bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Revelation 4
Revelation 4
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 5 →
1
An dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, bha doras fosgailte air nèamh; agus bha an ciad ghuth a chuala mi, mar fhuaim trompaid a’ labhairt rium, ag ràdh, Thig a‑nìos an seo, agus nochdaidh mise dhut nithean as èiginn tachairt an dèidh seo.
2
Agus air ball bha mi anns an Spiorad: agus, feuch, bha rìgh‐chathair air a suidheachadh air nèamh, agus bha neach na shuidhe air an rìgh‐chathair.
3
Agus bha an Tì a shuidh, ri amharc air, cosmhail ri cloich iasper, agus shardis: agus bha bogha‑frois timcheall na rìgh‐chathrach mun cuairt, cosmhail, ri fhaicinn, ri emerald.
4
Agus timcheall na rìgh‐chathrach mun cuairt bha ceithir‐cathraichean‐fichead; agus air na cathraichean chunnaic mi ceithir‐seanairean‐fichead nan suidhe, air an sgeadachadh ann an culaidhean geala; agus bha aca air an cinn crùin òir.
5
Agus chaidh a‑mach as an rìgh‐chathair dealanaich, agus tàirneanaich, agus guthannan: agus bha seachd lòchrain theine a’ dearg‐lasadh am fianais na rìgh‐chathrach, as iad seachd spioradan Dhè.
6
Agus fa chomhair na rìgh‐chathrach bha fairge ghloine cosmhail ri criostal: agus ann am meadhon na rìgh‐chathrach, agus mun cuairt den rìgh‐chathair, bha ceithir beò‐chreutairean làn de shùilean air am beulaibh agus air an cùlaibh.
7
Agus bha an ciad bheò‐chreutair cosmhail ri leòmhann, agus an dara beò‐chreutair cosmhail ri laogh, agus bha aig an treas beò‐chreutair aghaidh mar dhuine, agus bha an ceathramh beò‐chreutair cosmhail ri iolair ag itealaich.
8
Agus aig na ceithir beò‐chreutairean, aig gach aon dhiubh fa leth, bha sia sgiathan mun cuairt dha, agus bha iad làn de shùilean an taobh a‑staigh; agus cha do sguir iad a là no a dh’oidhche, ag ràdh, Naomh, naomh, naomh, an Tighearna Dia uile‐chumhachdach, a bha, agus a tha, agus a bhitheas.
9
Agus nuair a thug na beò‐chreutairean sin glòir, agus urram, agus buidheachas don Tì a bha na shuidhe air an rìgh‐chathair, a tha beò gu saoghal nan saoghal,
10
Thuit na ceithir‐seanairean‐fichead sìos an làthair an Tì a bha na shuidhe air an rìgh‐chathair, agus rinn iad adhradh dhàsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, agus thilg iad sìos an crùin an làthair na rìgh‐chathrach, ag ràdh,
11
Is airidh thusa, a Thighearna, air glòir, agus urram, agus cumhachd fhaotainn; oir chruthaich thu na h‑uile nithean, agus airson do thoile‐sa tha iad ann, agus chruthaicheadh iad.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22