bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Acts 3
Acts 3
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 4 →
1
A‑nis bha Peadar is Eòin a' dol suas dhan teampall aig àm na h‑ùrnaigh — trì uairean feasgar.
2
Agus bha duine àraidh ga ghiùlain a bha na chrioplach o bhroinn a mhàthar, a bhiodh iad a' cur sìos gach latha aig geata an teampaill ris an canar Brèagha a dh'iarraidh dèirce orrasan a bha a' dol a‑steach dhan teampall.
3
A' faicinn Pheadair is Eòin gus a dhol a‑steach dhan teampall, dh'iarr e dèirc.
4
Ach sheall Peadar, cuide ri Eòin, gu geur air agus thuirt e, “Coimhead oirnne!”
5
Agus thug e aire dhaibh, a' sùileachadh gum faigheadh e rudeigin uapa.
6
Ach thuirt Peadar, “Airgead no òr chan eil agam, ach an rud a tha agam bheir mi dhut. Ann an ainm Ìosa Crìosd o Nàsaret, èirich 's coisich.”
7
Agus a' breith air a làimh dheis, thog e suas e, agus sa bhad chaidh a chasan agus adhbrannan a neartachadh.
8
Agus a' leum suas sheas e agus thòisich e air coiseachd, agus chaidh e a‑steach dhan teampall còmhla riutha, a' coiseachd 's a' leum 's a' moladh Dhè.
9
Agus chunnaic an sluagh gu lèir e a' coiseachd 's a' moladh Dhè,
10
agus dh'aithnich iad gum b' esan am fear a bhiodh na shuidhe aig Geata Brèagha an teampaill, ag iarraidh dèirce. Agus chaidh an lìonadh le iongnadh agus le uabhas a thaobh an rud sin a thachair dha.
11
Fhad 's a bha grèim aige air Peadar is Eòin, ruith an sluagh gu lèir thuca ann an sgàil‑thaigh Sholaimh, fo mhòr‑iongnadh.
12
Ach nuair a chunnaic Peadar seo fhreagair e an sluagh: “Fheara Israeil, carson a tha sibh a' gabhail iongnadh mun seo, no carson a tha sibh a' coimhead gu geur oirnne, mar gum b' ann le ar cumhachd no ar cràbhachd fhèin a thug sinn air an duine seo coiseachd?
13
Ghlòraich Dia Abrahàim, is Ìsaaic, is Iàcoib, Dia ar n‑athraichean, a sheirbheiseach Ìosa, a thug sibhse thairis agus a dh'àich sibh ann an làthair Phìlait, nuair a chuir e roimhe a leigeil ma sgaoil.
14
Ach dh'àich sibhse an t‑Aon Naomh agus Fìreanta, agus dh'iarr sibh gum biodh murtair air a shaoradh dhuibh,
15
agus mharbh sibh Ùghdar na Beatha, a thog Dia o na mairbh; air a bheil sinne nar fianaisean.
16
Agus tro chreideamh na ainm — ann an ainm Ìosa — neartaich e an duine seo a tha sibhse a' faicinn agus as aithne dhuibh, agus tha an creideamh a tha tro Ìosa air an t‑slàinte choileanta seo a thoirt dha nur làthair‑se uile.
17
“Agus a‑nis, a bhràithrean, tha fios agam gur ann tro aineolas a rinn sibh seo, mar a rinn ur riaghladairean cuideachd.
18
Ach na rudan a dh'innis Dia ro‑làimh le beul nam fàidhean uile, gum fulaingeadh an Crìosd aige, choilean e san dòigh sin.
19
Mar sin, dèanaibh‑se aithreachas agus tionndaidhibh a‑rithist, airson 's gum bi ur peacaidhean air an glanadh às,
20
airson 's gun tig amannan ùrachaidh o làthaireachd an Tighearna, agus gum faod e Ìosa a chur thugaibh, an Crìosd a ro‑òrdaich e dhuibh.
21
Neach a dh'fheumas nèamh a ghabhail a‑steach gus an t‑àm nuair a thèid a h‑uile rud aiseag, air an do bhruidhinn Dia le beul nam fàidhean naomha aige o chionn fhada.
22
Oir thuirt Maois, ‘Togaidh an Tighearna Dia suas dhuibh fàidh coltach riumsa o ur bràithrean. Èistidh sibh ris‑san sa h‑uile rud a chanas e ribh.
23
Agus tachraidh e gun tèid a h‑uile h‑anam nach èist ris an fhàidh sin a sgrios o mheasg an t‑sluaigh.’
24
“Agus san aon dòigh, na fàidhean gu lèir a th' air bruidhinn, o Shamuel is iadsan a thàinig às a dhèidh, dh'aithris iad gu follaiseach mu na làithean seo.
25
Is sibhse clann nam fàidhean agus a' chùmhnaint a rinn Dia ri ur n‑athraichean, ag ràdh ri Abrahàm, ‘Agus nad shliochd‑sa bidh uile theaghlaichean na talmhainn air am beannachadh.’
26
Às dèidh do Dhia a sheirbheiseach a thogail suas, chuir e a‑mach dhuibhse an toiseach e airson 's gum beannaicheadh e sibh, leis gach aon agaibh a thionndadh o ur slighean olca.”
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28