bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Exodus 37
Exodus 37
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 36
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 38 →
1
Agus rinn Besalil an àirc de fhiodh sitim; dà làimh‐choille gu leth a fad, agus làmh‐choille gu leth a leud, agus làmh‐choille gu leth a h‑àirde:
2
Agus chòmhdaich e thairis i le òr fìorghlan, a‑staigh agus a‑muigh; agus rinn e coron òir dhi mun cuairt.
3
Agus thilg e dhi ceithir failbheagan òir, gu bhith air a ceithir oisnean: eadhon dà fhailbheig air aon taobh dhith, agus dà fhailbheig air an taobh eile dhith.
4
Agus rinn e bataichean de fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le òr.
5
Agus chuir e na bataichean anns na failbheagan air taobhan na h‑àirce, a‑chum an àirc a ghiùlan.
6
Agus rinn e cathair‐thròcair de òr fìorghlan: dà làimh‐choille gu leth a fad, agus làmh‐choille gu leth a leud.
7
Agus rinn e dà cherub de òr, buailte a‑mach à aon mhìr rinn e iad, aig dà cheann na cathair‐thròcair;
8
Aon cherub aig a’ cheann air an taobh seo, agus cerub eile aig a’ cheann air an taobh ud: a‑mach as a’ chathair‐thròcair rinn e na ceruban aig a dà cheann.
9
Agus bha na ceruban a’ sgaoileadh an sgiathan gu h‑àrd, a’ còmhdachadh len sgiathan os cionn na cathair‐thròcair, agus an aghaidhean ri chèile; ris a’ chathair‐thròcair bha aghaidhean nan cerub.
10
Agus rinn e am bòrd de fhiodh sitim: dà làimh‐choille a fhad, agus làmh‐choille a leud, agus làmh‐choille gu leth a àirde.
11
Agus chòmhdaich e thairis e le òr fìorghlan, agus rinn e dha coron òir mun cuairt.
12
Mar an ceudna rinn e dha iomall de leud boise mun cuairt; agus rinn e coron òir da iomall mun cuairt.
13
Agus thilg e dha ceithir failbheagan òir, agus chuir e na failbheagan air na ceithir oisnean a bha aig a cheithir chasan.
14
Thall fa chomhair an iomaill bha na failbheagan, na h‑àiteachan do na bataichean gus am bòrd a ghiùlan.
15
Agus rinn e na bataichean de fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le òr, gus am bòrd a ghiùlan.
16
Agus rinn e na soithichean a bha air a’ bhòrd, a mhiasan, agus a thùiseirean, agus a chupain, agus a chuachan leis an toirear seachad tabhartas‐dibhe, de òr fìorghlan.
17
Agus rinn e an coinnleir de òr fìorghlan; de obair bhuailte rinn e an coinnleir: bha a chas, agus a mheur, a chupain, a chnapan, agus a bhlàthan, den nì cheudna.
18
Agus sia meòir a’ dol a‑mach as a thaobhan: trì meòir a’ choinnleir à aon taobh dheth, agus trì meòir a’ choinnleir as an taobh eile dheth.
19
Trì cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean ann an aon mheur, maille ri cnap agus blàth; agus trì cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean ann am meur eile, maille ri cnap agus blàth: mar sin anns na sia meòir a’ dol a‑mach as a’ choinnleir.
20
Agus anns a’ choinnleir bha ceithir cupain air an dèanamh cosmhail ri almoinean, maille ri a chnapan agus a bhlàthan.
21
Agus cnap fo dhà mheur dheth, agus cnap fo dhà mheur dheth, agus cnap fo dhà mheur dheth, a rèir nan sia meur a’ dol a‑mach as.
22
Bha an cnapan agus am meòir den nì cheudna: b’aon obair bhuailte de òr fìorghlan an t‑iomlan dheth.
23
Agus rinn e a sheachd lòchrain, agus a smàladairean, agus a smàl‐shoithichean, de òr fìorghlan.
24
De thàlann òir fhìorghlain rinn e e, agus a shoithichean uile.
25
Agus rinn e altair na tùise de fhiodh sitim; làmh‐choille a fad, agus làmh‐choille a leud (bha i ceithir‐cheàrnach) agus dà làimh‐choille a h‑àirde; bha a h‑adhaircean den nì cheudna.
26
Agus chòmhdaich e thairis i le òr fìorghlan, a mullach, agus a taobhan mun cuairt, agus a h‑adhaircean; agus rinn e coron òir dhi mun cuairt.
27
Agus rinn e dà fhailbheig òir dhi fo a coron, aig a dà oisinn, air a dà thaobh, gu bhith nan àitean do na bataichean a‑chum a giùlan leo.
28
Agus rinn e na bataichean de fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le òr.
29
Agus rinn e an ola‑ungaidh naomh, agus an tùis fhìorghlan de spìosraidh chùbhraidh, a rèir obair an lèigh.
← Chapter 36
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 38 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40