bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Galatians 4
Galatians 4
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 5 →
1
A nis tha mi g-radh: Fhad ʼsa tha an t-oighre ʼna leanabh, is ionann e agus seirbhiseach, ged is tighearna nan uile e;
2
Ach tha e fo mhaighistirean, ʼs fo riaghladairean, gus an t-àm a shonraich ʼathair:
3
Is amhuil sinne, nuair a bha sinn ʼnar cloinn, bha sinn a seirbhiseachadh fo dhùilean an t-saoghail.
4
Ach nuair thainig coimhliontachd na h-aimsire, chuir Dia a Mhac diante bho bhoirionnach, diante fo ʼn lagh,
5
Gus iadsan, a bha fo ʼn lagh, a shaoradh, los sinn a dhʼ fhaighinn uchd-mhacachd cloinne.
6
Agus a chionn gur mic sibh, chuir Dia Spiorad a Mhic ʼnur cridheachan, a g-eigheach: Abba, Athair.
7
Le sin cha sheirbhiseach e a nis, ach mac. Agus ma ʼs mac, is oighre cuideachd tromh Dhia.
8
Ach san àm ud gu dearbh, agus sibh aineolach air Dia, rinn sibh seirbhis dhaibhse, nach eil a thaobh naduir ʼnan diathan.
9
Ach a nis nuair is aithne dhuibh Dia, no nas docha nuair is aithne do Dhia sibh, ciamar a tha sibh a tilleadh a rithist ris na dùilean anfhann agus uireasach, a tha sibh as ùr an geall a sheirbhiseachadh?
10
Tha sibh a cumail laithean, us mhiosan, us amannan, agus bhliadhnaichean.
11
Tha eagal orm asaibh, gun do shaothraich mi ma dhʼ fhaoidte gu diomhain ʼnur measg.
12
Bithibh mar tha mise, a chionn ʼs gum beil mise mar tha sibhse; tha mi guidhe oirbh; a bhraithrean: dolaidh sam bith cha dʼ rinn sibh ormsa.
13
Agus is aithne dhuibh, gum bʼ ann an laigse na feola a shearmonaich mi dhuibh an soisgeul roimh so; agus ur buaireadh-sa na mʼ fheoil.
14
Cha do chuir sibh suarach, ʼs cha do dhiult: ach ghabh sibh rium mar aingeal De, mar Iosa Criosta.
15
Càite nis a bheil ur sonas? Oir tha mi toirt teisteanais oirbh, nan gabhadh e dianamh, gun spionadh sibh a mach ur suilean, ʼs gun tugadh sibh dhomhsa iad.
16
An dʼ fhas mi ma ta na mʼ eas-caraid dhuibh le mi an fhirinn innse duibh?
17
Tha iad eudmhor as ur leth ʼs cha n-ann gu math: ach se ur tearbadh a tha bhuapa, los sibhse bhith eudmhor as an leth fhein.
18
Agus ann an cuis mhath bithibh daonnan eudmhor mu ni math, ʼs cha n-ann a mhain nuair tha mise san lathair ʼnur measg.
19
Mo chlann bheag, air a bheil mi ri saothair a rithist, gus an dealbhar Criosta unnaibh.
20
Ach bu mhath leam a bhith maille ribh sa cheart uair so, agus mo ghuth a chaochladh: a chionn gum beil mi ʼn ioma-chomhairle mu ʼr deidhinn.
21
Innsibh dhomh, sibhse leis an aill a bhith fo ʼn lagh: nach do leugh sibh an lagh?
22
Oir tha e sgriobhte, gun robh dithis mhac aig Abraham: a h-aon bho mhnaoi-mhuinntir, ʼsa h-aon bho mhnaoi-shaoir.
23
Ach rugadh esan, a bha bho ʼn mhnaoi-mhuinntir, a reir na feola: ach esan, a bha bho ʼn mhnaoi-shaoir, tromh ghealladh:
24
Iad so thuirteadh mar shamhla. Oir ʼsiad so an dà thiomnadh. A h-aon gu dearbh air beinn Shina a breith gu trailleachd: si sin Agar:
25
Oir is monadh Sina, ann Arabia, aig a bheil cleamhnas ri Ierusalem, a tha nis ann, ʼsa tha fo dhaorsa le a cloinn.
26
Ach tha ʼn Ierusalem, a tha shuas, saor, agus is ise ar mathair-ne.
27
Oir tha e sgriobhte: Bi aighearach, thusa a tha eatorrach ʼs nach eil a breith; tog do ghuth agus glaodh, thusa nach eil ri saothair-chloinne: oir is Honor clann na té, a tha leatha fhein, fos a cionn-sa aig a bheil fear,
28
A nis, a bhraithrean, is sinne, mar Isaac, clann a ghealltanais.
29
Ach mar a rinn esan, à rugadh a reir na feola, geur-leanmhuinn san àm sin air-san, a bha air reir an spioraid: is amhuil a nis mar an ciadna.
30
Ach ciod a tha ʼn Sgriobtur a g-radh? Tilg a mach a bhean-mhuinntir agus a mac: oir cha bhi mac na mna-muinntir ʼna oighre comhla ri mac na té saoire.
31
Mar sin, a bhraithrean, cha sinne clann na mna-muinntir, ach na té saoire; leis an t-saorsuinn leis na shaor Criosta sitm.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6