bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Leviticus 9
Leviticus 9
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 10 →
1
Agus air an ochdamh là ghairm Maois air Aaron agus air a mhic, agus air seanairean Israeil;
2
Agus thubhairt e ri Aaron, Gabh dhut fhèin laogh òg a‑chum ìobairt-pheacaidh, agus reithe a‑chum ìobairt-loisgte, gun ghaoid, agus thoir seachad iad an làthair an Tighearna.
3
Agus labhraidh tu ri cloinn Israeil, ag ràdh, Gabhaibh-se meann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh; agus laogh, agus uan, le chèile den chiad bhliadhna, gun ghaoid, a-chum ìobairt-loisgte;
4
Mar an ceudna tarbh agus reithe, mar thabhartasan-sìthe, a‑chum an ìobradh an làthair an Tighearna; agus tabhartas-bìdh measgte le ola: oir an‑diugh foillsichidh an Tighearna e fhèin dhuibh.
5
Agus thug iad an nì sin a dh’àithn Maois gu beulaibh pàillean a’ choitheanail: agus thàinig an coitheanal uile am fagas, agus sheas iad an làthair an Tighearna.
6
Agus thubhairt Maois, Is e seo an nì a dh’àithn an Tighearna gun dèanadh sibh; agus foillsichear glòir an Tighearna dhuibh.
7
Agus thubhairt Maois ri Aaron, Imich a dh’ionnsaigh na h‑altarach, agus ìobair d’ìobairt-pheacaidh, agus d’ìobairt-loisgte, agus dèan rèite air do shon fhèin, agus airson an t‑sluaigh: agus thoir suas tabhartas an t‑sluaigh, agus dèan rèite air an son, mar a dh’àithn an Tighearna.
8
Chaidh Aaron uime sin a dh’ionnsaigh na h‑altarach, agus mharbh e laogh na h‑ìobairt-pheacaidh a bha air a shon fhèin.
9
Agus thug mic Aaroin an fhuil da ionnsaigh; agus thum e a mheur anns an fhuil, agus chuir e air adhaircean na h‑altarach i, agus dhòirt e a‑mach an fhuil aig bun na h‑altarach.
10
Ach an t‑saill agus na h‑àirnean, agus an sgairt os cionn àinean na h‑ìobairt-pheacaidh, loisg e air an altair, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
11
Agus an fheòil agus an t‑seiche loisg e le teine, an taobh a‑muigh den champ.
12
Agus mharbh e an ìobairt-loisgte; agus thug mic Aaroin an fhuil da ionnsaigh, agus chrath e i air an altair mun cuairt.
13
Agus thug iad an ìobairt-loisgte da ionnsaigh, maille ra mìrean, agus an ceann; agus loisg e iad air an altair.
14
Agus nigh e am mionach agus na casan, agus loisg e iad air an ìobairt-loisgte air an altair.
15
Agus thug e leis tabhartas an t‑sluaigh, agus ghabh e meann na h‑ìobairt-pheacaidh a bha airson an t‑sluaigh, agus mharbh e e, agus thug e suas e airson peacaidh, mar a’ chiad ìobairt.
16
Agus thug e leis an ìobairt-loisgte, agus dh’ìobair e i a rèir a’ ghnàtha.
17
Agus thug e leis an tabhartas-bìdh, agus lìon e a dhòrn as, agus loisg e air an altair e, a thuilleadh air ìobairt-loisgte na maidne.
18
Mharbh e mar an ceudna an tarbh, agus an reithe, mar ìobairt nan tabhartas-sìthe, a bha airson an t‑sluaigh; agus thug mic Aaroin da ionnsaigh an fhuil, agus chrath e i air an altair mun cuairt.
19
Agus saill an tairbh, agus earball an reithe, agus an nì sin a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus na h‑àirnean, agus an sgairt os cionn nan àinean.
20
Agus chuir iad an t‑saill air na h‑uchdan, agus loisg e an t‑saill air an altair.
21
Agus na h‑uchdan agus an slinnean deas luaisg Aaron mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna, mar a dh’àithn Maois.
22
Agus thog Aaron suas a làmhan a‑chum an t‑sluaigh, agus bheannaich e iad: agus thàinig e a‑nuas o ìobradh na h‑ìobairt-pheacaidh, agus na h‑ìobairt-loisgte, agus nan ìobairtean-sìthe.
23
Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach do phàillean a’ choitheanail, agus thàinig iad a‑mach, agus bheannaich iad an sluagh: agus dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna don t‑sluagh uile.
24
Agus thàinig teine a‑mach o làthair an Tighearna, agus loisg e air an altair an ìobairt-loisgte, agus an t‑saill: agus chunnaic an sluagh uile e, agus rinn iad iolach, agus thuit iad air an aghaidh.
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 10 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27