bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Revelation 19
Revelation 19
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 20 →
1
Agus an dèidh nan nithean seo, chuala mi guth àrd mhòr‐shluaigh air nèamh, ag ràdh, Haleluia, Slàinte, agus glòir, agus urram, agus cumhachd don Tighearna ar Dia:
2
Oir is fìor agus is cothromach a bhreitheanais; oir thug e breith air an strìopaich mhòir, a thruaill an talamh le a strìopachas, agus dhìol e fuil a sheirbhiseach fhèin air a làimh.
3
Agus a‑rìs thubhairt iad, Haleluia. Agus chaidh a deatach suas gu saoghal nan saoghal.
4
Agus thuit na ceithir‐seanairean‐fichead, agus na ceithir beò‐chreutairean sìos, agus rinn iad adhradh do Dhia, a bha na shuidhe air an rìgh‐chathair, ag ràdh, Amen; Haleluia.
5
Agus thàinig guth a‑mach on rìgh‐chathair, ag ràdh, Molaibh ar Dia‑ne, sibhse uile as seirbhisich dha, agus air a bheil a eagal‐san, eadar bheag agus mhòr.
6
Agus chuala mi mar ghuth mòr‐shluaigh, agus mar fhuaim mòran uisgeachan, agus mar thoirm tàirneanaich chumhachdaich, ag ràdh, Haleluia: oir tha an Tighearna Dia uile‐chumhachdach a’ rìoghachadh.
7
Bitheamaid aoibhinn agus dèanamaid gàirdeachas, agus thugamaid glòir dhàsan: oir thàinig pòsadh an Uain, agus dh’ullaich a bhean i fhèin.
8
Agus thugadh dhi gum biodh i air a sgeadachadh le lìon‐aodach grinn, glan agus dealrach: oir is e an lìon‐aodach grinn fìreantachd nan naomh.
9
Agus thubhairt e rium, Sgrìobh, Is beannaichte iadsan a tha air an cuireadh gu suipear‐bainnse an Uain. Agus thubhairt e rium, Is iad seo briathran fìrinneach Dhè.
10
Agus thuit mi sìos aig a chasan a‑chum adhradh a dhèanamh dha: agus thubhairt e rium, Feuch nach dèan thu e: is co‑sheirbhiseach dhut fhèin mise, agus dod bhràithrean aig a bheil fianais Iosa: dèan adhradh do Dhia: oir is i fianais Iosa spiorad na fàidheadaireachd.
11
Agus chunnaic mi nèamh air fhosgladh, agus, feuch, each geal; agus ghoireadh den Tì a shuidh air Dìleas, agus Fìor; agus ann am fìreantachd tha e a’ dèanamh breitheanais agus cogaidh.
12
Agus bha a shùilean mar lasair theine, agus air a cheann bha mòran chrùn; agus bha ainm aige sgrìobhte, nach b’aithne do neach sam bith ach e fhèin;
13
Agus bha e air a sgeadachadh le trusgan tumte ann am fuil: agus is e an t‑ainm a ghoirear dheth, FACAL DHE.
14
Agus lean na h‑armailtean a bha air nèamh e air eich gheala, air an sgeadachadh le lìon‐aodach grinn, geal agus glan.
15
Agus as a bheul tha claidheamh geur a’ dol a‑mach, a‑chum gum buaileadh e na cinnich leis; agus riaghlaidh e iad le slait iarainn: agus tha e a’ saltairt fìon‐amair fraoch‐feirge an Dè uile‐chumhachdaich.
16
Agus tha aige air a thrusgan agus air a leis ainm sgrìobhte, RIGH NAN RIGH, AGUS TIGHEARNA NAN TIGHEARNA.
17
Agus chunnaic mi aingeal àraidh na sheasamh anns a’ ghrèin; agus ghlaodh e le guth àrd, ag ràdh ris an eunlaith uile, a bha ag itealaich ann am meadhon nèimh, Thigibh, agus cruinnichibh sibh fhèin a‑chum suipear an Dè mhòir;
18
A‑chum gun ith sibh feòil rìghrean, agus feòil àrd‐cheannard, agus feòil dhaoine cumhachdach, agus feòil each agus na muinntir a shuidheas orra, agus feòil nan uile dhaoine, araon saor agus daor, araon beag agus mòr.
19
Agus chunnaic mi am fiadh‐bheathach, agus rìghrean na talmhainn, agus an armailtean air an cruinneachadh, a dhèanamh cogaidh an aghaidh an Tì a bha na shuidhe air an each, agus an aghaidh a armailt‐san.
20
Agus ghlacadh am fiadh‐bheathach, agus maille ris‐san am fàidh‐brèige a rinn mìorbhailean na làthair, leis an do mheall e an dream a ghabh orra comharradh an fhiadh‐bheathaich, agus iadsan a rinn adhradh da ìomhaigh. Thilgeadh iad sin nan dithis beò ann an loch teine a’ dearg‐lasadh le pronnasg.
21
Agus mharbhadh a’ chuid eile le claidheamh an Tì a bha na shuidhe air an each, a thàinig a‑mach as a bheul: agus bha an eunlaith uile air an lìonadh lem feòil.
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 20 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22