bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Hebrews 13
Hebrews 13
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
1
Fanadh carrantachd bhraithreil unnaibh.
2
ʼS na diochuimhnichibh aoidheachd: oir, gun fhios daibh, rinn cuid leatha so fialachd ri ainglean.
3
Cuimhnichibh iadsan, a tha an cuibhrichean, mar gum biodh sibh fhein an cuibhrichean maille riu; agus iadsan a tha an airc, mar a tha sibh fhein sa choluinn.
4
Tha am posadh urramach anns gach uile, agus an leaba neo-thruaillidh. Oir air luchd striopachais agus adhaltrais bheir Dia breth.
5
Biodh ur beusan gun sannt, bithibh toilichte leis na thʼ agaibh: oir thuirt esan: Cha n-fhag mi thu, agus cha treig.
6
Air chor ʼs gum faod sinn a radh gu misneachail: Se an Tighearna mʼ fhear-cuideachaidh: cha ghabh mi eagal á ciod a ni duine orm.
7
Cuimhnichibh ur luchd-eaglais, a labhair facal De ribh: leanaibh an creideamh, a beachdachadh air crich an caithe-beatha.
8
Iosa Criosta tha an dé, agus an diugh, tha agus gu siorruidh.
9
Na bithibh air ur tarruinn air falbh le teagasgan coimheach ʼs de chaochla seorsa. Oir se is fhearr an cridhe neartachadh le grasan, agus cha n-ann le biadhan, nach dʼ rinn tairbhe dhaibhsʼ a bha gan cleachdadh.
10
Tha altair againn, dhe nach eil comas aca-san icheadh, a tha an seirbhis na paillinn.
11
Oir tha cuirp nan ainmhidhean sin, aig a bheil am fuil air a toirt a stigh do ʼn Ionad-naomh leis an ard-shagart as leth peacaidh, air an losgadh taobh-mach a champa.
12
Air an aobhar sin Iosa mar an ciadna, gus am pobull a naomhachadh le fhuil fhein, dhʼ fhuilig e air taobh-mach a gheata.
13
Rachamaid a mach ma ta ga ionnsuidh gu taobh-mach a champa, a giulan a mhaslaidh-san.
14
Oir cha n-eil baile buan againn an so, ach tha sinn a sireadh aon a tha ri tighinn.
15
Troimh-san ma ta tairgemid daonnan suas do Dhia iobairt mholaidh, se sin, toradh bhilean a tha g-aideachadh ʼainme.
16
Ach na diochuimhnichibh math a dhianamh, us buileachadh air a cheile: oir le iobairtean mar so coisnear deagh thoil Dhe.
17
Bithibh umhailt dha ʼr pearsachan-eaglais, us bithibh striochdte dhaibh. Oir tha iadsan ri faire mar dhaoine aig a bheil cunntas ri thoirt air ur n-anmannan, los gun dian iad so le sòlas, ʼs cha n-ann le bròn: oir cha n-eil so freagrach dhuibh.
18
Guidhibh air ar son-ne: oir tha sinn a g-earbsa gum beil deagh chogais againn, us sinn an rùn sinn fhein a ghiulan gu math anns a h-uile ni.
19
Agus tha mi guidhe nas mua oirbh so a dhianamh, los gun toirear air ais mi h-ugaibh nas luaithe.
20
ʼS gum bʼ e Dia na sithe, a thog bho na mairbh a rithist buachaill mor nan caorach, ar Tighearna Iosa Criosta, ann am fuil an tiomnaidh shiorruidh,
21
A dhʼ uidheamaicheas sibh gus a h-uile math, los gun dian sibh a thoil: e fhein a g-oibreachadh unnaibh na tha taitneach ʼna lathair tromh Iosa Criosta, dha bheil gloir fad linn nan linn, Amen.
22
Agus tha mi guidhe oirbh, a bhraithrean, gun cuir sibh suas leis an fhacal shòlasach so. Oir sgriobh mi h-ugaibh am beagan bhriathran.
23
Biodh fios agaibh gum beil ar brathair, Timoti, air faighinn saorsuinn: comhla ris-san (ma thig e gu h-aithghearr) chi mi sibh.
24
Cuiribh fàilt air ur pearsachan-eaglais uile, ʼs air na naoimh uile. Tha na braithrean bho ʼn Eadailt a cur bheannachdan gu ʼr n-ionnsuidh.
25
Grasan gun robh maille ribh uile. Amen.
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13