach sibh à tìr na h‑Eiphit, gu bhith am Dhia dhuibh: Is mise an Tighearna ur Dia.
← Chapter 14
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 16 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36