bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Exodus 20
Exodus 20
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 19
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 21 →
1
Agus labhair Dia na briathran seo uile, ag ràdh,
2
Is mise an Tighearna do Dhia a thug a‑mach thu à tìr na h‑Èiphit, à taigh na daorsa.
3
Na biodh diathan sam bith eile agad am làthair‐sa.
4
Na dèan dhut fhèin dealbh snaidhte no coslas sam bith a dh’aon nì, a tha anns na nèamhan shuas, no air an talamh shìos, no anns na h‑uisgeachan fon talamh.
5
Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;
6
Agus a’ nochdadh tròcair do mhìltean dhiubhsan a ghràdhaicheas mi, agus a choimheadas m’àitheantan.
7
Na tabhair ainm an Tighearna do Dhia ann an dìomhanas; oir cha mheas an Tighearna neochiontach esan a bheir a ainm ann an dìomhanas.
8
Cuimhnich là na sàbaid a naomhachadh.
9
Sia làithean saothraichidh tu, agus nì thu d’obair uile.
10
Ach air an t‑seachdamh là tha sàbaid an Tighearna do Dhia: air an là sin na dèan obair sam bith, thu fhèin, no do mhac, no do nighean, d’òglach, no do bhanoglach, no d’ainmhidh, no do choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan:
11
Oir ann an sia làithean rinn an Tighearna na nèamhan agus an talamh, an fhairge, agus gach nì a tha annta; agus ghabh e fois air an t‑seachdamh là: air an adhbhar sin, bheannaich an Tighearna là na sàbaid, agus naomhaich e e.
12
Tabhair onair dod athair, agus dod mhàthair; a‑chum is gum bi do làithean buan air an fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut.
13
Na dèan mortadh.
14
Na dèan adhaltranas.
15
Na dèan gadachd.
16
Na tabhair fianais bhrèige an aghaidh do choimhearsnaich.
17
Na sanntaich taigh do choimhearsnaich; na sanntaich bean do choimhearsnaich, no a òglach, no a bhanoglach, no a dhamh, no a asal, no aon nì as led choimhearsnach.
18
Agus mhothaich an sluagh uile na tàirneanaich, agus na dealanaich, agus fuaim na trompaid, agus an sliabh fo dheataich: agus nuair a chunnaic an sluagh sin, ghluais iad, agus sheas iad fada o làimh.
19
Agus thubhairt iad ri Maois, Labhair thusa rinn, agus èisdidh sinn: ach na labhradh Dia rinn, air eagal gum faigh sinn bàs.
20
Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh, oir is ann a‑chum ur dearbhadh a thàinig Dia, agus a‑chum gum bi a eagal‐san oirbh, air chor is nach peacaich sibh.
21
Agus sheas an sluagh fada o làimh, agus thàinig Maois am fagas don dorchadas, far an robh Dia.
22
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Mar seo their thu ri cloinn Israeil, Chunnaic sibh gun do labhair mi ribh o nèamh.
23
Cha dèan sibh maille riumsa diathan airgid, agus diathan òir cha dèan sibh dhuibh fhèin.
24
Altair de thalamh nì thu dhòmhsa, agus ìobraidh tu oirre do thabhartasan‐loisgte, agus do thabhartasan‐sìthe, do chaoraich, agus do dhaimh: anns gach àit anns an toir mise fa‑near gun cuimhnichear m’ainm, thig mi ad ionnsaigh, agus beannaichidh mi thu.
25
Agus ma nì thu altair chloiche dhomh, cha tog thu i le cloich shnaidhte; oir ma thogas tu d’inneal‐snaidhidh suas oirre, truaillidh tu i.
26
Cha mhò a thèid thu suas air ceuman a dh’ionnsaigh m’altarach, a‑chum nach leigear ris do lomnochdaidh oirre.
← Chapter 19
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 21 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40