bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Galatians 3
Galatians 3
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 4 →
1
O mhuinntir Ghalatia gun chiall, co chuir buidseachd oirbh, nach striochd sibh do ʼn fhirinn, agus Iosa Criosta air fhiachuinn dhuibh mu choinneamh ur sul, air a cheusadh ʼnur measg?
2
Is math leam so a mhain a thuigsinn bhuaibh: An ann bho oibrichean an lagha, no bho eisdeachd a chreidimh a fhuair sibh an Spiorad?
3
Am beil sibh cho gorach, ʼs an deigh tòiseachadh leis an Spiorad, gun criochnaich sibh leis an fheoil?
4
Na dhʼ fhuilig sibh nichean cho mor gu diomhain? ma se ʼs gur h-ann gu diomhain.
5
Am beil esan ma ta, a tha toirt dhuibh an Spioraid, ʼsa dianamh mhiarailtean ʼnur measg, a dianamh so le oibrichean an lagha, no an ann le eisdeachd a chreidimh?
6
Mar tha e sgriobhte: Chreid Abraham Dia, us mheasadh sin da gu ceartas.
7
Tuigibh ma ta gur iadsan, a tha dhe ʼn chreideamh, is clann do dhʼ Abraham.
8
Agus an Sgriobtur a faicinn roimh laimh gun naomhaicheadh Dia na cinnich le creideamh, thug e fios roimh laimh do dhʼ Abraham: Beannaichear na cinnich uile unnadsa.
9
Uime sin bithidh iadsan, a tha dhe ʼn chreideamh, air am beannachadh maille ri Abraham, a chreid.
10
Oir a mhiad ʼsa tha de dhʼ oibrichean an lagha, tha iad fo mhollachd. Oir tha e sgriobhte: Is mollaichte gach aon nach lean ris na nichean sin uile, a tha sgriobhte ann an leabhar an lagha, gus an dianamh.
11
Ach nach naomhaichear an lathair Dhe duine air bith leis an lagh, is cuis shoilleir: a chionn gum beil an duine ceart beo tromh chreideamh.
12
Ach cha n-ann bho chreideamh a tha an lagh, ach: Esan a ni iad sin, bithidh e beo unnta.
13
Shaor Criosta sinn bho mhollachd an lagha le bhith ʼna mhollachd air ar son: oir tha e sgriobhte: Is mollaichte a h-uile h-aon a chrochar air crann:
14
Los gun struthadh beannachd Abrahaim air na cinnich tromh Iosa Criosta, ʼs gum faigh sinne gealladh an Spioraid tromh chreideamh.
15
A bhraithrean (mar dhuine tha mi ga radh), cha chuir aon sa bith tiomnadh daingnichte duine suarach, cha mhua chuireas e ris.
16
Thugadh na gealltanasan do dhʼ Abraham agus dha shiol. Cha n-eil e g-radh: Dha shil, mar do mhoran, ach mar do h-aon: Agus dha dʼ shiol, se sin Criosta.
17
A nis tha mi g-radh so, nach eil an lagh, a rinneadh an ceann ceithir chiad us deich bliadhna fichead, a bristeadh an tiomnaidh tha daingnichte le Dia, gus an gealltanas fhagail gun mhath.
18
Oir ma ʼsann bho ʼn lagh a tha ʼn oighreachd, cha n-eil i a reir sin bho ʼn ghealltanas. Ach thug Dia i do dhʼ Abraham tromh ghealladh.
19
Car-son ma ta an lagh? Thugadh e air son pheacannan gus an tigeadh an siol, dha ʼn tug e an gealladh, air orduchadh le ainglean an laimh eadar-mhiadhonair.
20
A nis cha n-eil eadar-mhiadhonair air son aon: ach is aon Dia.
21
An robh an lagh ma ta an aghaidh geallaidhnean Dhe? Fada bho sin. Oir nan tugteadh lagh seachad a bʼ urrainn beatha thoirt, gu deimhinn ʼsann bho ʼn lagh a bhiodh ceartas.
22
Ach dhruid an Sgriobtur a h-uile ni fo ʼn pheacadh, los gum biodh an gealltanas tromh chreideamh Iosa Criosta air a thoirt do na creidich.
23
Ach mun tainig creideamh, ghleidheadh sinn duinte fo ʼn lagh thun a chreidimh sin, a bha ri thaisbeanadh.
24
Mar sin bʼ e an lagh ar ceann-iuil gu Criosta, los gum bi sinn air ar naomhachadh tromh chreideamh.
25
Ach air tighinn do ʼn chreideamh, cha n-eil sinn nas fhaide fo cheann-iuil.
26
Oir tha sibh uile ʼnur cloinn do Dhia tromh ʼn chreideamh, a tha ann an Iosa Criosta.
27
Oir uibhir ʼsa bhaisteadh dhibh ann an Criosta, chuir sibh Criosta umaibh.
28
Cha n-eil Iudhach no Greigeach: cha n-eil daor no saor: cha n-eil firionn no boirionn ann. Oir tha sibh uile ʼnur n-aon ann an Iosa Criosta.
29
Agus ma ʼs le Criosta sibh, tha sibh le sin de shiol Abrahaim, ʼnur n-oighreachan a reir a ghealltanais.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6