bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Song of Solomon 7
Song of Solomon 7
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 8 →
1
Cia àillidh do chasan ann am brògan, a nighean rìoghail! Tha uilt do shliasad mar usgraichean, obair làmhan fir-ceàirde:
2
Tha d’imleag mar chuaich chruinn, air nach bi easbhaidh dibhe; do bhalg mar dhùn cruithneachd, cuartaichte le lilidhean.
3
Tha do dhà chìch mar dhà mheann earba, càraid na maoislich.
4
Tha do mhuineal mar thùr ìbhoraidh; do shùilean mar lochan èisg ann an Hesbon, làimh ri geata Bhat-rabaim; do shròn mar thùr Lebanoin, a sheallas a làimh Dhamascais.
5
Tha do cheann ort cosmhail ri Carmel, agus falt do chinn cosmhail ri corcar: tha an rìgh ceangailte na sheòmraichean.
6
Cia àillidh, agus cia taitneach a tha thu, a ghaoil, ann ad mhaisealachd!
7
Tha an àirde sin agad cosmhail ri craoibh-phailme, agus tha do chìochan mar bhagaidean fhìondhearc.
8
Thubhairt mi, Sreapaidh mi suas don chraoibh-phailme, gabhaidh mi greim de a geugan: agus a‑nis bidh do chìochan mar bhagaidean den fhìon-chraoibh, agus cùbhraidheachd d’aodainn mar chùbhraidheachd nan ubhall:
9
Mar an ceudna do chàirean mar am fìon as fheàrr, airson mo ghràidh, a thèid sìos gu milis, a’ toirt cainnte do bhilean an dream a chaidleas.
10
Is le fear mo ghràidh mise, agus is ann ormsa a tha a chion.
11
Thig, fhir mo ghràidh, rachamaid a‑mach don mhachair; fanamaid rè na h‑oidhche anns na bailtean.
12
Anns a’ mhoch-thràth rachamaid do na fìonliosan, seallamaid a bheil an fhìonchraobh air teachd fo bhlàth, a bheil an fhìondhearc bheag ga nochdadh fhèin, a bheil na pomgranatan air briseadh a‑mach: an sin bheir mi mo ghràdh dhut.
13
Tha na mandragan a’ tabhairt fàile cùbhraidh uapa; agus aig ar geatachan, gach meas as taghte, ùr agus sean, fhir mo ghràidh, thaisg mi dhutsa.
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 8 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8