bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Hebrews 6
Hebrews 6
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 7 →
1
Air an aobhar sin a leigeil seachad ciad-thoiseach teagasg Chriosta, gabhamaid air ar n-adhart gu nichean nas coimhlionta, gun a bhith a rithist a leagadh steidh an aithreachais bho oibrichean marbha, agus creidimh a thaobh Dhe,
2
Teagasg nam baisteadh, us leagadh lamhan, ʼs aiseirigh nam marbh, agus a bhreitheanais shiorruidh.
3
Agus ni sinn so, ma leigeas Dia sin leinn.
4
Oir is ni nach gabh dianamh, iadsan, a chaidh aon uair a shoilleireachadh, ʼsa bhlais a ghibht fhlathasach, ʼsa ghlac an Spiorad Naomh,
5
ʼSa bhlais cuideachd facal math Dhe, agus feartan an t-saoghail ri tighinn,
6
ʼSa thuit air falbh, ùrachadh a rithist gu aithreachas, iad a ceusadh dhaibh fhein a rithist Mhic Dhe, ʼsa dianamh ball-fanaid dheth.
7
Oir an talamh a shughas na frasan lionor, a tha tighinn air, ʼsa bheir a mach luibhean iomchuidh dhaibh-san, a tha ga aiteachadh, gheobh e beannachd bho Dhia:
8
Ach sin a bheir a mach dreigheann us sgitheach, tha e daobhaidh, ʼs gle theann air mollachd; dha ʼn deireadh a losgadh.
9
Ach, a mhuinntir mo mhor ghraidh, tha sinn earbsach á nichean nas fhearr bhuaibhse, agus nas tinne air sabhaladh, ged tha sinn a labhairt mar so.
10
Oir cha n-eil Dia mi-cheart, an rathad ʼs gun leig e an diochuimhne ur dianadas, ʼs an gaol a dhʼ fhiach sibh ʼna ainm, sibhse a fhritheil, ʼsa tha frithealadh do na naoimh.
11
Agus se ar toil, gum fiach gach aon agaibh an eud ciadna gu coimhlionadh an dochais thun na criche;
12
Gus nach fhàs sibh leisg, ach ʼnur luchd-leanmhuinn orrasan, a bhitheas le creideamh ʼs le faighidin ʼnan oighreachan air na gealltanasan.
13
Oir Dia, a toirt a ghealltanais do. Abraham, bho nach robh a h-aon sam bith aige bu mhua, air am mionnaicheadh e, mhionnaich e air fhein,
14
A g-radh: A beannachadh mur beannaich mi thu, ʼsa lionsgaradh mur lionsgair mi thu.
15
Agus mar sin, le feitheamh gu faighidneach, choisinn e an gealltanas.
16
Oir ʼsann air fear nas mua na iad fhein a bheir daoine mionnan; agus mar dhaingneachadh, se mionn crioch gach deaspuid aca.
17
Uime sin Dia, an geall air neo-chaochlaideachd a bheachd fhiachuinn na bu lan-phailte do oighreachan a ghealltanais, mhionnaich e:
18
A los, tromh dhà ni neo-chaochlaideach, leis nach urrainn gun dian Dia briag, gum bi an fhurtachd is treasa againne, a tha ruith fo dhion gu greim a dhianamh air an dochas a chuireadh romhainn,
19
A thʼ againn mar acair an anma, cinnteach agus daingeann, ʼsa tha gabhail gu taobh stigh an sgàilein,
20
Far an deach Iosa an roimh-theachdair a stigh air ar son, a rinneadh ʼna ard-shagart gu siorruidh a reir ordugh Mhelchisedeic,
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 7 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13