bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Acts 14
Acts 14
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 15 →
1
A‑nis ann an Iconium chaidh iad còmhla a‑steach dhan t‑sionagog Iùdhach agus bhruidhinn iad ann an leithid de dhòigh is gun do chreid àireamh mhòr de dh'Iùdhaich agus de Ghreugaich.
2
Ach dhùisg na h‑Iùdhaich eas‑creidmheach suas na Cinnich is phuinnseanaich iad an inntinnean an aghaidh nam bràithrean.
3
Mar sin dh'fhan iad an sin airson ùine fhada, a' bruidhinn gu dàn airson an Tighearna, a thog fianais mu fhacal a ghràis, a' ceadachadh gun robh comharraidhean is iongantasan air an dèanamh len làmhan.
4
Ach bha sluagh a' bhaile air an roinn; bha cuid dhiubh le na h‑Iùdhaich agus cuid eile le na h‑abstoil.
5
Nuair a chuir an dà chuid Cinnich is Iùdhaich — cuide ri na riaghladairean aca — romhpa droch làimhseachadh a dhèanamh orra 's an clachadh,
6
fhuair iad fios air agus theich iad gu bailtean de Licaonia, Listra is Derbe, agus an dùthaich mun cuairt,
7
agus an sin chùm iad orra a' searmonachadh an t‑soisgeil.
8
A‑nis aig Listra bha duine na shuidhe aig nach robh lùths na chasan, na chrioplach o bhroinn a mhàthar, fear nach do choisich riamh.
9
Dh'èist e ri Pòl a' bruidhinn. Agus thuirt Pòl — a' geur‑amharc air agus a' faicinn gun robh creideamh aige gus a bhith air a dhèanamh slàn —
10
ann an guth àrd, “Seas suas gu dìreach air do chasan!” Agus leum e suas is thòisich e air coiseachd.
11
Agus nuair a chunnaic an sluagh an rud a bha Pòl air a dhèanamh, thog iad suas an guth, ag ràdh ann an cànan Licaonia, “Tha na diathan air tighinn a‑nuas thugainn ann an coltas dhaoine!”
12
Ghabh iad Seus air Barnabas agus Hermes air Pòl, a chionn 's gum b' esan am prìomh neach‑labhairt.
13
Agus thug sagart teampaill Sheuis, a bha taobh a‑muigh a' bhaile, daimh is cearcaill‑fhlùraichean gu na geatachan agus bha e aig iarraidh ìobairt a dhèanamh cuide ri na slòigh.
14
Ach nuair a chuala na h‑abstoil Barnabas is Pòl seo, shrac iad am badan aodaich agus ruith iad a‑mach dhan t‑sluagh, ag èigheach,
15
“A dhaoine, carson a tha sibh a' dèanamh na rudan seo? 'S e daoine a th' annainne cuideachd, leis an aon seòrsa nàdar ribhse, agus tha sinn a' toirt deagh sgeul thugaibhse, gum bu chòir dhuibh tionndadh o na rudan faoine seo chun an Dè bheò, a rinn nèamh is talamh is an cuan agus a h‑uile rud a th' annta.
16
Anns na ginealaich a dh'fhalbh leig e le na nàiseanan uile siubhal nan slighean fhèin.
17
A dh'aindeoin sin, cha do dh'fhàg e e fhèin gun fhianais, oir rinn e math le bhith a' toirt uisge dhuibh o nèamh agus ràithean torrach, a' sàsachadh ur cridheachan le biadh is aoibhneas.”
18
Fiù 's le na briathran seo bu ghann a chùm iad an sluagh o ìobairt a thairgsinn dhaibh.
19
Ach thàinig Iùdhaich o Antioch is o Iconium, agus às dèidh dhaibh na slòigh a thoirt a thaobh, chlach iad Pòl is tharraing iad a‑mach às a' bhaile e, a' saoilsinn gun robh e marbh.
20
Ach nuair a chruinnich na deisciobail timcheall air, dh'èirich e agus chaidh e a‑steach dhan bhaile, agus air an ath latha chaidh e còmhla ri Barnabas gu Derbe.
21
Nuair a bha iad air an soisgeul a shearmonachadh dhan bhaile sin agus air mòran dheisciobal a dhèanamh, thill iad gu Listra is gu Iconium is gu Antioch,
22
a' neartachadh anman nan deisciobal, agus gam misneachadh gus a bhith a' leantainn orra sa chreideamh, agus ag ràdh gur ann tro iomadh àmhghar a dh'fheumas sinn a dhol a‑steach do rìoghachd Dhè.
23
Agus nuair a bha iad air èildearan a shuidheachadh dhaibh anns gach eaglais, às dèidh ùrnaigh a dhèanamh le trasgadh, dh'earb iad iadsan dhan Tighearna san robh iad air creidsinn.
24
An uair sin chaidh iad tro Phisidia agus thàinig iad gu Pamphilia.
25
Agus nuair a bha iad air facal Dhè a bhruidhinn ann am Perga, chaidh iad sìos gu Atàlia.
26
Às a sin sheòl iad gu Antioch, far an robh iad air a bhith air an earbsadh do ghràs Dhè 's airson na h‑obrach a choilean iad.
27
Agus nuair a ràinig iad is a chruinnich iad an eaglais còmhla, dh'aithris iad a h‑uile sìon a bha Dia air a dhèanamh leotha, agus mar a bha e air doras creideimh fhosgladh dha na Cinnich.
28
Agus cha do dh'fhan iad ùine fhada còmhla ris na deisciobail.
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 15 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28