bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Hebrews 5
Hebrews 5
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 6 →
1
Oir tha h-uile ard-shagart air a thoirt á measg dhaoine, agus air orduchadh air son dhaoine anns na nichean a tha a thaobh Dhe, gu tobhartasan agus iobairtean a thairgse suas air son pheacannan:
2
Aʼs urrainn truas a ghabhail riusan a tha aineolach agus air seachran: a chionn gum beil e fhein cuideachd air a chuairteachadh le laigse:
3
Agus le sin is còir dha, ceart mar air son a phobuill, amhuil cuideachd air a shon fhein tairgseadh suas air son pheacannan.
4
Cha mhua tha duine air bith a gabhail na h-onaire so dha fhein, ach esan a tha air a ghairm le Dia, mar a bha Aaron.
5
Mar sin cuideachd cha do ghloraich Criosta e fhein gu bhith air a dhianamh ʼna ard-shagart, ach esan a thuirt ris: Is tu mo Mhac, an diugh ghin mi thu.
6
Mar a tha e g-radh cuideachd an aite eile: Tha thu na dʼ shagart gu brath a reir ordugh Mhelchisedeic.
7
Neach ann an laithean a fheola, a cur suas urnaighean agus achanaich le cruaidh ghaoir, ʼs le deoir ris-san, a bha comasach air a thearnadh bho ʼn bhàs, fhuair e eisdeachd as leth a mhor mhodh.
8
Agus bhon a bʼ e ga rireamh Mac Dhe, dhʼ fhaghluim e umhlachd bho na nichean a dhʼ fhuilig e;
9
ʼS an deigh dha criochnachadh, bha e ʼna aobhar sabhalaidh shiorruidh dhaibh-san uile, a tha umhailt dha,
10
Air a ghairm le Dia ʼna ard-shagart a reir ordugh Mhelchisedeic.
11
Mu bheil moran againn ri radh, agus tha e duilich ri innse ann an cainnt a thuigear: a chionn ʼ s gun dʼ fhas sibh lag gu eisdeachd.
12
Oir ged bu chòir dhuibh a bhith a thaobh an ama ʼnur maighistirean, ʼsann tha feum agaibh air ur teagasg a rithist, ciod iad ciad phongan facail Dhe; ʼs gun dʼ fhàs sibh ʼnur sluagh aig a bheil feum air bainne, ʼs cha n-ann air biadh laidir.
13
Oir tha, a h-uile h-aon a tha gabhail bainne, aineolach air facal a cheartais: oir is naoidhean e.
14
Ach tha biadh laidir air son dhaoine coimhlionta, aig a bheil an ceudan, le neart cleachdaidh, ionnsuichte ri math us olc a dhealachadh bho cheile.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13