bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Song of Solomon 1
Song of Solomon 1
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 2 →
1
Dàn nan dàn, dàn Sholaimh.
2
Pògadh e mi le pògan a bheòil; oir is math do ghràdh seach fìon.
3
Airson fàile cùbhraidh is math d’ola-ungaidh-sa: is ola-ungaidh air a dòrtadh d’ainm; uime sin ghràdhaich na h‑òighean thu.
4
Tarraing mi. Ad dhèidh ruithidh sinn. Da sheòmraichean threòraich an Rìgh mi. Nì sinn luathghaire agus bidh aoibhneas oirnn annadsa: cuiridh sinn an cuimhne do ghràdh nas mò na fìon: ghràdhaich na fìreanan thu.
5
Dubh tha mi, ach sgiamhach, O a nigheanan Ierusaleim, mar bhùthan Chedair, mar chùirteanan rìomhach Sholaimh.
6
Na biodh umhail agaibh ged tha mi dorcha, a chionn gun d’amhairc a’ ghrian orm: bha mic mo mhàthar am feirg rium; rinn iad coimheadaiche nam fìonlios dhìom: am fìonlios a bu leam fhèin cha do choimhead mi.
7
Innis dhomh, O thusa da bheil gràdh aig m’anam, càit an ionaltair thu do threudan, càit an toir thu orra laighe sìos mu mheadhon-là; oir carson a bhithinn mar aon air faondradh am measg treudan do chompanach?
8
Mura bheil fhios agad, O thusa as àillidh am measg bhan, imich a‑mach air luirg an treud, agus ionaltair do mhinn làimh ri bùthan nan aodhairean.
9
Ri eich ann an carbadan Phàraoh samhlaicheam thu, a bhean mo ghaoil.
10
Is àillidh do ghruaidhean le sreathan sheud, do mhuineal le slabhraidhean.
11
Sreathan òir nì sinn dhut, le ballachan airgid.
12
Am feadh a tha an Rìgh aig a fhleadh tha mo spiocnard a’ sgaoileadh a fhàile cùbhraidh.
13
Is ceanglachan mirr mo ghràdh dhòmhsa; eadar mo chìochan laighidh e rè na h‑oidhche.
14
Tha mo ghràdh dhòmhsa mar bhasgaid den chrann-champhir ann am fìonliosan En‑gedi.
15
Feuch, tha thu àillidh, a bhean mo ghaoil; feuch, tha thu àillidh; tha sùilean chalaman agad.
16
Feuch, tha thu àillidh, fhir mo ghràidh, agus taitneach, agus tha ar n‑uirigh uaine.
17
Is croinn sheudair sailthean ar taighe, croinn-ghiuthais ar ceann-fhiodh.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8