bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Hebrews 1
Hebrews 1
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 2 →
1
Dia, a labhair air iomadh àm, ʼs air iomadh seol, bho shean ris na h-aithrichean leis na faidhean:
2
Mu dheireadh uile labhair e ruinne anns na laithean so le Mhac, a dhʼ orduich e ʼna oighre air a h-uile ni, ʼs leis an dʼ rinn e an saoghal cuideachd:
3
Agus bhon is e dearrsadh a ghloir us dealbh a shusbuinn, ʼs e cumail suas gach ni le facal a chumhachd, a glanadh air falbh pheacannan, a tha ʼna shuidhe air laimh dheis na moralachd anns na h-ardaibh:
4
ʼSe air a dhianamh cho fad nas fhearr na na h-ainglean ʼsa tha an t-ainm, a shealbhaich e mar oighre, nas urramaiche na iadsan.
5
Oir co de na h-ainglean ris an tuirt e uair air bith: Is tu mo Mhac, an diugh ghin mi thu? ʼSa rithist: Bithidh mi dha na mʼ Athair, us bithidh esan domhsa ʼna Mhac?
6
ʼSa rithist nuair tha e toirt a chiadghin thun an t-saoghail, tha e g-radh: Agus thugadh ainglean De uile aoradh dha.
7
Agus ris na h-ainglean gu dearbh tha e g-radh: Esan a tha dianamh ʼainglean ʼnan spioraid, agus a sheirbhisich ʼnan lasair theine.
8
Ach ri Mhac: Tha do chathair, a Dhia, gu linn nan linn; slat a cheartais, si slat-rioghail do rioghachd-sa.
9
Thug thu gaol do ʼn cheartas, agus fuath do ʼn eucoir: air son sin dhʼ ung Dia do Dhia thu le ola an t-sòlais fos cionn do luchd-chomhphairt.
10
Agus: San toiseach steidhich thusa, a Thighearna, an talamh; agus na neamhan ʼsiad obair do lamh.
11
Teirigidh iadsan, ach mairidh thusa; agus fàsaidh iad uile sean mar eideadh:
12
ʼS mar thrusgan atharraichidh tu iad, agus bithidh iad air an atharrachadh: ach tha thusa mar, a bha, agus do bhliadhnaichean cha teirig.
13
Ach co de na h-ainglean ris an tuirt e uair air bith: Suidh thusa air mo laimh dheis, gus an dian mi do naimhdean ʼnan stol do chas?
14
Nach spioraid-fhrithealaidh iad uile, air an cur a fhrithealadh dhaibh-san, a ghlacas oighreachd an t-sabhalaidh?
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13