bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Galatians 1
Galatians 1
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 2 →
1
Pol ʼna ostal, cha n-ann bho dhaoine, ʼs cha mhua tromh dhuine, ach tromh Iosa Criosta, ʼs tromh Dhia an t-Athair, a thog bho na mairbh e,
2
Agus na braithrean uile, a tha maille rium, gu eaglaisean Ghalatia.
3
Grasan gun robh dhuibhse agus sith bho Dhia an t-Athair, ʼs bho ar Tighearna Iosa Criosta,
4
A thug e fhein seachad air son ar peacannan, gus ar saoradh bho ʼn droch shaoghal a tha lathair, a reir toil De agus ar n-Athar,
5
Dha bheil gloir fad shaoghal nan saoghal. Amen.
6
Is iongantach leam gum beil sibh air ur n-iomain mar so cho grad bhuaithe-san, a ghairm sibh gu grasan Chriosta, gu soisgeul eile:
7
Nach eil ʼna shoisgeul eile, ach gu bheil feadhainn ann, a tha gu ʼr cur troimh cheile, agus leis an aill soisgeul Chriosta fhiaradh.
8
Ach ged a theagaisgeadh sinne, no aingeal bho fhlathanas, soisgeul eile, ach an soisgeul a theagaisg sinn dhuibh, biodh e ʼna anathema.
9
Ceart mar a thuirt sinn roimh, tha mi nis ga chantuinn a rithist: Ma theagaisgeas duine air bith dhuibh soisgeul, ach sin ris na ghabh sibh, biodh e ʼna anathema.
10
Oir an ann air daoine a tha mi nis a toirt chomhairle, no air Dia? No bheil mi sireadh daoine a thoileachadh? Nam bʼ e toil dhaoine bhithinn fhathast a dianamh, cha bu sheirbhiseach Chriosta mi.
11
Oir tha mi cur air shuilean dhuibh, a bhraithrean, nach eil an soisgeul, a chaidh a theagasg leamsa, a reir duine:
12
Cha mhua bʼ ann bho dhuine a fhuair no dhʼ ionnsuich mi e, ach le taisbeanadh Iosa Criosta.
13
Oir chuala sibh mu mo chaithe-beatha roimh so an creideamh nan Iudhach: mar a bha mi dianamh geur-leanmhuinn thar tomhas air eaglais Dhe, agus ga sgrios,
14
Agus dhʼ fhas mi nas dìana ann an creideamh nan Iudhach na moran dhe mo chomhaoisean na mʼ chinneadh fhein, agus nas ro-eudmhoir air phailte mu bhial-aithrisean mʼ aithrichean.
15
Ach nuair a dheonaich esan, a dhealaich mi bho bhroinn mo mhathar, ʼsa ghairm mi le ghrasan,
16
A Mhac fhein a shoilleireachadh unnam, los gun teagaisginn e am measg nan cinneach; gun dàil cha do sthriochd mi do dhʼ fheoil ʼs do dhʼ fhuil,
17
Cha mhua chaidh mi do Ierusalem thun nan ostal a bha romham: ach chaidh mi gu Arabia; ʼsa rithist thill mi do Dhamascus:
18
An sin an ceann thri bliadhna chaidh mi do Ierusalem gu Peadar fhaicinn, agus dhʼ fhuirich mi maille ris coig latha-diag:
19
ʼS cha n-fhaca mi aon eile de na h-ostail, saor bho Sheumas brathair an Tighearna.
20
A nis a thaobh nan nichean a tha mi sgriobhadh h-ugaibh, seall, an lathair Dhe, cha n-eil mi dianamh breige.
21
An deigh sin thainig mi gu criochan Shiria agus Chilicia.
22
Agus cha bʼ aithne do eaglaisean Iudéa, a bha ann an Criosta, mi ri mʼ fhaicinn:
23
Ach a mhain bha iad air cluinntinn: Gum beil esan, a rinn geur-leanmhuinn oirnn a chianamh, a nis a teagasg a chreidimh, a bha e air uair a sgriosadh;
24
Agus thug iad gloir do Dhia as mo leth.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6