bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Leviticus 1
Leviticus 1
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 2 →
1
Agus ghairm an Tighearna air Maois, agus labhair e ris à pàillean a’ choitheanail, ag ràdh.
2
Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Ma bheir duine sam bith agaibh tabhartas a dh’ionnsaigh an Tighearna, bheir sibh ur tabhartas den sprèidh, eadhon den bhuar agus den treud.
3
Ma bhios a thabhartas den bhuar na ìobairt-loisgte, thugadh e seachad beathach fireann gun ghaoid: aig doras pàillean a’ choitheanail bheir e seachad e de a shaor thoil fhèin, an làthair an Tighearna.
4
Agus cuiridh e a làmh air ceann na h‑ìobairt-loisgte: agus gabhar air a shon i, a dhèanamh rèite air a shon.
5
Agus marbhaidh e an tarbh òg an làthair an Tighearna: agus bheir na sagartan, mic Aaroin, leo an fhuil, agus crathaidh iad an fhuil mun cuairt air an altair, a tha aig doras pàillean a’ choitheanail.
6
Agus fionnaidh e an ìobairt-loisgte, agus gearraidh e i na mìrean.
7
Agus cuiridh mic Aaroin an sagart teine air an altair, agus leagaidh iad fiodh ann an òrdagh air an teine.
8
Agus leagaidh na sagartan, mic Aaroin, na mìrean, an ceann, agus an t‑saill, ann an òrdagh air an fhiodh a tha air an teine, a tha air an altair.
9
Ach a mhionach agus a chasan nighidh e ann an uisge: agus loisgidh an sagart an t‑iomlan air an altair, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.
10
Agus mas ann de na treudan a bhios a thabhartas, eadhon de na caoraich, no de na gobhair, a‑chum ìobairt-loisgte, na bheathach fireann gun ghaoid bheir e leis e.
11
Agus marbhaidh e e aig taobh na h‑altarach mu thuath ann an làthair an Tighearna: agus crathaidh na sagartan, mic Aaroin, a fhuil air an altair mun cuairt.
12
Agus gearraidh e na mhìrean e, maille ra cheann agus ra shaill; agus cuiridh an sagart iad ann an òrdagh air an fhiodh a tha air an teine, a tha air an altair.
13
Ach nighidh e am mionach agus na casan le uisge; agus bheir an sagart leis an t‑iomlan, agus loisgidh e air an altair e, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.
14
Agus mas ann de eunlaith a bhios a thabhartas don Tighearna a‑chum ìobairt-loisgte, an sin bheir e a thabhartas de thurtaran, no de chalamain òga.
15
Agus bheir an sagart e a‑chum na h‑altarach, agus snìomhaidh e a cheann dheth, agus loisgidh e air an altair e; agus fàisgear a‑mach a fhuil air taobh na h‑altarach.
16
Agus spìonaidh e a sgròban as maille ra chlòimh, agus tilgidh e làimh ris an altair e, air an taobh an ear, do àite na luatha.
17
Agus sgoiltidh e maille ra sgiathan e, ach cha roinn e o chèile e; agus loisgidh an sagart e air an altair, air an fhiodh a tha air an teine, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27