bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Song of Solomon 5
Song of Solomon 5
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 6 →
1
Tha mi air teachd dom lios, a phiuthar, a chèile; thionail mi mo mhirr maille rim spìosraidh; dh’ith mi mo chìr-mheala maille rim mhil; dh’òl mi m’fhìon maille rim bhainne. Ithibh, a chàirdean, òlaibh, seadh, òlaibh gu pailt, a luchd mo ghràidh.
2
Tha mi am chadal, ach tha mo chridhe na fhaireachadh. Guth fir mo ghràidh a’ bualadh! Fosgail dhomh, mo phiuthar, mo bhanacharaid, mo chalaman, mo bhean choileanta; oir tha mo cheann còmhdaichte le drùchd, mo chiabhan le braoin na h‑oidhche.
3
Chuir mi dhìom mo thrusgan; cionnas a chuireas mi orm e? Dh’ionnlaid mi mo chasan; cionnas a shalaicheas mi iad?
4
Chuir fear mo ghràidh a làmh tro tholl an dorais, agus ghluaiseadh m’innigh air a shon.
5
Dh’èirich mi a dh’fhosgladh do fhear mo ghràidh; agus shil mo làmhan mirr, agus mo mheòir mirr ruithteach, air làmhan na glaise.
6
Dh’fhosgail mi do fhear mo ghràidh; ach thionndaidh fear mo ghràidh, agus dh’imich e roimhe. Thrèig m’anam mi nuair a labhair e. Dh’iarr mi e, ach cha d’fhuair mi e; ghairm mi air, ach cha do fhreagair e mi.
7
Fhuair an luchd-faire a bha a’ dol air an cuairtean anns a’ bhaile mi; bhuail iad mi, lot iad mi; thug luchd-coimhead nam balla m’fhallaing dhìom.
8
Cuiream mar fhiachaibh oirbh, a nigheanan Ierusaleim, ma gheibh sibh fear mo ghràidh, gun innis sibh dha mar a tha mi tinn le gràdh.
9
Ciod e fear do ghràidh-sa thar fear-ghràidh eile, O thusa as àillidh am measg bhan? Ciod e fear do ghràidh-sa thar fear-ghràidh eile, gun do chuir thu air an dòigh seo mar fhiachaibh oirnn?
10
Tha fear mo ghràidh-sa geal agus dearg, sònraichte am measg deich mìle.
11
Tha a cheann mar an t‑òr as glaine; a chiabhan bachlagach, dubh mar am fitheach.
12
Tha a shùilean mar shùilean chalaman làimh ri sruthan uisgeachan, a nigheas iad fhèin ann am bainne, air an suidheachadh gu ceart.
13
Tha a ghruaidhean mar leabaidh spìosraidh, mar bhlàthan cùbhraidh; a bhilean mar lilidhean a’ sileadh mirr ruithtich.
14
Tha a làmhan mar fhàinnean òir suidhichte le berilean; a chom mar fhiacail elephaint lìomhte, air a cur thairis le saphirean.
15
Tha a chasan mar phuist marmoir, suidhichte air bonnan den òr as glaine; a choslas mar Lebanon, barraichte mar na seudair.
16
Is ro‑mhilis a bheul; seadh, tha e gu lèir ionmhainn. Is e seo fear mo ghràidh-sa, agus is e seo mo charaid, a nigheanan Ierusaleim.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8