bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Galatians 5
Galatians 5
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 6 →
1
Seasaibh daingeann, ʼs na bithibh air ur cumail a rithist fo chuing na sglamhachd.
2
Seall, tha mise Pol a g-innse dhuibh, ma bhios sibh air ur timchioll-ghearradh, nach dian Criosta a bheag de stà dhuibh.
3
Agus tha mi dianamh fianuis a rithist do gach aon a tha ga thimchioll-ghearradh fhein, gum beil e mar fhiachaibh air an lagh uile a chumail.
4
Rinneadh sibhse, a tha air ur naomhachadh anns an lagh, falamh de Chriosta; thuit sibh bho ghrasan.
5
Oir tha sinne san spiorad a feitheamh tromh chreideamh ri dochas a cheartais.
6
Oir ann an Iosa Criosta, cha leasaich timchioll-ghearradh, no neo-thimchioll-ghearradh a bheag, ach creideamh a dhʼ oibricheas tromh charrantachd.
7
Ruith sibh gu math: co bhac sibh bho sthriochdadh do ʼn fhirinn?
8
Cha n-eil a chomhairle so bhuaithe-san, a tha gu ʼr gairm.
9
Goirtichidh beagan de thaois-ghoirt am meall uile.
10
Tha mi g-earbsa asaibh san Tighearna nach atharraich sibh aiteal dhe ʼr beachd: ach thig breitheanas air-san, ge bith e, a tha cur bruaidlein oirbh.
11
Ach, a bhraithrean, ma tha mise fhathast a teagasg an timchioll-ghearraidh, car-son tha mi fhathast a fulang geur-leanmhuinn? Tha sgainneal na croise a reir sin gun bhrigh.
12
Bʼ fhearr leam gun robh iadsan, a tha gu ʼr cur troimh-cheile, air an sgathadh as.
13
Oir ghairmeadh sibhse, a bhraithrean, gu saorsuinn; a mhain na dianaibh ur saorsuinn ʼna h-aobhar do ʼn fheoil, ach le carrantachd an spioraid freasdalaibh air a cheile.
14
Oir tha an lagh uile air a choimhlionadh anns an aon fhacal so: Bheir thu gaol dha do choimhearsnach mar dhut fhein.
15
Ach ma bhios sibh a cagnadh sa g-ithe a cheile, thugaibh an aire nach cuir sibh as do gach a cheile.
16
Ach tha mise g-radh: Imichibh a reir an spioraid, ʼs cha chuir sibh an gniomh ana-miannan na feola.
17
Oir thaʼn fheoil a miannachadh an aghaidh an spioraid: ʼs an spiorad an aghaidh na feola: oir tha iad so an aghaidh a cheile, air sheol ʼs nach iad na nichean is math leibh, a tha sibh a dianamh.
18
Ach ma tha sibh air ur stiuradh leis an spiorad, cha n-eil sibh fo ʼn lagh.
19
A nis tha oibrichean na feola soilleir; agus is iad striopachas, neo-ghloine, mi-stuaim, druis,
20
Iodhol-aoradh, buidseachd, gamhlas, consachadh, comhstri, fearg, trod, aimhreit, eiriceachd,
21
Farmad, murt, misg, geocaireachd, agus an leithidean sin: mu bheil mi g-innse dhuibh, mar a dhʼ innis mi dhuibh a cheana, nach sealbhaich iadsan, a ni an leithidean sin, rioghachd Dhe.
22
Ach se toradh an spioraid carrantachd, aoibhneas, sith, faighidin, caoimhneas, mathas, fad-fhulangas,
23
Ciuineachd, creideamh, stuamachd, measarrachd, geamnachd. An aghaidh an leithidean sin cha n-eil lagh.
24
Agus iadsan, is le Criosta, cheus iad am feoil le giomhan ʼs le h-ana-miannan.
25
Ma ʼsann san spiorad a tha sinn beo, imichemid mar an ciadna anns an spiorad.
26
Na bithemid deidheil air faoin ghloir, a buaireadh a cheile, a gabhail farmaid ri cheile.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6