bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Revelation 12
Revelation 12
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 13 →
1
Agus chunnacas iongantas mòr air nèamh, bean air a sgeadachadh leis a’ ghrèin, agus a’ ghealach fo a casan, agus air a ceann crùn de dhà‐reul‐dheug.
2
Agus air dhi a bhith torrach, ghlaodh i ri saothair‐chloinne, agus bha i air a pianadh a‑chum a h‑aisead.
3
Agus chunnacas iongantas eile air nèamh, agus, feuch, dràgon mòr dearg, aig an robh seachd cinn, agus deich adhaircean, agus air a chinn seachd crùin.
4
Agus tharraing a earball an treas cuid de reultan nèimh, agus thilg e iad a‑chum na talmhainn; agus sheas an dràgon fa chomhair na mnà, a bha ullamh gu bhith air a h‑aisead, a‑chum a leanabh a shlugadh suas nuair a bheireadh i e.
5
Agus rug i leanabh mic, a bha gus na cinnich uile a riaghladh le slait iarainn: agus thogadh a leanabh suas a‑chum Dhè, agus a‑chum a rìgh‐chathrach‐san.
6
Agus theich a’ bhean don fhàsach, far a bheil aice ionad air ullachadh le Dia, a‑chum gum biodh i air a beathachadh an sin rè mìle agus dà cheud agus trì‐fichead là.
7
Agus bha cogadh air nèamh; rinn Mìchael agus a aingil cogadh an aghaidh an dràgoin; agus chog an dràgon agus a aingil fhèin;
8
Agus cha tug iad buaidh, cha mhò a fhuaireadh an àite nas mò air nèamh.
9
Agus thilgeadh a‑mach an dràgon mòr, an t‑seann nathair sin, ris an abrar an diabhal, agus Sàtan, a tha a’ mealladh an t‑saoghail uile: thilgeadh a‑mach e a‑chum na talmhainn, agus thilgeadh a‑mach a aingil maille ris.
10
Agus chuala mi guth mòr ag ràdh air nèamh, A‑nis tha slàinte agus neart, agus rìoghachd ar Dè, agus cumhachd a Chrìosd air teachd; oir thilgeadh sìos fear‐casaid ar bràithrean, a bha gan casaid an làthair ar Dè a là agus a dh’oidhche.
11
Agus thug iad buaidh air tre fhuil an Uain, agus tre fhacal am fianais‐san; agus cha do ghràdhaich iad an anaman fhèin gu bàs.
12
Uime sin biodh gàirdeachas oirbh, O nèamhan, agus oirbhse a tha nur còmhnaidh annta. An‑aoibhinn do luchd‐àiteachaidh na talmhainn, agus na fairge! Oir thàinig an diabhal a‑nuas dur n‑ionnsaigh, agus fearg ro‑mhòr air, do bhrìgh gur fiosrach e nach eil aige ach ùine gheàrr.
13
Agus nuair a chunnaic an dràgon gun do thilgeadh e a‑chum na talmhainn, rinn e geur‐leanmhainn air a’ mhnaoi a rug an leanabh mic.
14
Agus don mhnaoi thugadh dà sgèith iolair mhòir a‑chum gun rachadh i air itealaich leo don fhàsach, a‑chum a h‑ionaid fhèin; far a bheil i air a h‑altram rè aimsir, agus aimsirean, agus leth‐aimsir, o aghaidh na nathrach.
15
Agus thilg an nathair as a beul uisge mar thuil, an dèidh na mnà, a‑chum gun tugadh i oirre a bhith air a giùlan air falbh leis an t‑sruth.
16
Agus rinn an talamh còmhnadh ris a’ mhnaoi; agus dh’fhosgail an talamh a bheul, agus shluig e suas an tuil, a thilg an dràgon as a bheul.
17
Agus bha fearg air an dràgon ris a’ mhnaoi, agus chaidh e a dhèanamh cogaidh ris a’ chuid eile de a sliochd, a tha a’ coimhead àitheantan Dhè, agus aig a bheil fianais Iosa Crìosd.
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 13 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22