bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
Acts 22
Acts 22
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 21
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 23 →
1
“A bhràithrean is athraichean, cluinnibh a‑nis an dìon a th' agam dhuibh.”
2
Agus nuair a chuala iad gun robh e a' bruidhinn riutha san dualchainnt Eabhrach, dh'fhàs iad na bu shàmhaiche. Agus thuirt e,
3
“Is Iùdhach mise, a rugadh ann an Tarsas ann an Cilicia, ach a bha air mo thogail sa bhaile seo, air m' oideachadh aig casan Ghamalieil a rèir modh teann lagh ar n‑athraichean, eudmhor airson Dhè mar a tha sibhse uile an‑diugh.
4
Rinn mi geur‑leanmhainn gu bàs air an t‑Slighe seo, a' ceangal is a' toirt thairis dhan phrìosan an dà chuid fireannaich is boireannaich,
5
mar as urrainn dhan àrd‑shagart agus dhan chomhairle de dh'èildearan gu lèir fianais a thoirt. Uapasan fhuair mi litrichean gu na bràithrean, agus chaidh mi gu Damascas airson iadsan cuideachd a bha an sin a ghabhail agus an toirt ceangailte gu Ierusalem gus a bhith air am peanasachadh.
6
“Fhad 's a bha mi air mo shlighe 's a theann mi dlùth ri Damascas, mu mheadhan‑latha gu grad dheàlraich solas mòr o nèamh mun cuairt orm.
7
Agus thuit mi chun na talmhainn agus chuala mi guth ag ràdh rium, ‘A Shauil, a Shauil, carson a tha thu gam gheur‑leanmhainn‑sa?’
8
“Agus fhreagair mise, ‘Cò thu, a Thighearna?’ “Agus thuirt e rium, ‘Is mise Ìosa o Nàsaret, air a bheil thusa a' dèanamh geur‑leanmhainn.’
9
Ach chunnaic iadsan a bha còmhla rium an solas ach cha do thuig iad guth an aoin a bha a' bruidhinn riumsa.
10
“Agus thuirt mi, ‘Dè a nì mi, a Thighearna?’ “Agus thuirt an Tighearna rium, ‘Èirich, agus thalla a‑steach a Dhamascas, agus an sin thèid innse dhut a h‑uile sìon a th' air òrdachadh dhut a dhèanamh.’
11
Agus a chionn 's nach b' urrainn dhomh faicinn air sgàth soilleireachd an t‑solais sin, chaidh mo threòrachadh air làimh leothasan a bha còmhla rium agus thàinig mi a‑steach a Dhamascas.
12
“Agus thàinig fear àraidh thugam, Ananias, duine a bha cràbhach a rèir an lagha, 's aig an robh deagh ainm am measg nan Iùdhach gu lèir a bha a' fuireach an sin,
13
agus a' seasamh rim thaobh, thuirt e rium, ‘A Shauil, faigh do fhradharc!’ Agus an uair sin fhèin sheall mi suas is chunnaic mi e.
14
“Agus thuirt esan, ‘Shuidhich Dia ar n‑athraichean thusa airson fios a bhith agad air a rùn‑san agus airson an t‑Aon Fìreanta fhaicinn is guth a chluinntinn às a bheul.
15
Oir bidh thu nad fhianais aige dhan a h‑uile neach air na tha thu air fhaicinn 's air a chluinntinn.
16
Agus a‑nis carson a tha thu a' feitheamh? Èirich agus bi air do bhaisteadh agus nigh air falbh do pheacaidhean, a' gairm air ainm‑san.’
17
“Agus thachair, nuair a thill mi gu Ierusalem 's a bha mi ag ùrnaigh san teampall, gun do thuit mi ann an neul
18
agus chunnaic mi Esan ag ràdh rium, ‘Dèan cabhag, agus thalla gu grad a‑mach à Ierusalem, a chionn 's nach gabh iad rid fhianais mum dheidhinn‑sa.’
19
“Agus thuirt mise, ‘A Thighearna, is aithne dhaib' fhèin gun do thilg mi ann am prìosan 's gun do dhochainn mi ann an sionagog às dèidh sionagoig iadsan a chreid annadsa.
20
Agus nuair a bha fuil Steaphain, d' fhianais‑sa, ga dòrtadh, bha mise mi fhèin nam sheasamh faisg air làimh agus ag aontachadh 's a' cumail sùil air aodach na feadhna a bha ga mharbhadh.’
21
“Agus thuirt e rium, ‘Thalla, oir cuiridh mise fad' air falbh thu gu na Cinnich.’”
22
Dh'èist iad ris suas chun an fhacail seo. An uair sin thog iad an guthan ag ràdh, “Air falbh le a leithid de dhuine on talamh! Oir cha bu chòir gun deigheadh leigeil leis a bhith beò!”
23
Agus fhad 's a bha iad ag èigheach 's a' tilgeil an cleòcan dhiubh 's a' sadail dust dhan adhar,
24
dh'àithn an t‑àrd‑cheannard esan a thoirt dhan taigh‑feachd, ag ràdh gum bu chòir dha a bhith air a cheasnachadh agus air a sgiùrsadh, gus faighinn a‑mach carson a bha iad ag èigheach na aghaidh mar seo.
25
Ach nuair a bha iad air a shìneadh a‑mach airson nan iallan, thuirt Pòl ris a' cheannard‑ceud a bha na sheasamh ri làimh, “A bheil e laghail dhuibhse duine a sgiùrsadh a tha na shaoranach Ròmanach agus gun e a bhith air a dhìteadh?”
26
Nuair a chuala an ceannard‑ceud seo, chaidh e chun an àrd‑cheannard agus thuirt e ris, “Dè a tha thu a' dol a dhèanamh? Oir is e saoranach Ròmanach a tha an seo.”
27
Mar sin thàinig an t‑àrd‑cheannard agus thuirt e ris, “Innis dhòmhsa: an e saoranach Ròmanach a th' annad?” Agus thuirt esan, “'S e.”
28
Fhreagair an t‑àrd‑cheannard, “Cheannaich mise an t‑saoranachd seo air suim mhòir.” Thuirt Pòl, “Ach rugadh mise nam shaoranach.”
29
Mar sin tharraing iadsan a bha gus a cheasnachadh air ais uaithe sa bhad, agus bha an t‑eagal cuideachd air an àrd‑cheannard, a chionn 's gun do thuig e gum b' e saoranach Ròmanach a bh' ann agus gun robh esan air a cheangal.
30
Ach air an ath latha, a' miannachadh am fìor adhbhar fhaighinn a‑mach dìreach carson a bha e a' tighinn fo chasaid nan Iùdhach, dh'fhuasgail e e agus dh'àithn e dha na h‑àrd‑shagartan 's dhan Chomhairle gu lèir cruinneachadh, agus thug e Pòl sìos is chuir e mun coinneamh e.
← Chapter 21
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 23 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28