bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Romans 12
Romans 12
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 13 →
1
Air an adhbhar sin guidheam oirbh, a bhràithrean, tre thròcairean Dhè, ur cuirp a thoirt nam beò-ìobairt, naoimh, thaitnich do Dhia, nì as e ur seirbhis reusanta.
2
Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth-atharrachadh tre ath-nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè.
3
Oir tha mi ag ràdh, tron ghràs a thugadh dhomh, ris gach neach nur measg, gun smaoineachadh uime fhèin nas àirde na as còir dha smaoineachadh; ach smaoineachadh ann am measarrachd, a rèir mar a roinn Dia ris gach neach tomhas a’ chreidimh.
4
Oir mar a tha mòran bhall againn ann an aon chorp, agus nach e an t‑aon ghnìomh a tha aig gach ball;
5
Amhail sin ged tha sinne nar mòran, is aon chorp ann an Crìosd sinn, agus is buill sinn gach aon fa leth da chèile.
6
Uime sin air a bhith de thìodhlacan againn, eadar-dhealaichte a rèir a’ ghràis a thugadh dhuinn; mas fàidheadaireachd, dèanamaid fàidheadaireachd a rèir tomhas a’ chreidimh;
7
No mas frithealadh, thugamaid aire dar frithealadh; no an tì a theagaisgeas, thugadh e aire da theagasg;
8
No an tì a bheir earail, thugadh e aire da earail: an tì a roinneas an dèirc, roinneadh e i an treibhdhireas; an tì a riaghlas, dèanadh e e le dùrachd; an tì a nì tròcair, dèanadh e e gu suilbhir.
9
Biodh ur gràdh gun cheilg. Biodh gràin agaibh den olc; dlùth-leanaibh ris an nì a tha math.
10
Bithibh teò-chridheach ri chèile le gràdh bràthaireil, ann an urram a’ toirt toisich gach aon da chèile:
11
Gun a bhith leisg ann an gnothaichean; dùrachdach nur spiorad; a’ dèanamh seirbhis don Tighearna;
12
A’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas; foighidinneach ann an trioblaid; maireannach ann an ùrnaigh:
13
A’ co‑roinn ri uireasbhaidh nan naomh; a’ gnàthachadh aoidheachd.
14
Beannaichibh an dream a tha a’ dèanamh geur-leanmhainn oirbh: beannaichibh, agus na mallaichibh.
15
Dèanaibh gàirdeachas maille riùsan a tha ri gàirdeachas, agus caoidh maille riùsan a tha ri caoidh.
16
Bithibh a dh’aon rùn da chèile. Na biodh ur cion air nithean àrda, ach cuiribh sibh fhèin ann an co‑inbhe riùsan a tha ìosal. Na bithibh glic nur barail fhèin.
17
Na ìocaibh olc airson uilc do dhuine sam bith. Ullaichibh nithean ciatach am fianais nan uile dhaoine.
18
Ma dh’fhaodas e a bhith, a mheud is a tha e an comas dhuibh, bithibh an sìth ris na h‑uile dhaoine.
19
A chàirdean gràdhach, na dèanaibh dìoghaltas air ur son fhèin, ach thugaibh àite don fheirg: oir tha e sgrìobhte, Is leamsa dìoghaltas; ìocaidh mi, tha an Tighearna ag ràdh.
20
Uime sin, ma bhios do nàmhaid acrach, thoir biadh dha; ma bhios e tartmhor, thoir deoch dha: oir le seo a dhèanamh càrnaidh tu èibhlean teine air a cheann.
21
Na toirear buaidh ort leis an olc, ach thoir-sa buaidh air an olc leis a’ mhath.
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 13 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16