bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Galatians 6
Galatians 6
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
1
Agus, a bhraithrean, ma ghlacar duine ann an coire air bith, sibhse, a tha spioradail, teagaisgibh a leithid ann an spiorad na ciuineachd, a sealltuinn riut fhein, eagal gum bi thu fhein cuideachd air do bhuaireadh.
2
Giulainibh eallaichean a cheile, agus mar sin coimhlionaidh sibh lagh Chriosta.
3
Oir ma shaoileas duine gur rudeigin e fhein, ʼs gun ann ach neoni, tha e ga mhealladh fhein.
4
Ach dearbhadh gach aon ʼobair fhein, agus mar sin bithidh uaill aige ann fhein a mhain, ʼs cha n-ann an neach eile.
5
Oir giulainidh gach aon eallach fhein.
6
Agus roinneadh esan, a thathas a teagasg san fhacal, ris-san a tha ga theagasg, anns a h-uile ni math.
7
Na bithibh air ur mealladh: cha dianar fanaid air Dia.
8
Oir na dearbh nichean a chuireas duine, ʼsiad a bhuaineas e. Oir am fear a chuireas ʼna fheoil, bho ʼn fheoil buainidh e truailleachd: ach am fear a chuireas san spiorad, bho ʼn spiorad buainidh e a bheatha shiorruidh.
9
Agus na failnichemid ann am math dhianamh: oir, mur failnich, buainidh sinn ʼna thrath.
10
Uime sin fhad ʼsa tha uine againn dianamaid math do dhaoine uile, ach gu sonraichte dhaibh-san, a tha de theaghlach a chreidimh.
11
Faicibh ciod an litir a sgriobh mi h-ugaibh le mʼ laimh fhein.
12
Oir a mhiad ʼsa tha sireadh toileachadh a thoirt san fheoil, tha iad a toirt oirbh a bhith air ur timchioll-ghearradh, a mhain gus nach fuilig iad geur-leanmhuinn air son crois Chriosta.
13
Oir cha n-eil iadsan fhein, a tha air an timchioll-ghearradh, a cumail an lagha: ach is aill leo sibhse a bhith air ur timchioll-ghearradh, gus iad a dhianamh uaille as ur feoil.
14
Ach fad bhuamsa uaill a dhianamh á ni air bith, ach á crois ar Tighearna Iosa Criosta, leis na cheusadh an saoghal dhomhsa, agus mise dha ʼn t-saoghal.
15
Oir ann an Iosa Criosta cha n-eil leas air bith anns an timchioll-ghearradh, no anns an neo-thimchioll-ghearradh, ach ann an creutair ùr.
16
Agus co sa bith a leanas an riaghailt so, sith dhaibh agus trocair, ʼs do Israel Dhe.
17
A so suas na cuireadh duine sa bith dragh orm: oir tha mi giulan athailtean an Tighearna Iosa na mʼ chorp.
18
Gun robh grasan ar Tighearna Iosa Criosta maille ri ʼr spiorad, a bhraithrean. Amen.
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
All chapters:
1
2
3
4
5
6