bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Leviticus 6
Leviticus 6
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 7 →
1
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
2
Ma pheacaicheas anam, agus gun dèan e easaontas an aghaidh an Tighearna, agus gun dèan e breug da choimhearsnach a‑thaobh an nì a thugadh dha ra ghleidheadh, no ann an companas, no a‑thaobh an nì a thugadh air falbh le ainneart, no ma mheall e a choimhearsnach;
3
No ma fhuair e an nì sin a chailleadh, agus gun do rinn e breug uime, agus gun tug e mionnan eithich; ann an aon nì dhiubh sin uile a nì duine, a’ peacachadh annta:
4
An sin tachraidh, a chionn gun do pheacaich e, agus gu bheil e ciontach, gun toir e air ais an nì sin a thug e air falbh le ainneart, no an nì sin a fhuair e gu mealltach, no an nì sin a thugadh dha ra ghleidheadh, no a chailleadh agus a fhuair e,
5
No nì sam bith mun tug e mionnan eithich; bheir e air ais e anns an iomlan, agus cuiridh e an còigeamh cuid a thuilleadh ris, agus bheir e dhàsan e dom buin e, ann an là a ìobairt-easaontais.
6
Agus bheir e leis a ìobairt-easaontais a‑chum an Tighearna, reithe gun ghaoid on treud, a rèir do mheas, mar ìobairt-easaontais, a dh’ionnsaigh an t‑sagairt.
7
Agus nì an sagart rèite air a shon an làthair an Tighearna: agus gheibh e maitheanas a‑thaobh gach nì dhiubh sin uile a rinn e, a’ ciontachadh annta.
8
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
9
Thoir àithne do Aaron agus da mhic, ag ràdh, Is e seo lagh na h‑ìobairt-loisgte: (Is i an ìobairt-loisgte i, airson an losgaidh air an altair air feadh na h‑oidhche uile gu madainn, agus bidh teine na h‑altarach a’ losgadh innte;)
10
Agus cuiridh an sagart trusgan anairt uime, agus cuiridh e briogais anairt air a fheòil, agus togaidh e suas an luath a loisg an teine leis an ìobairt-loisgte air an altair, agus cuiridh e i làimh ris an altair.
11
Agus cuiridh e a thrusgan dheth, agus cuiridh e trusgan eile uime, agus giùlainidh e an luath a‑mach an taobh a‑muigh den champ, gu ionad glan.
12
Agus bidh an teine air an altair a’ losgadh innte; cha chuirear as e: agus loisgidh an sagart fiodh oirre gach madainn, agus cuiridh e an ìobairt-loisgte ann an òrdagh oirre, agus loisgidh e oirre saill nan ìobairtean-sìthe.
13
Bidh an teine a’ lasadh air an altair an còmhnaidh: cha tèid e idir as.
14
Agus is e seo lagh an tabhartais-bhìdh. Bheir mic Aaroin e an làthair an Tighearna, fa chomhair na h‑altarach.
15
Agus gabhaidh e làn a dhùirn dheth, de fhlùr an tabhartais-bhìdh, agus de a ola, agus an tùis uile a tha air an tabhartas-bhìdh, agus loisgidh e air an altair e, a‑chum fàile chùbhraidh, eadhon cuimhneachan dheth don Tighearna.
16
Agus ithidh Aaron agus a mhic am fuidheall: maille ri aran neo-ghortaichte ithear e anns an ionad naomh; ann an cùirt pàillean a’ choitheanail ithidh iad e.
17
Chan fhuinear e le taois ghoirt; thug mi dhaibh e mar an cuibhreann dem thabhartasan air an toirt suas le teine: tha e ro‑naomh, mar an ìobairt-pheacaidh, agus mar an ìobairt-easaontais.
18
Ithidh gach fireannach am measg chloinn Aaroin dheth: bidh e na reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean a‑thaobh tabhartasan an Tighearna air an toirt suas le teine: bidh gach neach a bheanas riu naomh.
19
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
20
Is e seo tabhartas Aaroin, agus a chuid mhac, a bheir iad seachad don Tighearna, anns an là a dh’ungar e; an deicheamh cuid de ephah de fhlùr mìn mar thabhartas-bìdh an còmhnaidh, a leth anns a’ mhadainn, agus a leth anns an fheasgar.
21
Ann an aghann nìthear e le ola, agus nuair a bhios e fuinte, bheir thu a‑steach e; agus na mìrean fuinte den tabhartas-bhìdh bheir thu seachad a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna.
22
Agus bheir an sagart da mhic, a dh’ungadh na àite, seachad e: is reachd sìorraidh e don Tighearna; loisgear gu h‑iomlan e.
23
Oir loisgear gach tabhartas-bìdh airson an t‑sagairt gu h‑iomlan: chan ithear e.
24
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
25
Labhair ri Aaron agus ra mhic, ag ràdh, Is e seo lagh na h‑ìobairt-pheacaidh: anns an ionad anns am marbhar an ìobairt-loisgte, bidh an ìobairt-pheacaidh air a marbhadh ann am fianais an Tighearna: tha i ro‑naomh.
26
Ithidh an sagart i, a bheir seachad i airson peacaidh: anns an ionad naomh ithear i, ann an cùirt pàillean a’ choitheanail.
27
Ge bè nì a bheanas ra feòil, bidh e naomh, agus nuair a chrathar a’ bheag de a fuil air aodach sam bith, nighidh tu an nì air an do chrathadh i anns an ionad naomh.
28
Agus bidh an soitheach creadha anns an do bhruitheadh i air a bhriseadh; ach ma bhruitheadh i ann an coire umha, glanar agus nighear e ann an uisge.
29
Ithidh na fireannaich uile am measg nan sagart dhith: tha i ro‑naomh.
30
Ach chan ithear ìobairt-pheacaidh sam bith, den tugadh a’ bheag den fhuil a‑steach do phàillean a’ choitheanail, a dhèanamh rèite anns an ionad naomh; loisgear anns an teine i.
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 7 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27