bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Romans 6
Romans 6
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 7 →
1
Ciod, matà, a their sinn? Am buanaich sinn anns a’ pheacadh, a‑chum gum meudaichear gràs?
2
Nar leigeadh Dia: cionnas a dh’fhaodas sinne, a tha marbh don pheacadh, ar beatha a chaitheamh nas fhaide ann?
3
Nach eil fhios agaibh, a mheud againn is a bhaisteadh ann an Iosa Crìosd, gun do bhaisteadh a‑chum a bhàis sinn?
4
Air an adhbhar sin dh’adhlaiceadh sinn maille ris tre an bhaisteadh a‑chum bàis: ionnas mar a thogadh Crìosd suas o na mairbh le glòir an Athar, mar sin gun gluaiseamaid-ne mar an ceudna ann an nuadhachd beatha.
5
Oir ma chaidh ar suidheachadh maraon ann an coslas a bhàis, bidh sinn mar an ceudna air ar suidheachadh ann an coslas a aiseirigh.
6
Air fhios seo a bhith againn, gu bheil ar seann duine air a cheusadh maille ris, ionnas gum biodh corp a’ pheacaidh air a sgrios, a‑chum à seo suas nach dèanamaid seirbhis don pheacadh.
7
Oir an tì a fhuair bàs, rinneadh saor e on pheacadh.
8
A‑nis ma fhuair sinn bàs maille ri Crìosd, tha sinn a’ creidsinn gum bi sinn beò maille ris mar an ceudna:
9
Air dhuinn fios a bhith againn air do Chrìosd èirigh o na mairbh, nach bàsaich e nas mò; chan eil tighearnas aig a’ bhàs nas mò air.
10
Oir a mheud is gun d’fhuair e bàs, is ann don pheacadh a fhuair e bàs aon uair a‑mhàin: ach a mheud is gu bheil e beò, is ann do Dhia a tha e beò.
11
Mar sin mar an ceudna measaibh-se gu bheil sibh fhèin gu deimhinn marbh don pheacadh, ach beò do Dhia tre Iosa Crìosd ar Tighearna.
12
Air an adhbhar sin na rìoghaicheadh am peacadh nur corp bàsmhor, air chor is gun tugadh sibh ùmhlachd dha na ana-miannan.
13
Agus na tugaibh ur buill nan airm euceirt don pheacadh: ach thugaibh sibh fhèin do Dhia, mar dhream a tha beò o na mairbh, agus ur buill nan airm fìreantachd do Dhia.
14
Oir cha bhi aig a’ pheacadh tighearnas oirbh: oir chan eil sibh fon lagh, ach fo ghràs.
15
Ciod uime sin? Am peacaich sinn, do bhrìgh nach eil sinn fon lagh, ach fo ghràs? Nar leigeadh Dia.
16
Nach eil fhios agaibh, an tì don toir sibh sibh fhèin mar sheirbhisich a‑chum ùmhlachd, gur seirbhisich sibh don tì don dèan sibh ùmhlachd; mas ann don pheacadh a‑chum bàis, no do ùmhlachd a‑chum fìreantachd?
17
Ach buidheachas do Dhia, an dèidh dhuibh a bhith nur seirbhisich don pheacadh, gun tug sibh o ur cridhe ùmhlachd don chumadh teagaisg sin don tugadh sibh thairis.
18
Air dhuibh, matà, a bhith air ur dèanamh saor on pheacadh, rinn sibh seirbhis don fhìreantachd.
19
Tha mi a’ labhairt mar dhuine, airson anfhainneachd ur feòla-se: oir mar a thug sibh ur buill mar sheirbhisich do neòghlaine, agus do euceart a‑chum euceirt, amhail sin a‑nis thugaibh ur buill mar sheirbhisich don fhìreantachd, a‑chum naomhachd.
20
Oir nuair a bha sibh nur seirbhisich don pheacadh, bha sibh saor on fhìreantachd.
21
Air an adhbhar sin ciod an toradh a bha agaibh an sin anns na nithean sin a tha a‑nis a’ cur nàire oirbh? Oir is e crìoch nan nithean sin am bàs.
22
Ach a‑nis air dhuibh a bhith saor on pheacadh, agus nur seirbhisich do Dhia, tha ur toradh agaibh a‑chum naomhachd, agus a’ chrìoch a’ bheatha mhaireannach.
23
Oir is e tuarasdal a’ pheacaidh am bàs: ach is e saor-thìodhlac Dhè a’ bheatha mhaireannach, tre Iosa Crìosd ar Tighearna.
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 7 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16