bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Revelation 15
Revelation 15
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 14
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 16 →
1
Agus chunnaic mi comharradh eile air nèamh, mòr agus iongantach, seachd aingil aig an robh na seachd plàighean deireannach; oir annta seo tha fearg Dhè air a coileanadh.
2
Agus chunnaic mi mar gum b’fhairge ghloine, air a measgadh le teine; agus iadsan a thug buaidh air an fhiadh‐bheathach, agus air a ìomhaigh, agus air a chomharradh, agus air àireamh a ainme, nan seasamh air an fhairge ghloine, agus clàrsaichean Dhè aca.
3
Agus tha iad a’ seinn òran Mhaois, òglach Dhè, agus òran an Uain, ag ràdh, Is mòr, agus is iongantach d’obraichean, a Thighearna Dhè uile‐chumhachdaich; is ceart agus is fìor do shlighean‐sa, a Rìgh nan naomh.
4
Cò air nach biodh eagal romhad, O Thighearna, agus nach tugadh glòir dod ainm? Oir tha thusa a‑mhàin naomh: oir thig na h‑uile chinnich, agus nì iad adhradh ann ad làthair; do bhrìgh gu bheil do bhreitheanais air an dèanamh follaiseach.
5
Agus an dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, dh’fhosgladh teampall pàillean na fianais air nèamh.
6
Agus thàinig a‑mach as an teampall na seachd aingil, aig an robh na seachd plàighean air an sgeadachadh le lìon‐aodach glan agus dealrach, agus air an crioslachadh mun uchd le criosan òir.
7
Agus thug aon de na ceithir beò‐chreutairean do na seachd aingil seachd soithichean òir, làn de fheirg an Dè a tha beò gu saoghal nan saoghal.
8
Agus lìonadh an teampall le deataich o ghlòir Dhè, agus o a chumhachd‐san; agus cha b’urrainn neach sam bith dol a‑steach don teampall, gus am biodh seachd plàighean nan seachd aingeal air an coileanadh.
← Chapter 14
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 16 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22