bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Leviticus 19
Leviticus 19
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 20 →
1
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
2
Labhair ri coitheanal chloinn Israeil uile, agus abair riu, Bithibh naomh: oir tha mise an Tighearna ur Dia naomh.
3
Biodh eagal ur màthar agus ur n‑athar air gach duine agaibh, agus gleidhibh mo shàbaidean: Is mise an Tighearna ur Dia.
4
Na rachaibh a thaobh gu iodhalan, agus na dèanaibh diathan leaghte dhuibh fhèin: Is mise an Tighearna ur Dia.
5
Agus ma dh’ìobras sibh ìobairt thabhartas-sìthe don Tighearna, ìobraidh sibh e de ur toil fhèin.
6
Anns an là sin fhèin anns an ìobair sibh i ithear i, agus air an là màireach: agus ma mhaireas a’ bheag dhith gus an treas là, loisgear anns an teine e;
7
Agus ma dh’ithear e idir air an treas là, is gràineil e; cha ghabhar e.
8
Uime sin gach neach a dh’itheas e, giùlainidh e a aingidheachd, a chionn gun do mhì-naomhaich e nì coisrigte an Tighearna: agus gearrar an t‑anam sin as o a shluagh.
9
Agus nuair a bhuaineas sibh foghar ur fearainn, cha bhuain thu gu buileach oisnean d’achaidh, cha mhò a chruinnicheas tu dìoghlaim d’fhogharaidh.
10
Agus cha tur-lom thu d’fhìonlios, cha mhò a chruinnicheas tu uile fhìon-dhearcan d’fhìonlios; don bhochd agus don choigreach fàgaidh tu iad: Is mise an Tighearna ur Dia.
11
Cha ghoid sibh, cha mhò a nì sibh breug, no a mheallas aon agaibh a chèile.
12
Agus cha mhionnaich sibh air m’ainm-sa gu breugach, cha mhò a mhì-naomhaicheas tu ainm do Dhè: Is mise an Tighearna.
13
Cha dèan thu fòirneart air do choimhearsnach, cha mhò a nì thu reubainn air; chan fhan duais an fhir-thuarasdail maille riut rè na h‑oidhche gu madainn.
14
Cha mhallaich thu am bodhar, agus ron dall cha chuir thu ceap-tuislidh, ach bidh eagal do Dhè ort; Is mise an Tighearna.
15
Cha dèan sibh eucoir sam bith ann am breitheanas; cha bhi suim agad do ghnùis an duine bhochd, cha mhò a bheir thu urram do ghnùis an duine chumhachdaich; ann an ceartas bheir thu breith air do choimhearsnach.
16
Cha tèid thu mun cuairt mar fhear-tuaileis am measg do shluaigh; cha mhò a sheasas tu an aghaidh fuil do choimhearsnaich: Is mise an Tighearna.
17
Cha bhi fuath agad dod bhràthair ann ad cridhe: air gach aon chor cronaichidh tu do choimhearsnach, agus chan fhuiling thu peacadh air.
18
Cha dèan thu dìoghaltas, cha mhò a bhios falachd agad ri cloinn do shluaigh, ach gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin: Is mise an Tighearna.
19
Gleidhidh sibh mo reachdan: Cha leig thu led sprèidh sìolachadh le gnè eile; cha chuir thu d’fhearann le sìol measgte: cha mhò a chuirear umad aodach measgte de olainn agus de lìon.
20
Agus ge bè neach a laigheas gu collaidh le mnaoi a tha na ban-tràill fo cheangal-pòsaidh aig fear, agus nach d’fhuasgladh idir, cha mhò a thugadh saorsa dhi, sgiùrsar i: cha chuirear gu bàs iad, a chionn nach robh i saor.
21
Agus bheir e a ìobairt-easaontais don Tighearna, gu doras pàillean a’ choitheanail, eadhon reithe mar ìobairt-easaontais.
22
Agus nì an sagart rèite air a shon le reithe na h‑ìobairt-easaontais an làthair an Tighearna, airson a pheacaidh a rinn e: agus maithear dha a pheacadh a rinn e.
23
Agus nuair a thig sibh don fhearann, agus a shuidhicheas sibh gach gnè chraobh airson bìdh, an sin measaidh sibh an toradh mar nì neo-thimcheall-gheàrrte: trì bliadhna bidh e dhuibh mar nì neo-thimcheall-gheàrrte: chan ithear dheth.
24
Ach air a’ cheathramh bliadhna bidh a thoradh uile naomh, a‑chum cliù don Tighearna.
25
Agus air a’ chòigeamh bliadhna ithidh sibh de a thoradh, a‑chum gun toir e a chinneas dhuibh: Is mise an Tighearna ur Dia.
26
Chan ith sibh nì sam bith leis an fhuil: cha mhò a ghnàthaicheas sibh draoidheachd, no a nì sibh fiosachd.
27
Cha bheàrr sibh mun cuairt oisnean ur ceann, cha mhò a mhilleas tu oisnean d’fheusaig.
28
Cha dèan sibh gearradh sam bith nur feòil airson nam marbh, cha mhò a chuireas sibh comharradh sam bith oirbh: Is mise an Tighearna.
29
Na truaill do nighean, a thoirt oirre a bhith na strìopaich; a‑chum nach toirear am fearann gu strìopachas, agus nach lìonar an dùthaich le aingidheachd.
30
Gleidhidh sibh mo shàbaidean agus bheir sibh urram dom ionad naomh: Is mise an Tighearna.
31
Na biodh suim agaibh dhiùbhsan aig a bheil leannain-shìdh, agus na iarraibh a dh’ionnsaigh luchd-fiosachd, gu bhith air ur truailleadh leo: Is mise an Tighearna ur Dia.
32
An làthair a’ chinn lèith èiridh tu suas, agus bheir thu urram do ghnùis an duine aosda, agus bidh eagal do Dhè ort: Is mise an Tighearna.
33
Agus ma bhios coigreach air chuairt maille riut nur tìr, cha bhuin sibh gu cruaidh ris.
34
Mar neach a rugadh nur measg bidh dhuibhse an coigreach a tha air chuairt maille ribh, agus gràdhaichidh tu e mar thu fhèin; oir bha sibh fhèin nur coigrich ann an tìr na h‑Eiphit: Is mise an Tighearna ur Dia.
35
Cha dèan sibh eucoir sam bith ann am breitheanas, ann an slait-thomhais, ann an cudthrom, no ann an tomhas.
36
Meidhean cearta, clachan-tomhais cearta, ephah cheart, agus hin cheart bidh agaibh: Is mise an Tighearna ur Dia, a thug sibhse a‑mach à tìr na h‑Eiphit.
37
Uime sin gleidhidh sibh mo reachdan uile, agus mo bhreitheanais uile, agus nì sibh iad: Is mise an Tighearna.
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 20 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27