bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Leviticus 4
Leviticus 4
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 5 →
1
Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
2
Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Ma pheacaicheas anam trìd aineolais an aghaidh aoin sam bith de àitheantan an Tighearna (a‑thaobh nithean nach bu chòir a dhèanamh) agus gun dèan e nì an aghaidh aoin dhiubh;
3
Ma pheacaicheas an sagart a chaidh ungadh, a rèir peacadh an t‑sluaigh; an sin thugadh e airson a pheacaidh a pheacaich e, tarbh òg gun ghaoid a dh’ionnsaigh an Tighearna a‑chum ìobairt-pheacaidh.
4
Agus bheir e an tarbh gu doras pàillean a’ choitheanail an làthair an Tighearna; agus cuiridh e a làmh air ceann an tairbh, agus marbhaidh e an tarbh an làthair an Tighearna.
5
Agus gabhaidh an sagart a chaidh ungadh cuid de fhuil an tairbh, agus bheir e i gu pàillean a’ choitheanail.
6
Agus tumaidh an sagart a mheur anns an fhuil, agus crathaidh e cuid den fhuil seachd uairean an làthair an Tighearna, fa chomhair roinn-bhrat an ionaid naoimh.
7
Agus cuiridh an sagart cuid den fhuil air adhaircean altair na tùise cùbhraidh ann am fianais an Tighearna, a tha ann am pàillean a’ choitheanail; agus dòirtidh e fuil an tairbh uile aig bun altair na h‑ìobairt-loisgte, a tha aig doras pàillean a’ choitheanail.
8
Agus uile shaill tarbh na h‑ìobairt-pheacaidh bheir e air falbh uaithe; an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an t‑saill uile a tha air a’ mhionach,
9
Agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, a tha làimh ris an loch-lèin, agus an sgairt os cionn nan àinean; maille ris na h‑àirnean bheir e air falbh i,
10
Mar a thugadh air falbh i o tharbh ìobairt nan tabhartas-sìthe; agus loisgidh an sagart iad air altair na h‑ìobairt-loisgte.
11
Agus seiche an tairbh, agus a fheòil uile, maille ra cheann, agus maille ra chasan, agus a mhionach, agus a ghaorr,
12
Eadhon an tarbh gu h‑iomlan giùlainidh e a‑mach an taobh a‑muigh den champ gu ionad glan, far an dòirtear a‑mach an luath, agus loisgidh e air an fhiodh e le teine: far an dòirtear a‑mach an luath, loisgear e.
13
Agus ma pheacaicheas coitheanal Israeil uile trìd aineolais, agus gu bheil an nì falaichte o shùilean a’ cho-chruinneachaidh, agus gun do rinn iad nì‑eigin an aghaidh aoin sam bith de àitheantan an Tighearna, a‑thaobh nithean nach bu chòir a dhèanamh, agus gu bheil iad ciontach;
14
Nuair a bhios am peacadh, a pheacaich iad na aghaidh, aithnichte, an sin bheir an co‑chruinneachadh seachad tarbh òg airson a’ pheacaidh, agus bheir iad e fa chomhair pàillean a’ choitheanail.
15
Agus cuiridh seanairean a’ choitheanail an làmhan air ceann an tairbh an làthair an Tighearna; agus marbhar an tarbh an làthair an Tighearna.
16
Agus bheir an sagart a chaidh ungadh cuid de fhuil an tairbh gu pàillean a’ choitheanail.
17
Agus tumaidh an sagart a mheur ann an cuid den fhuil, agus crathaidh e i seachd uairean an làthair an Tighearna fa chomhair an roinn-bhrait.
18
Agus cuiridh e cuid den fhuil air adhaircean na h‑altarach a tha ann am fianais an Tighearna, a tha ann am pàillean a’ choitheanail, agus dòirtidh e a‑mach an fhuil uile aig bun altair na h‑ìobairt-loisgte, a tha aig doras pàillean a’ choitheanail.
