bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Song of Solomon 8
Song of Solomon 8
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
1
Is truagh nach robh thu mar mo bhràthair, a dheoghail cìochan mo mhàthar! Nam faighinn a‑muigh thu, phògainn thu, agus cha dèante tàir orm.
2
Threòraichinn thu, bheirinn leam thu do thaigh mo mhàthar, a theagaisgeadh mi; bheirinn ort òl de fhìon spìosrach, de shùgh mo phomgranait.
3
Bhiodh a làmh chlì fom cheann, agus bhiodh a làmh dheas timcheall orm.
4
Cuiream mar fhiachaibh oirbh, a nigheanan Ierusaleim, air earban agus air èildean na machrach, nach cuir sibh dragh air, agus nach dùisg sibh mo ghràdh gus an àill leis fhèin.
5
Cò ise a tha a’ teachd a‑nìos on fhàsach, an taice ri fear a gràidh? Fon chraoibh-ubhall thog mi suas thu: an sin bha do mhàthair ri saothair ort; an sin bha i ri saothair, rug i thu.
6
Cuir mise mar sheula air do chridhe, mar sheula air do ghàirdean; oir làidir mar am bàs tha an gràdh, an‑iochdmhor mar an uaigh an t‑eud: is èibhlean a teine a èibhlean-san, lasair ro‑gharg.
7
Chan urrainn uisgeachan lìonmhor an gràdh a mhùchadh, agus cha bhàth na tuiltean e. Nan tugadh duine uile mhaoin a thaighe airson gràidh, dhèanadh daoine tàir air gu tur.
8
Tha piuthar bheag againn, agus chan eil cìochan aice: ciod a nì sinn airson ar peathar, anns an là anns an labhrar ma timcheall?
9
Mas balla i, togaidh sinn oirre lùchairt airgid; agus mas doras i, dùinidh sinn suas i le bùird sheudair.
10
Bu bhalla mi, agus bha mo chìochan mar thùir; an sin bha mi na shùilean mar aon a fhuair deagh-ghean.
11
Bha fìonlios aig Solamh, ann am Bàal-hamon; dh’earb e am fìonlios ri luchd-coimhead; bha gach fear gu tabhairt dha, airson a thoraidh, mìle bonn airgid.
12
Tha am fìonlios as leamsa fam chomhair: tha am mìle bonn dhutsa, a Sholaimh; agus dà cheud do luchd-coimhead a thoraidh.
13
O thusa a chòmhnaicheas anns na liosan, tha do chompanaich a’ cluinntinn do ghutha; thoir ormsa a chluinntinn.
14
Luathaich ort, fhir mo ghràidh, agus bi cosmhail ri earban, no ri laogh fèidh air beanntan nan spìosraidh.
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8