bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Acts 1
Acts 1
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 2 →
1
Anns a' chiad leabhar, a Theophiluis, sgrìobh mi mun a h‑uile rud a thòisich Ìosa air a dhèanamh 's air a theagasg,
2
gus an latha nuair a chaidh a thoirt suas, às dèidh dha àithntean a thoirt, tron Spiorad Naomh, dha na h‑abstoil a bha e air a thaghadh.
3
Dhaibhsan, thaisbein e e fhèin beò às dèidh an fhulangais aige le mòran chomharraidhean dearbhachail, a' nochdadh riutha fad dà fhichead latha is a' bruidhinn mu rìoghachd Dhè.
4
Agus fhad 's a bha e a' fuireach còmhla riutha dh'àithn e dhaibh gun Ierusalem fhàgail, ach feitheamh airson gealladh an Athar, “A chuala sibh uamsa,” ars esan,
5
“oir bhaist Eòin le uisge, ach bidh sibhse air ur baisteadh leis an Spiorad Naomh, beagan làithean às dèidh seo.”
6
Mar sin nuair a bha iad air tighinn còmhla, dh'fhaighnich iad dha, “A Thighearna, an ann aig an àm seo a dh'aisigeas tu an rìoghachd do dh'Israel?”
7
Thuirt esan riutha, “Cha bhuin e dhuibhse fios a bhith agaibh air na h‑amannan no air na h‑aimsirean a shuidhich an t‑Athair le ùghdarras fhèin.
8
Ach gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh, agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa ann an Ierusalem agus ann an Iudèa gu lèir agus ann an Samaria, agus gu crìoch na talmhainn.”
9
Agus nuair a bha e air na rudan seo a ràdh, fhad 's a bha iad a' coimhead air, chaidh a thogail suas agus thug sgòth às an sealladh e.
10
Agus fhad 's a bha iadsan a' geur‑amharc do nèamh fhad 's a dh'fhalbh esan, seallaibh, sheas dithis fhear faisg orra ann an aodach geal,
11
agus thuirt iad, “Fheara Ghalile, carson a tha sibh a' seasamh a' coimhead a nèamh? An t‑Ìosa seo a chaidh a thogail suas uaibh do nèamh, thig e san aon dòigh sam faca sibh e a' dol do nèamh.”
12
An uair sin thill iad gu Ierusalem, on bheinn ris an canar Beinn nan Crann‑Ola, a tha faisg air Ierusalem, astar latha Sàbaid air falbh.
13
Agus nuair a bha iad air a dhol a‑steach, chaidh iad suas dhan t‑seòmar a b' àirde, far an robh iad a' fuireach: Peadar is Eòin agus Seumas is Anndra, Philip is Tòmas, Bartolomèus is Mata, Seumas mac Alphèuis is Sìmon Selotes agus Iùdas mac Sheumais.
14
Bha iad seo uile a dh'aon inntinn gan coisrigeadh fhèin do dh'ùrnaigh, còmhla ri na boireannaich agus Moire màthair Ìosa, agus còmhla ri a bhràithrean.
15
Anns na làithean sin sheas Peadar am measg nam bràithrean (b' e àireamh na feadhna a bha an làthair mu cheud is fichead) agus thuirt e,
16
“A bhràithrean, dh'fheumadh an Sgriobtar a bhith air a choileanadh, a bhruidhinn an Spiorad Naomh ro‑làimh le beul Dhaibhidh mu Iùdas, a bha na fhear‑treòrachaidh dhaibhsan a ghlac Ìosa.
17
Oir bha e air àireamh nur measg‑ne agus fhuair e roinn dhen mhinistrealachd seo.”
18
(A‑nis cheannaich an duine seo achadh le duais na h‑eucoir aige, agus a' tuiteam an comhair a chinn, sgàin e sa mheadhan agus bhrùchd a mhionach uile a‑mach.
19
Agus chaidh seo a dhèanamh aithnichte do luchd‑àiteachaidh Ierusaleim gu lèir; mar sin chaidh an t‑achadh sin ainmeachadh anns a' chànan aca fhèin Aceldamà, is e sin Fearann Fala.)
20
Oir tha e sgrìobhte ann an leabhar nan Salm, “‘Gum biodh a dhachaigh na fàsach, agus nach biodh neach sam bith a' fuireach innte,’ agus, ‘Gun gabhadh neach eile a dhreuchd.’
21
“Mar sin bu chòir do dh'aon dhe na fir a chaidh còmhla rinn fad na h‑ùine sin uile a bha an Tighearna Ìosa a' dol a‑steach 's a‑mach nar measg,
22
a' tòiseachadh o bhaisteadh Eòin gus an latha san deach a thogail suas uainn, a bhith air a dhèanamh na fhianais dhe aiseirigh‑san còmhla rinne.”
23
Agus chuir iad air adhart dithis: Iòsaph ris an canar Barsabas (dham b' ainm cuideachd Iustus) agus Matias.
24
Agus rinn iad ùrnaigh is thuirt iad, “Thusa, a Thighearna, dhan aithne cridheachan nan uile, seall gu soilleir cò am fear dhen dithis seo a thagh thu
25
airson an t‑àite a ghabhail anns a' mhinistrealachd seo agus san abstolachd on do thionndaidh Iùdas a thaobh airson a dhol dha àite fhèin.”
26
Agus thilg iad crannchur, is thuit an crannchur air Matias, agus bha e air àireamh còmhla ris an aon abstol deug.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28