bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Leviticus 2
Leviticus 2
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 3 →
1
Agus nuair a bheir neach air bith tabhartas-bìdh don Tighearna, bidh a thabhartas de fhlùr mìn: agus dòirtidh e ola air, agus cuiridh e tùis air:
2
Agus bheir e e gu mic Aaroin, na sagartan, agus gabhaidh e as làn a dhùirn de a fhlùr, agus de a ola, maille ra thùis uile; agus loisgidh an sagart a chuimhneachan air an altair, gu bhith na thabhartas air a thoirt suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.
3
Agus fuidheall an tabhartais-bhìdh, is le Aaron agus le a mhic e; is nì ro‑naomh e de thabhartasan an Tighearna air an toirt suas le teine.
4
Agus ma bheir thu seachad tabhartas-bìdh air a dheasachadh anns an àmhainn, is breacagan neo-ghortaichte de fhlùr mìn measgte le ola a bhios ann, no deàrnagan neo-ghortaichte, ungte le ola.
5
Agus mas tabhartas-bìdh air a dheasachadh ann an aghann a bhios ad thabhartas, bidh e de fhlùr mìn neo-ghortaichte, measgte le ola.
6
Roinnidh tu e na mhìrean, agus dòirtidh tu ola air: is tabhartas-bìdh a tha ann.
7
Agus ma bhios do thabhartas na thabhartas-bìdh on aghann-ròstaidh, nìthear e de fhlùr mìn le ola.
8
Agus bheir thu an tabhartas-bìdh, a nìthear de na nithean seo, a‑chum an Tighearna: agus nuair a thaisbeanar don t‑sagart e, bheir e e a‑chum na h‑altarach.
9
Agus gabhaidh an sagart as an tabhartas-bhìdh cuimhneachan dheth, agus loisgidh e e air an altair: is tabhartas a tha ann air a thoirt suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.
10
Agus an nì a dh’fhàgar den tabhartas-bhìdh, is le Aaron agus le a mhic e; tha e na nì ro‑naomh de thabhartasan an Tighearna air an toirt suas le teine.
11
Cha dèanar tabhartas-bìdh sam bith, a bheir sibh a dh’ionnsaigh an Tighearna, le taois ghoirt; oir cha loisg sibh a’ bheag de thaois ghoirt, no de mhil, ann an tabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine.
12
A‑thaobh tabhartas a’ chiad toraidh, bheir sibh seachad e don Tighearna: ach cha loisgear air an altair e a‑chum fàile chùbhraidh.
13
Agus gach tabhartas-bìdh a bheir thu leat, nì thu blasda le salann: cha mhò a leigeas tu le salann coicheangal do Dhè a bhith a dh’easbhaidh air do thabhartas-bìdh: led thabhartasan uile bheir thu seachad salann.
14
Agus ma bheir thu seachad tabhartas-bìdh ded chiad-thoradh don Tighearna, bheir thu seachad mar an tabhartas-bìdh ded chiad-thoradh, diasan glasa arbhair cruadhaichte leis an teine, eadhon sìol buailte as na diasan ùra.
15
Agus cuiridh tu ola air, agus leagaidh tu tùis air: is tabhartas-bìdh e.
16
Agus loisgidh an sagart a chuimhneachan, cuid de a arbhar buailte, agus cuid de a ola, maille ra thùis uile: is tabhartas e a bheirear suas le teine don Tighearna.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27