bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Galatians 2
Galatians 2
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 3 →
1
An sin an ceann cheithir bliadhnʼ-diag chaidh mi rithist suas do Ierusalem couihla ri Barnabas, a toirt Thituis cuideachd leam.
2
Agus chaidh mi suas a reir taisbeanaidh: ʼs chuir mi mo chomhairle riu mu ʼn t-soisgeul; a tha mi searmonachadh am measg nan cinneach, ach a lethtaobh riusan air am bu mhua meas: eagal ma dhʼ fhaoidte gun ruithinn, no gun do ruith mi gu diomhain.
3
ʼS cha mhua thugadh air Titus, a bha comhla rium, ʼs e ʼna chinneach, a bhith air a thimchioll-ghearradh:
4
Ach air son bhraithrean meallta, a thugadh a stigh, ʼsa ghoid a stigh fos n-iosal gu beachdachadh air an t-saorsuinn, a thʼ againne ann an Iosa Criosta, fiach an tugadh iad fo dhaorsa sinn:
5
Dha nach do gheill sinn le striochdadh fiu fad uair, gu firinn an t-soisgeil a dhʼ fhantuinn maille ribhse.
6
Ach bhuatha-san, dhe ʼn robhas a saoilsinn rud-eigin (ciod a bha iad uaireigin, cha bhuin e dhomhsa: cha n-eil Dia dianamh leth-bhreth air pearsa duine), cha dʼ fhuair mise, bhuatha-san, dhe ʼn do shaoileadh rudeigin, a bheag air bith.
7
Ach an aite sin nuair a chunnaic iad, gun dʼ earbadh riumsa soisgeul an neo-thimchioll-ghearraidh, ceart mar ri Peadar soisgeul an timchioll-ghearraidh:
8
(Oir esan, a dhʼ oibrich le Peadar ann an ostalachd an timchioll-ghearraidh, dhʼ oibrich e leamsa cuideachd am measg nan cinneach);
9
Agus nuair a thuig iad na grasan a thugadh dhomhsa, thug Seumas us Cephas us Eoin, a bhathas a meas ʼnan cinn-steidh, deas lamh a chomuinn dhomh agus do Bharnabas, gus sinne dhol thun nan cinneach, ach iadsan thun an timchioll-ghearraidh:
10
Ach a mhain sinn a bhith cuimhneach air na bochdan, ni gu dearbh a bha mi fhein ro thitheach air a dhianamh.
11
Ach nuair a thainig Cephas gu Antioch, chuir mi ʼna aghaidh as an aodann: a chionn gun robh e ri choireachadh.
12
Oir mun tainig feadhainn àraidh bho Sheumas, bha e g-iche comhla ris na cinnich: ach an deigh dhaibh-san tighinn, chaidh e leth-taobh, agus dhealaich e riu, e gabhail fiamh rompasan, a bhuineadh do ʼn timchioll-ghearradh.
13
ʼS dhʼ aontaich a chuid eile de na h-Iudhaich dha chlaonadh, cho fad ʼs gun robh Barnabas air a tharruinn leo thun a chlaonaidh chiadna.
14
Ach nuair chunnaic mi nach robh iad a g-imeachd gu treibhdhireach a reir firinn an t-soisgeil, thuirt mi ri Cephas ʼnan lathair uile: Ma tha thusa, ʼs tu na dʼ Iudhach, a tighinn beo a reir caithe-beatha nan cinneach, ʼs cha n-ann mar na h-Iudhaich, car-son a tha thu toirt air na cinnich caithe-beatha nan Iudhach a leantuinn?
15
Tha sinne thaobh naduir ʼnar n-Iudhaich, ʼs cha n-ann de na cinnich ʼnar peacaich.
16
Ach a g-aithneachadh nach eil duine air a naomhachadh le oibrichean an lagha, ach le creideamh Iosa Criosta: tha sinne mar sin a creidsinn ann an Iosa Criosta, los gun naomhaichear sinn le creideamh Chriosta, ʼs cha n-ann le oibrichean an lagha: a chionn nach naomhaichear feoil air bith le oibrichean an lagha.
17
Ach ma gheobhar sinne fhein, a tha sireadh a bhith air ar naomhachadh ann an Criosta, ʼnar peacaich an deigh sin, am beil Criosta le sin ʼna fhear-frithealaidh a pheacaidh? Fad bhuainne sin.
18
Oir ma se ʼs gun tog mi rithist na nichean a leag mi, tha mi dianamh briagadair dhiom fhein.
19
Oir tromh ʼn lagh tha mise marbh do ʼn lagh, gus mi bhith beo do Dhia: maille ri Criosta tha mi air mo thairngeadh ris a chrois.
20
Agus tha mi beo, cha mhi nis; ach tha Criosta beo unnam. Oir gum beil mi nis beo san fheoil, tha mi beo an creideamh Mhic Dhe, a thug gradh dhomh, ʼsa liubhair e fhein seachad air mo shon.
21
Cha n-eil mi tilgeadh bhuam grasan De. Oir ma tha ceartas tromh ʼn lagh, an sin bu dhiomhain bàs Chriosta.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6