bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Hebrews 3
Hebrews 3
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 4 →
1
Air an aobhar sin, a bhraithrean naomha, aig am beil comh-phairt anns a ghairm fhlathasaich, gabhaibh beachd air ostal ʼs ard-shagart ar n-aideachaidh, Iosa:
2
A tha dileas dhasan a rinn e, mar a bha Maois fhein ʼna thigh uile.
3
Oir mheasadh e so ʼna airidh air tuille gloire na Maois, a reir ʼs mar is fhiach esan, a thog an tigh, barrachd onaire na an tigh fhein.
4
Oir tha h-uile tigh air a thogail le fear no fear: ach esan a chruthaich a h-uile ni, se Dia.
5
Agus bha Maois gu dearbh dileas ʼna thigh uile mar sheirbhiseach, gu teisteanas a thoirt air na bha ri ʼn labhairt:
6
Ach bha Criosta mar mhac ʼna thigh fhein: agus is sinne an tigh sin, ma chumas sinn gu teann earbsa agus gloir an dochais gus a chrioch.
7
Uime sin mar tha an Spiorad Naomh a g-radh: An diugh ma chluinneas sibh a ghuth,
8
Na cruadhaichibh ur cridheachan mar anns an fheargachadh, ann an latha a bhuairidh san fhasach,
9
Far na bhuair ur n-aithrichean mi: dhearbh us chunnaic iad mo ghniomhan.
10
Fad dafhichead bliadhna: as leth sin bha diumb agam ris a ghinealach so, us thuirt mi: Tha iad daonnan air seachran ʼnan cridhe. Agus mo rathnidean-sa cha bʼ aithne dhaibh,
11
Mar a mhionnaich mi na mʼ fheirg: Ma theid iad a stigh dha mʼ fhois.
12
Seallaibh, a bhraithrean, air eagal ma dhʼ fhaoidte gum bi droch cridhe a mhi-chreidimh ann am fear no fear agaibh, gus an Dia beo a threigsinn:
13
Ach brosnaichibh gach a cheile a h-uile latha, fhad ʼsa theirear An diugh ris, gus nach cruadhaichear gin dhibh le mealltaireachd a pheacaidh.
14
Oir rinneadh comh-phairtiche Chriosta dhinn: ach ʼsann, ma se ʼs gun gleidh sinn toiseach a shusbuinn gu daingeann gus a chrioch.
15
Am feadh a theirear: An diugh ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridheachan, amhuil mar san fheargachadh sin.
16
Oir chuir cuid a chuala fearg air; ach cha dʼ rinn iad uile so, a thainig a mach as an Eiphit le Maois.
17
Ach co ris a bha dhiumb fad dàfhichead bliadhna? Nach ann riusan a pheacaich, ʼs dha na laidh an closaichean san fhasach?
18
Agus co dha ʼn do mhionnaich e nach rachadh iad a stigh gu fhois, ach dhaibh-san a bha mi-chreideach?
19
ʼS tha sinn a faicinn, nach bʼ urrainn daibh dol a stigh, as leth am mi-chreidimh.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13