bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Acts 23
Acts 23
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 22
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 24 →
1
Agus a' geur‑amharc air a' Chomhairle, thuirt Pòl, “A bhràithrean, tha mi air mo bheatha mu choinneamh Dhè a chur seachad gus an latha an‑diugh leis a h‑uile deagh chogais.”
2
Agus thug Ananias an t‑àrd‑shagart àithne dhaibhsan a sheas faisg air Pòl a bhualadh air a bheul.
3
An uair sin thuirt Pòl ris, “Tha Dia a' dol gad bhualadh‑sa, a bhalla ghealaichte! A bheil thu a' suidhe airson breith a thoirt orm a rèir an lagha, ach fhathast, an aghaidh an lagha, ag òrdachadh gum bithinn‑sa air mo bhualadh?”
4
Thuirt iadsan a sheas faisg air, “A bheil thusa a' càineadh àrd‑shagart Dhè?”
5
Agus thuirt Pòl, “Cha robh fios agam, a bhràithrean, gun robh esan na àrd‑shagart, oir tha e sgrìobhte, ‘Cha bhruidhinn thu gu h‑olc mu riaghladair do shluaigh.’ ”
6
A‑nis nuair a thuig Pòl gun robh aon chuid dhiubh nan Sadusaich agus a' chuid eile nam Pharasaich, dh'èigh e a‑mach dhan Chomhairle, “A bhràithrean, tha mise nam Pharasach, nam mhac Pharasaich. Is ann air sgàth dòchais agus aiseirigh o na mairbh a tha mi fo dheuchainn.”
7
Agus nuair a bha e air seo a ràdh, dh'èirich eas‑aonta eadar na Pharasaich is na Sadusaich, agus bha an co‑chruinneachadh air a roinn.
8
Oir tha na Sadusaich ag ràdh nach eil aiseirigh ann, no aingeal, no spiorad, ach tha na Pharasaich gan aideachadh gu lèir.
9
An uair sin dh'èirich gleadhraich mhòr, agus sheas cuid de phàrtaidh nam Pharasach suas agus chùm iad a‑mach, “Chan eil sinne a' faighinn coire sam bith san duine seo. Dè ma bhruidhinn spiorad no aingeal ris?”
10
Agus nuair a dh'fhàs an eas‑aonta fòirneartach, fo eagal gum biodh Pòl air a tharraing às a chèile leotha, dh'àithn an t‑àrd‑cheannard dha na saighdearan a dhol sìos 's a thoirt air falbh om measg le làimh làidir, agus a thoirt a‑steach dhan taigh‑feachd.
11
Ach an ath oidhche sheas an Tighearna faisg air, agus thuirt e, “Biodh deagh mhisneachd agad, oir mar a thug thu fianais air an fhìrinn mum dheidhinn‑sa ann an Ierusalem; mar sin feumaidh tu fianais a thoirt san Ròimh cuideachd.”
12
Nuair a thàinig an latha, rinn na h‑Iùdhaich innleachd agus cheangail iadsan iad fhèin fo bhòid: nach itheadh no nach òladh iadsan gus am marbhadh iad Pòl.
13
Agus bha barrachd air ceathrad ann a rinn an innleachd seo.
14
Chaidh iad gu na h‑àrd‑shagartan agus na h‑èildearan is thuirt iad, “Tha sinne air sinn fhèin a cheangal gu teann le bòid nach blais sinn biadh sam bith gus am marbh sinn Pòl.
15
A‑nis, mar sin, thoiribh‑se, cuide ris a' Chomhairle, fios dhan àrd‑cheannard esan a thoirt a‑nuas thugaibh, mar gum biodh sibh a' dol a dh'fhaighinn a‑mach a chùise‑san nas mionaidiche. Agus tha sinne deiseil airson a mharbhadh mus ruig e.”
16
A‑nis chuala mac piuthar Phòil mun fheall‑fheitheamh aca, agus dh'fhalbh e is thàinig e a‑steach dhan taigh‑feachd is dh'innis e do Phòl.
