bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Exodus 11
Exodus 11
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 12 →
1
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Bheir mi aon phlàigh fhathast air Phàraoh, agus air an Èiphit; an dèidh sin leigidh e leibh imeachd as a seo: nuair a leigeas e leibh imeachd, gu cinnteach fuadaichidh e a‑mach as a seo sibh gu h‑iomlan.
2
Labhair a‑nis ann an cluasan an t‑sluaigh, agus iarradh gach duine o a choimhearsnach, agus gach bean o a ban‐choimhearsnaich, seudan airgid agus seudan òir.
3
Agus thug an Tighearna deagh‐ghean don t‑sluagh ann an sùilean nan Èiphiteach. Mar an ceudna, bha an duine Maois ro‑mhòr ann an tìr na h‑Èiphit, ann an sùilean seirbhisich Phàraoh, agus ann an sùilean an t‑sluaigh.
4
Agus thubhairt Maois, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Mu mheadhon‐oidhche thèid mi a‑mach do mheadhon na h‑Èiphit:
5
Agus gheibh gach ciad‐ghin ann an tìr na h‑Èiphit bàs, o chiad‐ghin Phàraoh, a tha na shuidhe air a rìgh‐chathair, eadhon gu ciad‐ghin na ban‐tràille a tha air cùl a’ mhuilinn, agus uile chiad‐ghin nan ainmhidhean.
6
Agus bidh èigheach mhòr ann an tìr na h‑Èiphit uile, nach robh riamh a leithid ann, cha mhò a bhitheas a leithid ann tuilleadh.
7
Ach an aghaidh aoin de chloinn Israeil cha charaich madadh a theanga, aon chuid an aghaidh duine no ainmhidh; a‑chum is gum bi fhios agaibh cionnas a chuireas an Tighearna dealachadh eadar na h‑Èiphitich agus Israel.
8
Agus thig iad sin do sheirbhisich uile sìos am ionnsaigh‐sa, agus cromaidh iad iad fhèin dhomh, ag ràdh, Imich a‑mach, agus an sluagh uile a tha gad leantainn; agus an dèidh sin thèid mi a‑mach. Agus chaidh e a‑mach o Phàraoh ann an corraich mhòir.
9
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Chan èisd Phàraoh ribh, a‑chum is gum meudaichear m’iongantasan ann an tìr na h‑Èiphit.
10
Agus rinn Maois agus Aaron na h‑iongantasan sin uile ann am fianais Phàraoh: agus chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha do leig e le cloinn Israeil imeachd as a dhùthaich.
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 12 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40