bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Revelation 10
Revelation 10
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 11 →
1
Agus chunnaic mi aingeal cumhachdach eile a’ teachd a‑nuas o nèamh, air a sgeadachadh le neul, agus bogha‑frois air a cheann, agus a aghaidh mar a’ ghrian, agus a chasan mar phuist theine.
2
Agus bha aige na làimh leabhran fosgailte: agus chuir e a chas dheas air an fhairge, agus a chas chlì air an talamh.
3
Agus ghlaodh e le guth àrd, mar a bheucas leòmhann; agus nuair a ghlaodh e, labhair seachd tàirneanaich an guthan fhèin.
4
Agus nuair a labhair na seachd tàirneanaich an guthan fhèin, bha mi a’ dol a sgrìobhadh: agus chuala mi guth o nèamh, ag ràdh rium, Seulaich na nithean a labhair na seachd tàirneanaich, agus na sgrìobh iad.
5
Agus thog an t‑aingeal, a chunnaic mi na sheasamh air a’ mhuir, agus air an talamh, a làmh gu nèamh,
6
Agus mhionnaich e airsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, a chruthaich nèamh agus na nithean a tha ann, agus an talamh agus na nithean a tha ann, agus an fhairge agus na nithean a tha innte, nach bi aimsir ann nas mò:
7
Ach ann an làithean guth an t‑seachdamh aingil, nuair a thòisicheas e air sèideadh, an sin gum biodh rùn‐diamhair Dhè air a chrìochnachadh, mar a dh’innis e da sheirbhisich na fàidhean.
8
Agus labhair an guth, a chuala mi o nèamh, rium a‑rìs, agus thubhairt e, Imich, glac an leabhran a tha fosgailte ann an làimh an aingil a tha na sheasamh air an fhairge, agus air an talamh.
9
Agus chaidh mi a dh’ionnsaigh an aingil, agus thubhairt mi ris, Thoir dhòmhsa an leabhran: agus thubhairt esan rium, Glac, agus ith suas e; agus nì e do bhroinn searbh, ach bidh e nad bheul milis mar mhil.
10
Agus ghlac mi an leabhran à làimh an aingil, agus dh’ith mi suas e; agus bha e nam bheul milis mar mhil; agus nuair a dh’ith mi e, rinneadh mo bhrù searbh.
11
Agus thubhairt e rium, Is èiginn dhut a‑rìs fàidheadaireachd a dhèanamh am fianais shlògh, agus chinneach, agus theangaidhean, agus rìghrean lìonmhor.
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 11 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22