bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Song of Solomon 6
Song of Solomon 6
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 7 →
1
Càit an deachaidh fear do ghràidh, O thusa as àillidh am measg bhan? Cia an taobh a thionndaidh fear do ghràidh? Agus iarraidh sinn e maille riut.
2
Chaidh fear mo ghràidh-sa sìos da lios, gu leapaichean nan spìosraidh, a dh’ionaltradh anns na liosan, agus a thional lilidh.
3
Is le fear mo ghràidh mise, agus is leamsa fear mo ghràidh: tha e ag ionaltradh am measg nan lilidh.
4
Is àillidh thu, a bhean mo ghaoil, mar Thirsah, maiseach mar Ierusalem, uamhasach mar shluagh lem brataichean.
5
Tionndaidh uam do shùilean, oir chlaoidh iad mi: tha d’fhalt mar threud ghobhar a nochdar o Ghilead.
6
Tha do dheud mar threud chaorach, a thàinig a‑nìos on àite-nighidh, a bheireas gach aon dhiubh càraid, agus gun aon chaora sheasg nam measg.
7
Mar mhìr de phomgranat tha do chamagan am meadhon do chiabh.
8
Tha trì-fichead bànrighinn, agus ceithir-fichead leannan ann, agus òighean gun àireamh.
9
Is ise na h‑aonar mo chalaman, mo bhean choileanta; is i aon nighean a màthar i, a seircean-se a rug i. Chunnaic na nigheanan i, agus bheannaich iad i; na bànrighnean agus na leannain, agus mhol iad i.
10
Cò ise a chìthear mar a’ mhadainn, sgiamhach mar a’ ghealach, glan mar a’ ghrian, uamhasach mar shluagh lem brataichean?
11
Do lios nan cnò chaidh mi sìos, a ghabhail beachd air toradh a’ ghlinne, a dh’fhaicinn an robh an fhìonain fo bhlàth, an robh na pomgranatan a’ briseadh a‑mach.
12
Mun tug mi an aire, ar leam gun do thàirngeadh a‑mach dhomh carbadan Aminadaib.
13
Till, till, a bhan-Shulamach, till, till, agus amhairceamaid ort. Carson a dh’amhairceadh sibh air a’ bhan-Shulamaich mar bhuidheann dà fheachd?
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 7 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8