17
Ghairm Pòl air aon dhe na ceannardan‑ceud agus thuirt e, “Thoir an duine òg seo chun an àrd‑cheannaird, oir tha rudeigin aige ri innse dha.”
18
Mar sin thug e leis e agus thug e chun an àrd‑cheannaird e. Agus thuirt e, “Ghairm Pòl, am prìosanach, orm agus dh'fhaighnich e dhomh an toirinn an duine òg seo thugad, oir tha rudeigin aige ri ràdh riut.”
19
Rug an t‑àrd‑cheannard air a làimh, agus a' dol gu aon taobh dh'fhaighnich e dha, “Dè a th' agad ri innse dhomh?”
20
Agus thuirt e, “Tha na h‑Iùdhaich air aontachadh iarraidh ort gun tèid Pòl a thoirt sìos chun na Comhairle a‑màireach, mar gum biodh iad a' dol a dh'fhaighneachd na bu mhionaidiche ma dheidhinn.
21
Ach na bi air do chur fo ìmpidh leotha, oir tha barrachd air ceathrad dhe na fir aca a' dèanamh feall‑fheitheamh air a tha air iad fhèin a cheangal tro bhòid nach ith is nach òl iad gus am marbh iad e. Agus a‑nis tha iad deiseil, a' feitheamh air do chead‑sa.”
22
Mar sin chuir an t‑àrd‑cheannard air falbh am fear òg, ag àithne dha, “Na can ri neach sam bith gun do dh'innis thu na rudan seo dhòmhsa.”
23
An uair sin ghairm e air dithis dhe na ceannardan‑ceud agus thuirt e, “Ullaichibh dà cheud saighdear, le seachdad marcaiche agus dà cheud fear‑sleagha airson a dhol gu Cesarèa aig naoi san oidhche.
24
Agus ullaichibh eich airson 's gum marcaich Pòl orra, agus gun toir iad gu sàbhailte e chun an uachdarain Felics.”
25
Agus sgrìobh e litir coltach ris a seo:
26
A Chlaudiuis Lisiais, Chun an Riaghladair as uaisle Felics: Fàilte.
27
Chaidh an duine seo a ghlacadh leis na h‑Iùdhaich agus bha e gus a bhith air a mharbhadh leotha nuair a thàinig mise orra le saighdearan agus a shàbhail mi e, às dèidh dhomh faighinn a‑mach gum b' e Ròmanach a bh' ann.
28
Agus ag iarraidh a' chasaid sin fhaighinn a‑mach, a b' adhbhar gun robh iad ga dhìteadh, thug mi sìos e chun na Comhairle acasan.
29
Fhuair mi a‑mach gun robh casaid ga cur air mu cheistean co‑cheangailte ris an lagh aca, ach gun dad air a chur às a leth a bha airidh air bàs no prìosan.
30
Nuair a chaidh innse dhomh gum biodh innleachd ann an aghaidh an duine, chuir mi thugadsa e sa bhad, ag àithne cuideachd na th' aca na aghaidh a chur an cèill mud choinneamh‑sa.
31
Mar sin thug na saighdearan Pòl leotha a rèir mar a chaidh àithne dhaibh, agus thug iad air an oidhche gu Antipatris e.
32
Agus air an ath latha thill iad chun an taigh‑feachd, a' leigeil le na marcaichean a dhol air adhart leis.
33
Nuair a bha iad air tighinn gu Cesarèa agus air an litir a thoirt dhan riaghladair, nochd iad Pòl cuideachd ma choinneamh.
34
Nuair a leugh an riaghladair an litir, dh'fhaighnich e cò an roinn às an robh e. Agus nuair a fhuair e a‑mach gum b' ann a Cilicia a bha e,
35
thuirt e, “Bheir mi èisteachd dhut nuair a ruigeas do luchd‑casaid.” Agus dh'àithn e gum biodh esan air a chur fo fhaire ann an prìomh‑àros Heroid.
← Chapter 22
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 24 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28