bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Exodus 17
Exodus 17
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 16
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 18 →
1
Agus dh’imich coitheanal chloinn Israeil uile o fhàsach Shin a rèir an turasan, mar a dh’àithn an Tighearna, agus champaich iad ann an Rephidim; agus cha robh uisge ann don t‑sluagh ri òl.
2
Uime sin rinn an sluagh connsachadh ri Maois, agus thubhairt iad, Thoir dhuinn uisge a‑chum is gun òl sinn. Agus thubhairt Maois riu, Carson a tha sibh a’ connsachadh riumsa? Carson a bhrosnaicheas sibh an Tighearna?
3
Agus mhiannaich an sluagh uisge ann an sin; agus rinn an sluagh gearan an aghaidh Mhaois, agus thubhairt iad, Carson seo a thug thu a‑nìos sinn as an Èiphit, a‑chum sinn fhèin a mharbhadh, agus ar clann, agus ar sprèidh le tart?
4
Agus dh’èigh Maois ris an Tighearna, ag ràdh, Ciod a nì mi ris an t‑sluagh seo? Is beag nach eil iad gam chlachadh.
5
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich ron t‑sluagh, agus thoir leat cuid de sheanairean Israeil; agus do shlat leis an do bhuail thu an abhainn gabh ad làimh, agus bi ag imeachd:
6
Feuch, seasaidh mise romhad an sin, air a’ charraig ann an Hòreb, agus buailidh tusa a’ charraig, agus thig uisge a‑mach aisde, a‑chum gun òl an sluagh. Agus rinn Maois mar sin ann an sealladh seanairean Israeil.
7
Agus thug e mar ainm air an àite Masah agus Meribah, airson connsachadh chloinn Israeil, agus do bhrìgh gun do bhrosnaich iad an Tighearna, ag ràdh, A bheil an Tighearna nar measg, no nach eil?
8
An sin thàinig Amalec, agus chog e ri Israel ann an Rephidim.
9
Agus thubhairt Maois ri Iosua, Tagh a‑mach dhuinn daoine, agus falbh a‑mach, cog ri Amalec: a‑màireach seasaidh mise air mullach an t‑slèibh, agus slat Dhè am làimh.
10
Agus rinn Iosua mar a thubhairt Maois ris, agus chog e ri Amalec. Agus chaidh Maois, Aaron, agus Hur, suas gu mullach an t‑slèibh.
11
Agus nuair a thog Maois suas a làmh, an sin bhuadhaich Israel, agus nuair a leag e sìos a làmh, bhuadhaich Amalec.
12
Ach bha làmhan Mhaois trom, agus ghabh iad clach, agus chuir iad foidhe i, agus shuidh e oirre: agus chùm Aaron agus Hur suas a làmhan, fear dhiubh air aon taobh, agus fear air an taobh eile: agus bha a làmhan seasmhach gu laighe na grèine.
13
Agus chlaoidh Iosua Amalec agus a dhaoine le faobhar a’ chlaidheimh.
14
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sgrìobh seo mar chuimhneachan ann an leabhar, agus aithris e ann an cluasan Iosua; oir dubhaidh mise as gu tur cuimhne Amaleic o bhith fo nèamh.
15
Agus thog Maois altair, agus thug e Iehòbhah‐Nisi mar ainm oirre;
16
Oir thubhairt e, Do bhrìgh gun do mhionnaich an Tighearna gum bi cogadh aig an Tighearna ri Amalec o linn gu linn.
← Chapter 16
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 18 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40