bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Hebrews 2
Hebrews 2
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 3 →
1
As leth sin is còir dhuinn na nichean a chuala sinn a chumail le barrachd dichill, air eagal ma dhʼ fhaoidte gun leig sinn ruith leo.
2
Oir ma rinneadh am facal, a chaidh a labhairtle ainglean, steidheil, ʼs ma fhuair a h-uile coire agus as-umhlachd a cheart dhuais, a thoill iad,
3
Ciamar a bhios dol as againn, ma ni sinn dearmad air sabhaladh cho mor? a chaidh innse an toiseach leis an Tighearna, ʼsa chaidh dhaingneachadh dhuinn leo-san a chuala e,
4
Dia fhein a togail fianuis dhaibh le comharraidhnean, ʼs le beartan iongantach, ʼs le ioma miarailt, agus le riarachadh grasan an Spioraid Naoimh a reir a thoil fhein.
5
Oir cha do chuir Dia an saoghal a tha ri tighinn, air a bheil sinn a labhairt, fo smachd nan aingeal.
6
Ach an aite araid thug fear teisteanas, a g-radh: Ciod e an duine, gum beil thu cuimhneach air, no mac an duine, gum beil thu sealltuinn air?
7
Rinn thu e beagan nas isle na na h-ainglean, chrun thu e le gloir agus le onair: agus shuidhich thu e thairis air oibrichean do lamh.
8
Chuir thu a h-uile ni fo chasan. Oir le cur gach ni fo a smachd, cha dʼ fhag e ni gun a chur fodha. Ach fhathast cha n-eil sinn a faicinn gach ni fo a smachd.
9
Ach tha sinn a faicinn Iosa, a rinneadh beagan nas isle na na h-ainglean, as leth fulangas a bhàis air a chrunadh le gloir ʼs le onair: los le grasan De gum blaiseadh e air a bhàs air son nan uile.
10
Oir thigeadh dhasan, air son am beil nichean uile, us troimh am beil nichean uile, ʼsa thug moran cloinne gu gloir, gun dianteadh ughdair an t-sabhalaidh coimhlionta le a phàis.
11
Oir esan a tha naomhachadh, us iadsan a tha air an naomhachadh, ʼsann bho a h-aon iad uile. Air an aobhar sin cha nàr leis braithrean a chantuinn riu, a g-radh:
12
Innsidh mi tʼ ainm dha mʼ bhraithrean: am miadhon na h-eaglaise molaidh mi thu.
13
ʼSa rithist: Cuiridh mi mo dhochas ann. ʼSa rithist: Faic mise, ʼs mo chlann, a thug Dia dhomh.
14
A bhrigh ma ta gum beil a chlann a comh-phairteachadh de dhʼ fheoil ʼs de dhʼ fhuil, is amhuil sin a ghabh e fhein comh-roinn sna nichean ciadna: los le bhàs gun sgriosadh e esan aig an robh cumhachd a bhàis, se sin an deomhan;
15
Agus gun saoradh e iadsan, a bha le eagal a bhàis, ré am beatha gu leir, buailteach do dhaorsa.
16
Oir cha dʼ rinn e idir greim air na h-ainglean, ach rinn e greim air siol Abrahaim.
17
Bho sin bu choir dha anns gach ni a bhith diante coltach ri bhraithrean, gus e bhith ʼna ard-shagart iochdor, agus dileas a thaobh Dhe, los reite a dhianamh air son ciontan an t-sluaigh.
18
Oir le feart fhulangais fhein ʼsa bhuairidh, tha e comasach air iadsan, a tha fo bhuaireadh, a chomhnadh.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13