19
Agus bheir e air falbh a shaill uile uaithe, agus loisgidh e i air an altair.
20
Agus nì e ris an tarbh mar a rinn e ri tarbh na h‑ìobairt-pheacaidh, mar sin nì e ris: agus nì an sagart rèite air an son, agus bheirear maitheanas dhaibh.
21
Agus bheir e a‑mach an tarbh an taobh a‑muigh den champ, agus loisgidh e e mar a loisg e an ciad tarbh: is ìobairt-pheacaidh e airson a’ cho-chruinneachaidh.
22
Nuair a pheacaicheas uachdaran, agus a nì e nì‑eigin trìd aineolais an aghaidh aoin sam bith de àitheantan an Tighearna a Dhia, a‑thaobh nithean nach bu chòir a dhèanamh, agus gu bheil e ciontach:
23
Ma thig a pheacadh, a pheacaich e, ga fhios, bheir e leis mar a thabhartas meann de na gobhair, beathach fireann gun ghaoid.
24
Agus cuiridh e a làmh air ceann a’ mhinn, agus marbhaidh e e anns an ionad anns am marbh iad an ìobairt-loisgte an làthair an Tighearna: is ìobairt-pheacaidh e.
25
Agus gabhaidh an sagart cuid de fhuil na h‑ìobairt-pheacaidh le a mheur, agus cuiridh e i air adhaircean altair an h‑ìobairt-loisgte, agus dòirtidh e a‑mach a fuil aig bun altair na h‑ìobairt-loisgte.
26
Agus loisgidh e a saill uile air an altair, mar a loisgear saill ìobairt nan tabhartas-sìthe: agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a pheacaidh, agus maithear dha e.
27
Agus ma pheacaicheas aon neach de shluagh na dùthcha trìd aineolais, nuair a tha e a’ dèanamh nì‑eigin an aghaidh aoin sam bith de àitheantan an Tighearna, a‑thaobh nithean nach bu chòir a dhèanamh, agus gu bheil e ciontach:
28
Ma thig a pheacadh, a pheacaich e, ga fhios, an sin bheir e leis mar a thabhartas meann de na gobhair, beathach boireann gun ghaoid, airson a pheacaidh a pheacaich e.
29
Agus cuiridh e a làmh air ceann na h‑ìobairt-pheacaidh, agus marbhaidh e an ìobairt-pheacaidh ann an ionad na h‑ìobairt-loisgte.
30
Agus gabhaidh an sagart cuid de a fuil le a mheur, agus cuiridh e i air adhaircean altair na h‑ìobairt-loisgte, agus dòirtidh e a‑mach a fuil uile aig bun na h‑altarach.
31
Agus bheir e aisde a saill uile, mar a bheirear an t‑saill a ìobairt nan tabhartas-sìthe; agus loisgidh an sagart i air an altair, a-chum fàile chùbhraidh don Tighearna: agus nì an sagart rèite air a shon, agus bheirear maitheanas dha.
32
Agus ma bheir e leis uan mar a thabhartas airson peacaidh, bheir e leis uan boireann gun ghaoid.
33
Agus cuiridh e a làmh air ceann an tabhartais-pheacaidh, agus marbhaidh e e mar ìobairt-pheacaidh anns an ionad anns am marbh iad an ìobairt-loisgte.
34
Agus gabhaidh an sagart cuid de fhuil na h‑ìobairt-pheacaidh le a mheur, agus cuiridh e i air adhaircean altair na h‑ìobairt-loisgte, agus dòirtidh e a‑mach a fuil uile aig bun na h‑altarach.
35
Agus bheir e aisde a saill uile, mar a bheirear air falbh saill an uain o ìobairt nan tabhartas-sìthe; agus loisgidh an sagart iad air an altair, a rèir nan tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a pheacaidh a rinn e, agus maithear dha e.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27