bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Hebrews 7
Hebrews 7
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 8 →
1
A nis bʼ e Melchisedec so, righ Shaleim, sagart Dhe, an Tì is airde, a choinnich Abraham, ʼs e tilleadh bho àr nan righrean, agus a bheannaich e;
2
Dha ʼn do roinn Abraham deicheamh de gach ni: is esan an toiseach gu dearbh le eadar-theangachadh righ a cheartais, ʼsa rithist righ Shaleim, se sin, righ na sithe,
3
Gun athair, gun mhathair, gun shinnsearachd, gun thùs laithean, ʼs gun dheireadh saoghail, ach coltach ri Mac Dhe mairidh e ʼna shagart a chaoidh.
4
Beachdaichibh a nis air cho mor ʼsa tha an duine so, dha ʼn tug Abraham fhein, an t-ard-athair, deicheamh de na nichean a bʼaraide.
5
A nis gu dearbh tha, aig a chuid sin de mhic Lebhi a tha faighinn na sagartachd, àithne deicheamh a thogail bho ʼn phobull a reir an lagha, se sin, bho ʼm braithrean fhein, ged a thainig iadsan cuideachd á leasraidh Abrahaim.
6
Ach esan, nach eil air a shloinneadh ʼnam measg-san, thog e deicheamh bho Abraham, agus bheannaich e esan aig an robh na gealltanasan.
7
Agus gun ag air bith beannaichear na tha nas lugha le sin a tha nas fhearr.
8
Agus an so gu dearbh tha daoine bàsmhor a faighinn dheicheamh: ach an sid tha fianuis aige, gum beil e beo.
9
Agus (mar a dhʼ fhaodar a radh) Lebhi fhein a fhuair an deicheamh, thogadh deicheamh bhuaithe ann an Abraham:
10
Oir bha e fhathast an leasraidh ʼathar, nuair a choinnich Melchisedec e.
11
Ma bha coimhliontachd ma ta ri faighinn leis an t-sagartachd lebhiteach (oir ʼsann foipe a fhuair am pobull an lagh), ciod am feum tuilleadh air sagart eile eirigh a reir ordugh Mhelchisedeic, ʼs nach biodh air a ghairm a reir ordugh Aaroin?
12
Oir air do ʼn t-sagartachd a bhith air a h-atharrachadh, is fheudar gun atharraichear cuideachd an lagh.
13
Oir esan, mu bheil iad so air an labhairt, ʼsann de threibh eile e, dhe nach do fhritheil gin aig an altair:
14
Oir tha e soilleir gur h-ann bho Iuda, a thainig ar Tighearna, treibh air nach tug Maois dad a dhʼ iomradh mu shagairt.
15
Agus tha e nas soilleire fhathast: ma dhʼ eireas sagart eile a reir coltas Mhelchisedeic,
16
Nach dʼ rinneadh a reir lagh fainte feolmhoire, ach a reir cumhachd beatha mairionnaich:
17
Oir tha e toirt teisteanais: Gum beil thu na dʼ shagart gu brath a reir ordugh Mhelchisedeic.
18
Thathas gu dearbh a cur na ciad fhainte air chul, as leth a laigse agus a neo-thairbhe:
19
Oir cha tug an lagh ni air bith gu coimhliontachd: ach thug e a dhʼ ionnsuidh dochais nas fhearr, leis an tarruinn sinn teann air Dia.
20
Agus a mhiad ʼs nach eil e gun mhionn (oir gu dearbh rinneadh càch ʼnan sagairt gun mhionn:
21
Ach e so le mionn leis-san, a thuirt ris: Mhionnaich an Tighearna, ʼs cha ghabh e aithreachas: tha thu na dʼ shagart gu brath;)
22
Air cheart urad rinneadh Iosa ʼna urras air tiomnadh nas fhearr.
23
Agus de chàch gu dearbh rinneadh moran shagart, a bhrigh nach do leigeadh leo leis a bhàs a bhith buan:
24
Ach aige-san, leis gum mair e a chaoidh, tha sagartachd shiorruidh.
25
Le sin tha e ʼna chomas daonnan iadsan a shabhaladh, a thig gu Dia leis, ʼs e beo an comhnuidh gu eadar-ghuidh a dhianamh air ar son.
26
Oir bha e riatanach gum biodh a leithid so againn de dhʼ ard-shagart, naomh, neochiontach, neo-thruaillidh, tearbte bho pheacaich, agus diante nas airde na na neamhan:
27
Nach ruig a leas a h-uile latha (mar shagairt eile), iobairtean a thairgse suas an toiseach air son a pheacannan fhein, a rithist air son peacannan a phobuill: oir rinn e so aon uair, le e fhein a thairgse suas.
28
Oir tha an lagh a dianamh shagart de dhaoine, a tha buailteach do laigse: ach rinn facal a mhionna, a tha an deigh an lagha, am Mac coimhlionta gu siorruidh.
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 8 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13